agenda ypsp residential 2017 - sportscotland · web viewtha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn...

Post on 31-Aug-2020

0 Views

Category:

Documents

0 Downloads

Preview:

Click to see full reader

TRANSCRIPT

Duilleag Fiosrachadh Tagraidh

Fàilte gu duilleag fiosrachaidh a’ phròiseas tagraidh airson a bhith mar phàirt den cheathramh pannal de Spòrs Dhaoine Òga.

Ma tha sibh airson an fhiosrachaidh seo a chluinntinn no a choimhead ann am BSL, tadhailibh air www.sportscotland.org.uk/sportpanel-accessibility .

A bheil sibh airson a bhith nur guth do dhaoine òga ann an spòrs?

Cò tha sinn a’ lorg?

Fuireach ann an Alba?

Aois eadar 14-23?

Dìoghrasach mu spòrs?

Airson diofar a dhèanamh?

Mu 3 uairean a thìde gach seachdain agad?

Dè th’ anns a’ phannal spòrs agus cò anns a tha iad air a bhith an sàs? Faigh a-mach tuilleadh mu dheidhinn na tha buill a’ phannail spòrs a’ dèanamh agus air a dhèanamh aig www.sportscotland.org.uk/sportpanel .

Ciamar a nì mi tagradh? Is iad na roghainnean tagraidh:

Tagradh air-loidhne Tagradh clò-bhuailte Tagradh bhidio

Tagradh air-loidhneBu chòir dha 20 mionaid a thoirt a’ lìonadh an tagraidh.

CHAN URRAINN DHUT SÀBHALADH MAR A BHIOS TU A’ DOL AIR ADHART– dh’fhaodadh gum bu chòir dhut beachdachadh air do fhreagairtean ullachadh ro-làimh, agus an cur a-steach uile aig an aon àm no clò-bhuail an fhoirm tagraidh, theirig troimhe agus an uair sin lìon e air-loidhne aon uair ’s gu bheil thu air na h-earrannan uile a lìonadh.

Foirm tagraidh clò-bhuailteMa tha thu airson foirm clò-bhuailte a chur a-steach, ’s e an seòladh:

YPSP 2018spòrsalbaDoges,

Templeton on the Green

62 Sràid Templeton

Glaschu, G40 1DA

Tagradh bhidioNam b’ fheàrr leat bhidio ghoirid a luchdachadh suas, tha cuideachadh airson seo ri lorg aig www.sportscotland.org.uk/sportpanel

Feumaidh tu am film agad a chlàradh mus tòisich thu air an tagradh agad, gus am bi an seòladh làrach-lìn deiseil agad airson a steigeadh a-steach don cheist cheart.

Ainmich a’ cheist agus thoir seachad do fhreagairt.

Ceann-latha deireannach

Tha an t-àm deireannach airson nan tagraidhean uile aig meadhan-latha Diluain 22mh Gearran.

Na dh’fheumas tu de dh’fhiosrachadhTha feum aig na trì ceistean uile air 200 facal no nas lugha. Ma tha thu a’ cleachdadh bhidio, bu chòir don bhidio seo a bhith 3 mionaidean no nas lugha.

Ceistean

Seo na ceistean a bhios sinn a’ faighneachd, còmhla ri cuid de dh’eisimpleirean gus do chuideachadh ag ullachadh airson an tagraidh. Chan eil an seo ach molaidhean, mar sin cuir ris nì sam bith a tha thu a’ faireachdainn a neartaicheadh do thagradh:

Ceistean coitcheann gus tuilleadh fhaighinn a-mach mud dheidhinn: ainm, seòladh, is eile.

Ceist 1 – D’ eòlas ann an spòrs?Innis dhuinn mu do eòlas(an) ann an spòrs.

Beachd cuideachail: Thoir iomradh air na tha thu air a dhèanamh agus mar a tha thu air a bhith an sàs, le bhith toirt seachad eisimpleirean, me obair shaor-thoileach, neach-amharc, com-pàirteachadh, coidseadh, oifigeach, eagraichear tachartais/farpais, ball de chomataidh, tosgaire, neach-naidheachd, deilbhiche, blogair.

Ceist 2 – Do Ghuth Tha sinn airson gun riochdaich thu guth do dhaoine òga ann an spòrs.

Innis dhuinn dè an diofar a tha thu airson a dhèanamh ann an spòrs do dhaoine òga.

Beachd cuideachail: Thoir dhuinn eisimpleirean de na b’ fheàrr leat a dhèanamh anns an dreuchd airson diofar a dhèanamh.

Ceist 3 – A bheil thu suas ris? Innis dhuinn carson a tha thu airson a bhith air Pannal Spòrs Dhaoine Òga.

Beachd cuideachail: Innis dhuinn dè tharraing thu gu tagradh agus thoir dhuinn eisimpleirean de na sgilean, fiosrachadh agus eòlas as urrainn dhut a thoirt gu dreuchd a’ phannail spòrs.

Rèitire Thoir dhuinn fios conaltraidh aon rèitire – dh’fhaodadh seo a bhith cuideigin mar tidsear, coidse, obraiche taic, co-obraiche no mar sin (far an gabh e a dhèanamh, cha bu choir dha a bhith càirdeach dhut, no na bhall teaghlaich no caraid).

’S e an ath cheum conaltradh airson fiosrachadh fad uair a thìde, ann an àite ded roghainn fhèin de ghrunn àiteachan air feadh na dùthcha.

Cuiridh sinn fios thugad ma bhios tu soirbheachail ann a dhol troimhe chun na h-ath ìre gus an t-àm a dhaingneachadh, ach bidh e a’ gabhail àite eadar 9.30m – 7.00f.

Aig an ìre seo bidh tu coinneachadh ri cuid de bhuill làithreach a’ phannail spòrs gus beagan a bharrachd ionnsachadh mun phannal spòrs, air a leantainn le còmhradh neo-fhoirmeil bho bhall de sgioba trusaidh a’ phannail spòrs, gus barrachd eòlais a chur ort.

Tha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt skype/bhidio a chur thugainn airson na h-ìre seo.

Feumaidh tagraichean uile fo aois 16 a bhith còmhla ri inbheach. Thèid cosgaisean siubhail (reusanta) a phàigheadh air ais do thagraichean aig

gach ìre, bidh agad ri foirm a lìonadh air an latha agus cuidhteasan siubhail sam bith a thoirt seachad airson an giullachd.

Cha tèid an tagradh agad a chur gu treas phàrtaidhean sam bith no bhith air a chleachdadh airson adhbharan sam bith eile.

Airson ceistean sam bith, cuiribh fios gu Michelle Livingston – Michelle.livingston@sportscotland.org.uk

Mas e neach-cleachdaidh BSL a th’ annad, cuir fios thugainn tro Contact Scotland.

GUN TÈID GU MATH LEAT agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur tagraidhean a thighinn a-steach!

top related