pròiseact sgoiltean a’ comharrachadh...agus faodaidh sibh stuth a chur a-steach uair sam bith...
TRANSCRIPT
RO-RÀDH
Ann an 1745, thill prìonnsa òg à fògarrachd a dhleasadh an
rìgh-chathair do a theaghlach, na Stiùbhartaich. Thog am
Prìonnsa Teàrlach Èideard Stiùbhart feachd de Sheumasaich
agus shabaid is bhuannaich iad a’ chiad bhlàr aca aig Sliabh a’
Chlamhain.
Mheàrrs na Seumasaich an uair sin gu Lunnainn ach thàinig
orra gèilleadh, agus chaidh buaidh a thoirt orra mu dheireadh
le feachd nan còtaichean dearga aig Rìgh Seòras II ann an Cùil
Lodair.
Tha an sgeul seo air daoine bho air feadh an t-saoghail a
bheò-ghlacadh, a ghluasad agus a bhrosnachadh fad 275
bliadhna. Phiobraich a’ bhuaidh Sheumasach aig Sliabh a’
Chlamhain, is dòcha on nach robh dùil ris, dìleab shaidhbhir is
chultarach eadar-mheasgte a tha a’ leantainn chun an latha
an-diugh. Tha am blàr ga chuimhneachadh ann an òrain, dàin,
nobhailean, dealbhan agus grèis-bhratan.
Is e carthannas a th’ ann an Urras Dualchais Blàr Sliabh a’
Chlamhain (1745) a tha ag amas air an dìleab chultarach seo a
chumail beò. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil cruthachadh air
obair ùr a cheart cho cudromach ri taisbeanadh an ama a
dh’fhalbh.
Mar sin, gus 275 bliadhna de chruthachalachd air a
bhrosnachadh leis a’ bhlàr, a chomharrachadh, tha sinn a’
gairm dhaoine òga bho air feadh Alba cur ri innse na
sgeulachd iongantaich seo.
AR CUIREADH DO NA SGOILTEAN
Tha sinn a’ toirt cuireadh do dhaoine òga 10-17 bliadhna a
dh’aois, tabhartasan ùra agus mac-meanmhainneach
sgrìobhte no ealaineach a chruthachadh agus a chur ri dìleab
chultarach Àr-a-mach nan Seumasach ann an 1745 agus Blàr
Sliabh a’ Chlamhain.
Is e cothrom math a tha seo do na sgoilearan an tàlantan a
thaisbeanadh, eadar gu bheil iad nas cofhurtaile leis a’
pheann no leis a’ bhruis pheantaidh!
Tha sinn airson agus gum bi na ghabhas de dhaoine òga an
sàs ann an seo. Tha e an-asgaidh com-pàirt a ghabhail ann
agus faodaidh sibh stuth a chur a-steach uair sam bith eadar
16 Giblean agus 20 Dùbhlachd 2020.
Tha sinn a’ planadh air na h-innteartan uile fhoillseachadh air
làrach-lìn ùr aig deireadh na bliadhna.
An uair sin tràth ann an 2021, cumaidh sinn tachartas
sònraichte gus cruthachalachd ar dhaoine òga a
chomharrachadh, agus a tha sinn an dòchas a bhios mòran
den luchd-inntrigidh comasach air a fhrithealadh.
Thèid na h-innteartan as brosnachaile agus as mac-
meanmhainnich don phròiseact fhoillseachadh ann an
leabhar sònraichte a’ comharrachadh na 275mh ceann-
bliadhna den bhlàr. Is e cothrom fìor mhath a tha seo do na
sgoilearan agaibh an cuid obrach fhaicinn ann an clò!
CEANGLAICHEAN CURRAICEALAIM
Tha am pròiseact seo air a dhealbhadh gus freagairt air raon de chuspairean sgoile. Seo cuid de dh’eisimpleirean de far am faod am pròiseact seo freagairt air raointean den Churraicealam airson Sàr-mhathais:
Litearrachd agus Beurla LIT 3-15a/LIT 4-15a; LIT 3-20a/LIT 4-20a; LIT 3-22a/LIT
4-22a; LIT 4-23a; LIT 3-24a; LIT 4-24a; ENG 327a/ENG 4 -27a; ENG 3-31a; ENG 4-31a
Litearrachd agus Gàidhlig
GAI 2-31a; GAI 3-31a; GAI 4-31a Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh)
LGL 3-13a; LGL 3-13b; LGL 4-13a; LGL 4-13b Ealain Chruthachail
EXA 4-05a; EXA 3-06a; EXA 4-06a Cuspairean Sòisealta
SOC 2-03a; SOC 3-02a; SOC 4-06a
“BUAIDH, DÒCHAS is ÀRD-AMAS”
Pròiseact sgoiltean a’ comharrachadh
275 bliadhna o Bhlàr Sliabh a’
Chlamhain ann an 1745.
NA THA SINN A’ LORG
Tha sinn a’ coimhead airson innteartan ann an aon
de na gnèithean a leanas, a tha a’ toirt pailteas
cothruim do na sgoilearan agaibh am mac-
meanmhainn agus cruthachalachd a chleachdadh:
BÀRDACHD – seòrsa sam bith de bhàrdachd sgrìobhte.
ROSG – sgeulachd ghoirid, no ’s dòcha
cunntas air neach no àite.
Ealain is Dealbhadh – ’s dòcha peantadh no dealbh
air a tarraing, sriop goirid comaig no fiù ealain
aodaich (dìreach nì sam bith a tha 2D agus
cruthachail)!
Bu chòir do gach pìos aon de na prìomh thèaman seo a nochdadh:
Tha am Prìonnsa air Tìr
Gairm gu Armachd
Air a’ Chaismeachd
Blàr
Buaidh / Ruaig
Coimhead air ais
Tha cothrom aig na sgoilearan na tèaman sin a
rannsachadh bho shealladh sam bith, a’ gabhail a-
steach iadsan a tha a’ cur taic ris an dà chuid na
Seumasaich agus na Hanobhàrianaich.
Cha bu chòir do thabhartasan sgrìobhte a bhith
barrachd air 500 facal.
Cuirear fàilte air innteartan ann am Beurla, Gàidhlig no Albais.
Bu chòir eadar-theangachadh Beurla a bhith
còmhla ri innteartan ann an Gàidhlig.
MAR A GHABHAR PÀIRT
CEUM 1: CLÀRADH
Cuiribh post-d thugainn airson pasgan fiosrachaidh
iarraidh, a chuidicheas sibh le barrachd stiùiridh
agus stòran brosnachaidh:
CEUM 2: CRUTHAICH
Faodaidh neach sam bith eadar 10 agus 17
bliadhna a dh’aois pàirt a ghabhail. Faodar
innteartan a chur a-steach tron sgoil no mar neach
fa leth.
Faodaidh luchd-inntrigidh obrachadh ann am
buidhnean cuideachd – mar sin, mas fheàrr le ur
sgoilearan obrachadh ann am paidhir no mar chlas,
tha sin ceart gu leòr cuideachd!
B’ fhìor thoigh leinn cluinntinn mar a tha a’ dol
dhuibh agus mar sin feuch gun cùm sibh a’
conaltradh leinn. Faodaidh sibh ur n-adhartas a
roinn air na meadhanan sòisealta a’ cleachdadh
#prestonpans275, agus ar tagadh air
@Prestonpans1745.
CEUM 3: CUIR A-STEACH
Bu chòir innteartan a chur a-steach gu
comharraichte ‘Pròiseact Sgoiltean 275’ san
raon chuspaireil. Bu chòir innteartan tron phost
a chur gu:
Pròiseact Sgoiltean 275, Urras Dualchais Blàr Sliabh a’ Chlamhain 1745
227-229 Sràid Àrd Baile an t-Salainn Lodainn an Ear EH32 9BE
Pròiseact cruthachail do dhaoine òga, a’ comharrachadh dìleab chultarach “An ‘45” ann an 2020.
URRAS DUALCHAIS BLÀR SLIABH A’
CHLAMHAIN (1745)
Carthannas Albannach 037447 is SC 302280