agenda ypsp residential 2017 - sportscotland · web viewtha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn...

21
Duilleag Fiosrachadh Tagraidh Fàilte gu duilleag fiosrachaidh a’ phròiseas tagraidh airson a bhith mar phàirt den cheathramh pannal de Spòrs Dhaoine Òga.

Upload: others

Post on 31-Aug-2020

0 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Duilleag Fiosrachadh Tagraidh

Fàilte gu duilleag fiosrachaidh a’ phròiseas tagraidh airson a bhith mar phàirt den cheathramh pannal de Spòrs Dhaoine Òga.

Ma tha sibh airson an fhiosrachaidh seo a chluinntinn no a choimhead ann am BSL, tadhailibh air www.sportscotland.org.uk/sportpanel-accessibility .

Page 2: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

A bheil sibh airson a bhith nur guth do dhaoine òga ann an spòrs?

Cò tha sinn a’ lorg?

Fuireach ann an Alba?

Aois eadar 14-23?

Dìoghrasach mu spòrs?

Page 3: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Airson diofar a dhèanamh?

Mu 3 uairean a thìde gach seachdain agad?

Dè th’ anns a’ phannal spòrs agus cò anns a tha iad air a bhith an sàs? Faigh a-mach tuilleadh mu dheidhinn na tha buill a’ phannail spòrs a’ dèanamh agus air a dhèanamh aig www.sportscotland.org.uk/sportpanel .

Page 4: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Ciamar a nì mi tagradh? Is iad na roghainnean tagraidh:

Tagradh air-loidhne Tagradh clò-bhuailte Tagradh bhidio

Page 5: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Tagradh air-loidhneBu chòir dha 20 mionaid a thoirt a’ lìonadh an tagraidh.

CHAN URRAINN DHUT SÀBHALADH MAR A BHIOS TU A’ DOL AIR ADHART– dh’fhaodadh gum bu chòir dhut beachdachadh air do fhreagairtean ullachadh ro-làimh, agus an cur a-steach uile aig an aon àm no clò-bhuail an fhoirm tagraidh, theirig troimhe agus an uair sin lìon e air-loidhne aon uair ’s gu bheil thu air na h-earrannan uile a lìonadh.

Page 6: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Foirm tagraidh clò-bhuailteMa tha thu airson foirm clò-bhuailte a chur a-steach, ’s e an seòladh:

YPSP 2018spòrsalbaDoges,

Templeton on the Green

62 Sràid Templeton

Page 7: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Glaschu, G40 1DA

Tagradh bhidioNam b’ fheàrr leat bhidio ghoirid a luchdachadh suas, tha cuideachadh airson seo ri lorg aig www.sportscotland.org.uk/sportpanel

Feumaidh tu am film agad a chlàradh mus tòisich thu air an tagradh agad, gus am bi an seòladh làrach-lìn deiseil agad airson a steigeadh a-steach don cheist cheart.

Ainmich a’ cheist agus thoir seachad do fhreagairt.

Page 8: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Ceann-latha deireannach

Tha an t-àm deireannach airson nan tagraidhean uile aig meadhan-latha Diluain 22mh Gearran.

Page 9: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Na dh’fheumas tu de dh’fhiosrachadhTha feum aig na trì ceistean uile air 200 facal no nas lugha. Ma tha thu a’ cleachdadh bhidio, bu chòir don bhidio seo a bhith 3 mionaidean no nas lugha.

Ceistean

Page 10: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Seo na ceistean a bhios sinn a’ faighneachd, còmhla ri cuid de dh’eisimpleirean gus do chuideachadh ag ullachadh airson an tagraidh. Chan eil an seo ach molaidhean, mar sin cuir ris nì sam bith a tha thu a’ faireachdainn a neartaicheadh do thagradh:

Ceistean coitcheann gus tuilleadh fhaighinn a-mach mud dheidhinn: ainm, seòladh, is eile.

Ceist 1 – D’ eòlas ann an spòrs?Innis dhuinn mu do eòlas(an) ann an spòrs.

Beachd cuideachail: Thoir iomradh air na tha thu air a dhèanamh agus mar a tha thu air a bhith an sàs, le bhith toirt seachad eisimpleirean, me obair shaor-thoileach, neach-amharc, com-pàirteachadh, coidseadh, oifigeach, eagraichear tachartais/farpais, ball de chomataidh, tosgaire, neach-naidheachd, deilbhiche, blogair.

Ceist 2 – Do Ghuth Tha sinn airson gun riochdaich thu guth do dhaoine òga ann an spòrs.

Innis dhuinn dè an diofar a tha thu airson a dhèanamh ann an spòrs do dhaoine òga.

Beachd cuideachail: Thoir dhuinn eisimpleirean de na b’ fheàrr leat a dhèanamh anns an dreuchd airson diofar a dhèanamh.

Page 13: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt
Page 14: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Ceist 3 – A bheil thu suas ris? Innis dhuinn carson a tha thu airson a bhith air Pannal Spòrs Dhaoine Òga.

Beachd cuideachail: Innis dhuinn dè tharraing thu gu tagradh agus thoir dhuinn eisimpleirean de na sgilean, fiosrachadh agus eòlas as urrainn dhut a thoirt gu dreuchd a’ phannail spòrs.

Rèitire Thoir dhuinn fios conaltraidh aon rèitire – dh’fhaodadh seo a bhith cuideigin mar tidsear, coidse, obraiche taic, co-obraiche no mar sin (far an gabh e a dhèanamh, cha bu choir dha a bhith càirdeach dhut, no na bhall teaghlaich no caraid).

Page 16: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

’S e an ath cheum conaltradh airson fiosrachadh fad uair a thìde, ann an àite ded roghainn fhèin de ghrunn àiteachan air feadh na dùthcha.

Cuiridh sinn fios thugad ma bhios tu soirbheachail ann a dhol troimhe chun na h-ath ìre gus an t-àm a dhaingneachadh, ach bidh e a’ gabhail àite eadar 9.30m – 7.00f.

Aig an ìre seo bidh tu coinneachadh ri cuid de bhuill làithreach a’ phannail spòrs gus beagan a bharrachd ionnsachadh mun phannal spòrs, air a leantainn le còmhradh neo-fhoirmeil bho bhall de sgioba trusaidh a’ phannail spòrs, gus barrachd eòlais a chur ort.

Tha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt skype/bhidio a chur thugainn airson na h-ìre seo.

Page 17: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Feumaidh tagraichean uile fo aois 16 a bhith còmhla ri inbheach. Thèid cosgaisean siubhail (reusanta) a phàigheadh air ais do thagraichean aig

gach ìre, bidh agad ri foirm a lìonadh air an latha agus cuidhteasan siubhail sam bith a thoirt seachad airson an giullachd.

Cha tèid an tagradh agad a chur gu treas phàrtaidhean sam bith no bhith air a chleachdadh airson adhbharan sam bith eile.

Airson ceistean sam bith, cuiribh fios gu Michelle Livingston – [email protected]

Page 18: Agenda YPSP Residential 2017 - Sportscotland · Web viewTha sinn cuideachd a’ tairgsinn roghainn do thagraichean a tha a’ fuireach nas fhaide air falbh bho na h-ionadan, co-labhairt

Mas e neach-cleachdaidh BSL a th’ annad, cuir fios thugainn tro Contact Scotland.

GUN TÈID GU MATH LEAT agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri ur tagraidhean a thighinn a-steach!