fiosrachadh mu phrògraman na nollaig 2015 aig àm fèis piping live! gheibh sinn ceòl na pìoba...

24
heart and soul Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Upload: ngominh

Post on 28-Mar-2018

324 views

Category:

Documents


53 download

TRANSCRIPT

Page 1: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

heart and soul

Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Page 2: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Fèis Chiùil Thiriodh

Diardaoin 17 Dùbhlachd Mar a Chunnaic Mise – Nancy Dorian agus a’ Ghàidhlig8.30f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Na bu thràithe air a’ bhliadhna chaidh ceum urramach a bhuileachadh air a’ chànanaiche chliùiteach, An t-Àrd-Oll. Nancy C. Dorian, a tha air mòran bhliadhnaichean a chuir seachad a’ rannsachadh luchd-bruidhinn mu dheireadh dual-chainnt Gàidhlig taobh sear Chataibh. Seo cothrom barrachd fhaighinn a-mach mu a rannsachadh air an dual-chainnt shònraichte seo agus dàimh aice ris an dithis pheathraichean a tha ga chumail beò.

Disathairne 19 DùbhlachdVan Morrison – Up on Cyprus Avenue9f

Riochdaichte le BBC Northern Ireland

Consairt sònraichte a’ comharrachadh là breith Van Morrison agus an clàr ainmeil, Astral Weeks.

Fèis Chiùil Thiriodh11.50f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Sarah Cruickshank agus Vicky Kilgour a’ lìbhrigeadh uair a thìde de na pìosan as fheàrr bho Fhèis Chiùil Thiriodh. Bheir sinn sùil dlùth air an fhèis agus air an eilean gus tuigsinn dè tha cho iomraiteach mun àite agus gun mòran eòlais air daoine air an eilean. Gheibh sinn sealladh air beusan Thiriodh - na tràighean bàna gun chrìch; siaban nan tonn mòra a tha ainmeil airson surfadh, agus an coimhearsnachd dlùth agus ùr-ghnàthach. Le buannachd Sruth-mara a’ Ghuilf, tha cuid a’ toirt “Hawaii a’ chinn a tuath” air Tiriodh.

Page 3: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Trusadh – Dòtaman @ 30

Là na Sàbaid 20 DùbhlachdTrusadh – Dòtaman @308f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Tha 30 bliadhna ann bhon a chraobh-sgaoil BBC Scotland a’ chiad phrògram ann an sreath ùr de phrògraman Gàidhlig airson clann - Dòtaman. ‘S beag fios a bh’ ann aig an àm cho soirbheachail ‘s a bhiodh am prògram agus am preseantair, Donnie ‘Dòtaman’ MacLeòid. Dh’fhàs e gu bhith na aon de na prògraman telebhisein Gàidhlig a b’ ainmeil a bh’ ann.

Ann am prògram a dhùisgeas cuimhneachain, tha Donnie agus an sgioba a’ coimhead air ais agus a’ meòrachadh air dè dh’fhàg e cho soirbheachail. Le dreach ùr air cuid de na h-òrain as cliùitiche, agus beachd bho chuid de luchd-leantainn ainmeil, nam measg Michelle MacManus agus Des Clarke, gheibh sinn a-mach mun tarraing a bh’ aig Dòtaman dhan h-uile duine, agus an inbhe a choisinn e ann an Alba.

Diluain 21 DùbhlachdDòtaman – Sròinean5f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Prògram Dòtaman às an tasglann bho 1989 air a’ chuspair sròinean ann an cuideachd spòrsail Dhonnie is Rhoda. Tha ceòl, òran, sgeulachd is cleasachd gu leòr ri fhaotainn. Feuch gun coimhead sibh airson nan caraidean Cagnaidh is Crotal, agus gum bi sibh deiseil airson Nelson is Napoleon aig a’ ghleoc!

Dòtaman – Panto6.05f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Anns a’ phrògram tasglainn dhathte seo de Dhòtaman tha sinn a’ coimhead ri saoghal spòrsail a’ phanto ann an cuideachd Dhonnie is Anna. Tha ceòl is òran agus sgeulachd is cluiche gu leòr ri fhaotainn!

Dòtaman – Panto

Page 4: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Dè a-nis?

A gu U – An do Bhlais thu? – Pàirt 1

Dimàirt 22 DùbhlachdDòtaman – A’ Fàs6.05f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Anns a’ phrògram tasglainn dhathte seo de Dhòtaman tha sinn a’ coimhead ri rudan a’ fàs anns a’ ghàradh ann an cuideachd Dhonnie, Chatriona agus Iain. Tha ceòl is òran agus sgeulachd is cluiche gu leòr ri fhaotainn agus feuch gun coimhead sibh airson Cagnaidh is Crotal, agus gum bi sibh deiseil airson Nelson is Napoleon aig a’ ghleoc!

Dè a-nis?6.20f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Tha Derek agus Megan a’ gabhail turas rèile agus a’ coinneachadh ri Bodach na Nollaig, cluinnidh sinn laoidhean Nollaig bho sgoilearan à Bun-sgoil Bhail’ Ùr an t-Slèibh agus ‘s iad sgoilearan à Bun-sgoil a’ Bhac an Eilean Leòdhais a bhios a’ strì ann am Puingean nam Boingean.

Ceòlmhor@Piping Live 8.30f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Oidhche shònraichte de cheòl na pìoba ann an Glaschu aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach Fred Moireasdan agus ceòl bhon chòmhlan chliùiteach Flook.

A gu U – An do Bhlais thu? – Pàirt 19f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Tha Sarah Cruickshank gar toirt air chuairt tro thasglann a’ BhBC a tha an dà chuid blasta agus annasach. A’ ceangal na h-aibidil Ghàidhlig bho A gu I ri ar cuid bidhe, tha measgachadh air leth an lùib an taghaidh - bho annlan àbhaisteach air a bheil sinn uile eòlach is dèidheil, gu biadh a tha neònach agus air nach blais sinn gu bràth! Nam measg bidh ceann-cropaig agus fìon-beithe.

Page 5: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Bothan nam Beann

Diciadain 23 DùbhlachdDòtaman – An Tractar5f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Prògram Dòtaman bho 1990 air cuspair an tractar. Seinnibh an òran ainmeil “An Tractar a th’ agamsa ‘s esan a tha thrang… ”cuide ri Donnie agus tha sgeulachd is cleasachd gu leòr eile ri fhaotainn. Coimheadaibh airson Cagnaidh is Crotal, agus bithibh deiseil airson Nelson is Napoleon aig a’ ghleoc!

Bothan nam Beann 9f

Riochdaichte le Hopscotch Films

Stòiridh mu ghaisgich bheanntan na h-Alba nach eil uair sam bith air an ainmeachadh. Airson leth cheud bliadhna bha buidheann saor-thoileach - am ‘Mountain Bothy Association’ - a’ tairgsinn fasgadh do dhaoine a bha a’ siubhail tro phàirtean iomallach den dùthaich.

Gun ghearain sam bith, bha iad a’ toirt an ùine, agus an aodach tioram gus cuideachadh a thoirt seachad ann a bhith a’ sgeadachadh seann thogalaichean a bhiodh nam buannachd do dhaoine eile. Tha am prògram aithriseach seo a’ moladh an cuid obrach, agus am misneachd a tha aig na daoine sin a tha deònach ceum a ghabhail a-mach do na cnuic.

Page 6: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Mòd 2015 – Mòd na Cloinne

An Oidhche ron Nollaig Dòtaman – An Nollaig5f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Prògram Dòtaman às an tasglann bho 1995 air cuspair An Nollaig. Feuch gun seinn sibh cuide ri Donnie, bidh sgeulachd mhath aig Anna agus cleasachd gu leòr eile aig Cagnaidh is Crotal is iad air bhioran son na Nollaig! Bidh Nelson is Napoleon ag innse “dè an uair a tha e?” aig a’ ghleoc is feuch gum bi sibh deiseil airson cunntadh!

Feis Chiùil Thiriodh – Mànran7.15f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Roghainn bho Mànran aig Fèis Chiùil Thiriodh am-bliadhna. Gheibh sinn na h-òrain as fheàrr aig balaich Mànran air an àrd-ùrlar Thiristeach.

Mòd 2015 – Mòd na Cloinne7.30f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Cothrom coimhead air ais còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill air cuid dhen òigridh leis an do shoirbhich aig Mòd na Cloinne anns an Òban as t-fhoghar, ged a bha e na bu choltaiche ri samhradh! Agus gu dearbh bha a’ ghrian a’ dearrsadh air na farpaisich òga bho Dhisathairne aig farpaisean nan ionnstramaidean ciùil gu Diciadain nuair a chrìochnaich na farpaisean bàrdachd. Chì sibh taghadh dhen luchd-buannachd bho gach latha, nam measg na seinneadairean a bhuannaich na prìomh dhuaisean airson luchd-ionnsachaidh, Buinn Airgid Cuimhneachain Sheumais Mhic a’ Phì, agus an nighean ’s an gille a thog leotha Buinn Airgid a’ Chomuinn Ghàidhealaich – Emily NicDhonnchaidh agus Ruairidh Gray.

Page 7: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Bannan – Air Cùl a’ Chamara 8.30f

Riochdaichte le Keir Greatorex agus Young Films

Sealladh de Bhannan bho air cùl a’ chamara, a’ cluinntinn bhon fheadhainn a chruthaich agus a th’ air a bhith an sàs anns an dràma ùr Gàidhlig air BBC ALBA. Cluinnear cò às a nochd Bannan agus mar a chaidh a thoirt gu buil, le cothrom sònraichte clàraidhean nach fhacar cheana fhaicinn. Chaidh am prògram aithriseach seo a dhèanamh mar phròiseact oileanach airson Diplòma anns na Meadhanan Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig.

Opry an Iuir 9f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Bidh àrd-rìgh ceòl dùthchasach na h-Èireann, Daniel O’Donnell, a’ lìbhrigeadh agus Anna Nic na Ceàrdaich ag aithris agus iad a’ cur fàilte air rionnagan ceòl dùthchasach. Anns a’ phrògram mu dheireadh den t-sreath, tha Philomena Begley, Mary Duff and Susan McCann air an àrd-ùrlar le Seán Monaghan air aoigheachd aca.

Cuirm@Celtic – Caidreabh is Ceòl 10f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Ceòl is agallamhan bho chuirm ‘Horizons’ aig Celtic Connections 2015. Le ceòl bho Kate Rusby, Declan O’ Rourke, Karine Polwart, Lewis & Leigh, Macanta & Nell Nì Chroinin.

Nollaig Chridheil às a’ Ghearasdan11f

Riochdaichte le Demus Productions

Cuirm shònraichte a’ comharrachadh laoidhean agus leughaidhean na Nollaig à Eaglais Duncansburgh Mhic an Tòisich sa Ghearasdan, fo stiùir an Urramaich Chris MacRath. Bidh Ceòl Greadhnachais air a lìbhrigeadh leis a’ chòisir Soisgeul, Raibeart Robasdan, Màiri Anna NicUalraig, Raonaid Walker, agus Còisir Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair. Gheibhear leughaidhean Nollaig bho dhiofar bhall de chòisir Soisgeul agus den choimhearsnachd ionadail.

Nollaig Chridheil às a’ Ghearasdan

Cuirm@Celtic – Caidreabh is Ceòl

Bannan – Air Cùl a’ Chamara

Opry an Iuir

Page 8: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Là na NollaigCeitidh Mòrag – prògram sònraichte6f

Riochdaichte le Move on Up / Dreach Gàidhlig – Obh! Obh!

Nuair a tha Ceitidh Mòrag a’ faighinn fios gu bheil Mgr Cavendish airson gluasad air ais dhan eilean, chan eil i air a dòigh. Feumaidh iad dachaigh ùir a lorg oir ‘s ann le Mgr Cavendish a tha an taigh aca. Dè nì iad agus càit am fuirich iad? An tèid aig Ceitidh Mòrag air saoghal socair an teaghlaich a ghlèidheadh?

Bioran6.30f

Riochdaichte le Magic Light Pictures / Dreach Gàidhlig – Solus Productions

Tha Bioran a’ leantainn athair teaghlach de bhiorain, ‘s e a’ strì air turas thar mhìltean gus faighinn dhachaigh ann an àm airson na Nollaig. Tha am Bioran a’ còmhnaidh ann an craoibh sa choille, le Bean Biorain a gràidh agus an triùir bhiorain chloinne. Ach ‘s e saoghal cunnartach a tha aig a’ Bhioran. Tha cù ag iarraidh cluich leis agus tha eala ag iarraidh nead a dhèanamh leis. Tha e fiùs a’ tuiteam dhan teine! Leanaidh sinn slighe riaslach a’ Bhiorain ‘s e a’ tilleadh gu craoibh an teaghlaich.

Mòd 2015 – Nan Còisirean 7.30f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Cathy NicDhòmhnaill ann an cuideachd na còisirean a bhuannaich aig Mòd an Òbain. Cluinnidh sinn bho na còisirean gu lèir a bha a’ feuchainn anns an fharpais airson Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdain agus iadsan a thog leotha dhachaigh e - Còisir Ghàidhlig an Òbain. Cuideachd anns a’ phrògram-sa, an cothrom blasad fhaighinn dheth gach còisir a ghabh pàirt sna farpaisean airson Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh, Sgiath Latharna agus Cuach Cuimhneachan an t-Siorram MacMhaighstir Caimbeul agus òrain bho leithid Còisir Sgìr a’ Bhac, Coisir Ghaidhlig Mhealabhaich, Còisir Ghàidhlig Ileach Ghlaschu agus Còisir Ghàidhlig nan Loch.

Ceitidh Mòrag – prògram sònraichte

Bioran

Mòd 2015 – Nan Còisirean

Page 9: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Belladrum 2015 – Cridhe Tartan – The Proclaimers

Clann Pheter Ròraidh

Clann Pheter Ròraidh9f

Riochdaichte le Sorbier Productions

Tha Tony Kearney na phearsa cho aithnichte ’s a th’ ann an saoghal na Gàidhlig. Bho bha e san sgoil, tha e air a bhith air beulaibh an t-sluaigh air telebhisean is air àrd-ùrlar. Tha tàlantan cruthachail a’ ruith tron teaghlach aige, gu h-àraid tro sheanmhair is a sheanair taobh a mhàthair. An seo, coinnichidh sinn ri ‘clann Pheter Ròraidh’ - Nanny, Catriona, Màiri, agus Ruaraidh, agus cluinnidh sinn mu eachdraidh an teaghlaich air Eilean Bharraigh.

Belladrum 2015 – Cridhe Tartan – The Proclaimers10f

Produced by BBC Gàidhlig

A’ chuirm-chiùil shlàn bho phrìomh-chòmhlan Albannach ‘The Proclaimers’, beò air a’ chiad oidhche aig Belladrum 2015.

Fonn Fonn Fonn11.10f

Riochdaichte le Moja TV

Tha ceòl air bilean Bodach na Nollaig is e a’ tighinn a thadhal air Gilleasbaig “fasanta, àbhachdach” Fearghasdan feuch cò is airidh air duais airson ceistean ciùil na seachdain-sa a fhreagairt. Cuideachd air aoigheachd tha Derek “Pluto” Moireach, Donnie”Dotaman” Macleòid agus Mòrag “A’ Mire ri Mòir” Dhòmhnallach.

Fonn Fonn Fonn

Page 10: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Spòrs na Bliadhna 2015

Disathairne 26 DùbhlachdAlpha & Omega – Triall Nollaige 4f

Riochdaichte le Obh! Obh!

Tha Ceit, Humphrey agus na cuileanan ag ullachadh son na saor-làithean geamhraidh. Gu mì-fhortanach, tha Isean, am fear as lugha, air chall agus feumaidh iad uile a dhol ga lorg mus tig e gu cron le na h-Alphathan.

Spòrs na Bliadhna 20158f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Calum Dòmhnallach leis an taghadh as fhèarr bho shaoghal spòrs 2015. Bithear a’ coimhead air ais air Geamannan nan Eilean ann an Deàrsaidh, farpais Lùth-chleasachd na Cruinne a thachair ann am Beijing, camanachd, rugbaidh, teanas, ball-coise agus gu leòr spòrs eile a thachair tron bhliadhna.

Là na Sàbaid 27 DùbhlachdA’ Bhliadhna 2015 6f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Tha Anne Lundon a’ toirt sùil air cuid de na sgeulachdan cudromach is inntinneach a bh’ againn air An Là tron bhliadhna. Bliadhna a chunnaic ionnsaighean ann am Paris, aiseagan ùra anns na h-eileanan agus taghadh choitcheann. Sgeulachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Alpha & Omega – Triall Nollaige

Page 11: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Spòrs na Bliadhna 2015

Craobh nan Ubhal – Flòraidh NicNèill 1928 - 2015

Trusadh – Ceòl Chaluim

Craobh nan Ubhal 8f

Riochdaichte le Burach Productions

A’ toirt urram don t-seinneadair ionmholta traidiseanta Flòraidh NicNèill a chaochail nas tràithe am-bliadhna. Nochd Flòraidh NicNèill air àrd-ùrlaran air feagh an t-saoghail a’ toirt òrain traidiseanta Gàidhlig gu aire mhòran thar nam bliadhnachan. Anns a’ phrògram seo tha sinn a’ faighinn a-mach tuilleadh mu deidhinn agus mu na h-òrain a bha cho prìseil dhith a thaobh cànan, eachdraidh agus dualchas.

Diluain 28 Dùbhlachd Trusadh – Ceòl Chaluim9f

Riochdaichte le macTV

Sgeulachd dhrùidhteach, bhuadhail aon theaghlaich à Uibhist agus iad a’ sireadh dòigh cuimhneachain sònraichte agus iomchaidh a chur an cèill dhaibh fhèin mar theaghlach agus dhan choimhearsnachd, 10 bliadhna às dèidh dhaibh trì ginealaichean den teaghlach a chall anns an stoirm uabhasach a bhuail na h-Eileanan ann an 2005.

Feis Chiùil Thiriodh – Urban Teuchtars11f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Sarah Cruickshank agus Vicky Kilgour a’ lìbhrigeadh sreath ùr a chaidh a chlàradh aig Fèis Chiùil Thiriodh 2015. Tha an tritheamh prògram a’ taisbeanadh nan tàlantan aig Na h-Urban Teuchtars, còmhlan a tha làn thàlant agus fealla-dhà. Tha iad ann an seo le seat de dh’òrain agus de phuirt bheòthail bho àrd-ùrlar na fèise air feasgar Disathairne. ‘S e aon de leugan saoghal fèisean na RA a th’ ann an Fhèis Thiriodh, le iomadh duais air a bhuileachadh oirre.

Alpha & Omega – Triall Nollaige

Page 12: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Dimàirt 29 DùbhlachdDòtaman – Làithean Saora 5f

Riochdaichte le BBC Gaidhlig

Tha Dòtaman air làithean saora anns a’ phrògram spòrsail seo bho 1989. Thèid air turas cuide ri Donaidh agus Rhoda ‘s iad a’ cluich, a’ seinn agus ag innse stòraidh mu chuspair làithean saora. Tha Cagnaidh is Crotal deiseil is deònach agus bidh Nelson is Napoleon gu dìleas aig gleoca nam pitheid - feuch gum bi sibh deiseil airson innse dè an uair a tha e.

Air an Smùid – Pàirt 18.30f

Riochdaichte le Caledonia TV Productions

Tha sgioba Ìlich a tha measail air pufairean a’ strì gus seann tè mheirgeach bho àm a’ chogaidh, an VIC 27, a shàbhaladh mus tuit i às a chèile. Air a toiseach tha an t-ainm Vital Spark - bhon àm a bha i ainmeil air sreath sgeulachdan ‘Para Handy’ a rinn am BBC ann an 1994. Gun diurr aig an einnsean, feumar a slaodadh tro chanàl Chrìonain chun na laimrig far an tèid a h-ùra chadh. Tha na balaich air bhioran agus crann ga tarraing gu faiceallach às an uisge airson a’ chiad uair ann an 30 bliadhna. Ma dheireadh thall chì na h-Ìlich staid an t-slige.

Ceòlmhor@Piping Live – Fred agus Flook9f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Na pìosan as fheàrr bho chuirm Fred Moireasdan agus Flook aig Fèis Piping Live 2015 ann an Glaschu leis a’ phìobaire ainmeil, Fred Moireasdan agus ceòl bhon chòmhlan chliùiteach Flook.

Ceolmhor@Piping Live – Fred agus Flook

Air an Smùid – Pàirt 1

Page 13: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Feis Chiùil Thiriodh – The Fratellis

Feis Chiùil Thiriodh – The Fratellis11f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Sarah Cruickshank agus Vicky Kilgour le Fèis Chiùil 2015. Tha an dàrna prògram a’ taisbeanadh nan tàlantan aig The Fratellis, an còmhlan-ciùil ‘indie-rock’ a tha ainmeil air feadh an t-saoghail agus iad a’ toirt dhuinn seat bheothail bho àrd-ùrlar na fèise air oidhche na Sàbaid. ‘S e aon de leugan saoghal fèisean na RA a th’ ann an Fhèis Thiriodh, le iomadh duais air a bhuileachadh oirre.

Diciadain 30 DùbhlachdDòtaman – Cuideachadh 5f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Prògram spòrsail Dòtaman às an tasglann air a’ chuspair cuideachadh. Thigibh cuide ri Donaidh, Cathy agus Iain is iad a’ cluich, a’ seinn agus a’ cruthachadh. Tha Cagnaidh is Crotal deiseil is deònach agus bidh Nelson is Napoleon gu dìleas aig gleoca nam pitheid - feuch gum bi sibhse a’ cuideachadh a’ cunntadh ‘s ag innse dè an uair a tha e!

Air an Smùid – Pàirt 28.30f

Riochdaichte le Caledonia TV Productions

Tha sgioba Ìlich a tha measail air pufairean a’ strì gus seann tè mheirgeach bho àm a’ chogaidh, an VIC 27, a shàbhaladh mus tuit i às a chèile. Air a toiseach tha an t-ainm Vital Spark - bhon àm a bha i ainmeil air sreath sgeulachdan ‘Para Handy’ a rinn am BBC ann an 1994. Fhad ‘s a tha geamhradh fuar, cruaidh a’ cur maill air obair air taobh a-muigh a’ phufair, tha Donnchadh ga chumail fhèin a’ dol, a’ càradh seann làraidh Ford.

Ceolmhor@Piping Live – Fred agus Flook

Air an Smùid – Pàirt 1

Air an Smùid – Pàirt 2

Page 14: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Rona – Dìleab Chlann Eardsaidh Raighnaill

Na Trads 2015

Tiree Music Festival – Skerryvore

Diciadain 30 DùbhlachdRona – Dìleab Chlann Eardsaidh Raighnaill9f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Prògram aithriseach a bheir cunntas air beatha sàr phearsa ann an saoghal na Gàidhlig - Rona Lightfoot. Tha i air urram a chosnadh mar sheinneadair, phìobaire agus i a’ riochdachadh stòras de bheul-aithris, ceòl agus òrain. Rugadh i ann an Uibhist a Deas, agus chaidh a h-àrach ann an teaghlach a bha air a bhogadh ann am beartas an dualchais.

Na Trads 201510f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Roghainn bho oidhche mhòr duaisean Na Trads 2015, à Talla Caird, Dùn Dè. Mairi Anna NicUalraig, Tony Kearney & Linda NicLeòid air an àrd-ùrlar agus air cùl stèids, a’ coinneachadh ris an luchd-ciùil agus na rionnagan a shoirbhich air an oidhche.

Feis Chiùil Thiriodh – Skerryvore10.55f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Sarah Cruickshank agus Vicky Kilgour le Fèis Chiùil Thiriodh 2015. Tha a’ chiad phrògram a’ taisbeanadh nan tàlantan aig Skerryvore le seat bheothail bho àrd-ùrlar na fèise air oidhche Shathairne. Tha ainm aig Tiriodh gu seachd àraid a thaobh ciùil agus tha e iomchaidh gur iad Skerryvore a nochdas sa chiad phrògram de dh’Fhèis Ciùil Thiriodh - còmhlan bunaichte ann an Tiriodh ach le gu leòr gan leantainn air feadh an t-saoghail. ‘S e aon de leugan saoghal fèisean na RA a th’ ann an Fhèis Thiriodh, le iomadh duais air a bhuileachadh oirre.

Page 15: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

A gu U – An do Bhlais Thu? – Pàirt 2

Peigi Wood – Na Bannan

Oidhche ChallainnAir an Smùid – Pàirt 38.30f

Riochdaichte le Caledonia TV Productions

Tha sgioba Ìlich a tha measail air pufairean a’ strì gus seann tè mheirgeach bho àm a’ chogaidh, an VIC 27, a shàbhaladh mus tuit i às a chèile. Air a toiseach tha an t-ainm Vital Spark - bhon àm a bha i ainmeil air sreath sgeulachdan ‘Para Handy’ a rinn am BBC ann an 1994. Tha an t-seann ghoileadair ga thilleadh chun na companaidh ann an Anainn a rinn e, feuch an gabh a chàradh. ‘S e buille chruaidh eile a th’ ann do phròiseact a tha cho gann de dh’airgid, nuair a chluinneas iad nach gabh dad a dhèanamh leis. ‘S iomadh duine a ghèilleadh aig an ìre seo - ach chan eil guth aig na balaich air tarraing às. Tha goileadair ùr guail ga thogail agus ga chuir na àite fhèin, ach am bi Auld Reekie na bàta-smùide aon uair eile.

A gu U – An do Bhlais Thu? – Pàirt 29f

Riochdaichte le BBC Gaidhlig

Tha Sarah Cruickshank gar toirt air chuairt tro thasglann a’ BhBC a tha an dà chuid blasta agus annasach. Anns an dàrna prògram den t-sreath, tha i a’ ceangal na h-aibidil Ghàidhlig bho L gu U ri ar cuid bidhe le measgachadh air leth an lùib an taghaidh - bho annlan àbhaisteach air a bheil sinn uile eòlach is dèidheil, gu biadh a tha neònach agus air nach blais sinn gu bràth! Nam measg bidh lus na laogh agus coiridh air a dhèanamh le ùth mairt.

Peigi Wood – Na Bannan10f

Riochdaichte le Sealladh TV

Thigibh an cuideachd Pheigi Wood airson faighinn a-mach mu na bannan coimhearsnachd is teaghlaich aice-se. Tha Peigi a’ tighinn gu aire a’ mhòr shluaigh aig aois 86 bliadhna is i a’ cluich an caractar den aon ainm, Peigi, san t-sreath dràma, Bannan. Chì sinn Peigi a’ tadhal air na làraich Sgitheanach a tha air dreach a chur air a beatha, agus i a’ beachdachadh air na daoine a thug neart is misneachd dhi thar nam bliadhnaichean.

Air an Smùid – Pàirt 3

Page 16: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Cèilidh na Bliadhn’ Ùire

Oidhche ChallainnSlàinte Mhath!10.30f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Angela NicEachain a’ lìbhrigeadh prògram ciùil anns an cluinnear òrain a tha a’ moladh agus, aig amannan, a’ dì-moladh na dibhe - gu h-àraid, an t-uisge-beatha. Am measg an luchd-ciùil agus na sàr-sheinneadairean a bhios a’ togail fonn: Màiri Anna NicUalraig, Rona Lightfoot, Sineag Nic an t-Saoir, Aonghas MacLeòid, Art, Eilidh agus Ruairidh MacCarmaig agus an còmhlan Trosg.

Cèilidh na Bliadhn’ Ùire11.30f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

A’ tighinn thugaibh beò am-bliadhna à Siorrachd Pheairt bhon A’ Bhàthach, An Innis Iarach. Le aoighean, cèol agus craic gu leòr! Tha Cathy NicDhòmhnaill agus Kirsteen NicDhòmhnaill a’ gealltainn ceud mìle fàilte agus Bliadhna Mhath Ùr. A’ seinn agus a’ cluich air an oidhche mhòr tha; Iain ’Costello’ MacÌomhair, Màiri NicAonghais, Skipinnish, Glenfinnan Ceilidh Band, Robyn Stapleton, Còmhlan Pìoba Bhlàr Athaill, Còisir Ghàidhlig Sgìre Obar Pheallaidh agus bidh First Foot eireachdail agus ainmeil a’ cèilidh oirnn as dèidh meadhan oidhche.

Slàinte Mhath!

Page 17: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Pìobairean Beaga Bhaile Ghobhainn

Là na Bliadhn’ Ùire 2016Pìobairean Beaga Bhaile Ghobhainn8f

Riochdaichte le Media Co-op

Tha iad 10 bliadhna a dh’aois. Òigridh à Alba, Nigèiria agus Sìne. Thug na choilean iad deòir gu sùilean am poileasman a tha gan teagasg. Dh’fhaodadh gur iad an ath ghinealach de phìobairean ann am Baile Ghobhainn. Le gàire agus spionnadh am pailteas, tha am prògram a’ leantainn a’ chiad 18 mìosan de Chòmhlan-phìoba Sgoiltean Bhaile Ghobhainn. Tha an ginealach ùr seo a’ togail air dìleab nan Gàidheal a thug pìobaireachd an toiseach a Ghlaschu. Leanaidh sinn a’ chlann a’ cur suas a’ phìob airson a’ chiad uair aig farpais phìobaireachd nàiseanta, a’ coinneachadh gaisgeach na pìoba Rona Lightfoot, agus na Red Hot Chilli Pipers.

Cluinneam9f

Riochdaichte le Matchlight and Bees Nees Media

Tha leth mhillean duine air feadh an t-saoghail air an claisneachd fhaighinn air ais ri linn ‘s rud air am bheil cochla fuadain. Agus tha na clàraidhean iongantach sin de na thachair nuair a fhuair iad cochla fuadain air sgaoileadh air na meadhan soisealta air am faicinn le na milleanan de dhaoine.

Thairis air na 25 bliadhna a dh’fhalbh, tha Ionad Cochla Fuadain na h-Alba aig Ospadal Chrosshouse an Cill’ Mhàrnaig air cobhair a thoirt do chòrr air 1400 neach. Seo sgeulachd chuid a th’ air slighe air leth mhìorbhuileach - fear a tha an eisimeil a chlaisneachd airson obair a ghleidheadh, deugaire à Eilean Scalpaigh a chaill a claisneachd gu h-obann, agus seanair a tha ag iarraidh còmhradh a dheanamh ris na h-oghaichean aige. Suidhichidhean dùbhlanach le co-dhùnaidhean chudromach is toinnte.

Cluinneam

Page 18: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Là na Bliadhn’ Ùire 2016 Skipinnish9.55f

Riochdaichte le HG Productions

Air cùlaibh cùisean le Skipinnish air an rathad ‘s aig an taigh ann an 2015, bhon stiùidio clàraidh gu Fèis Chiùil Thiriodh is eile.

Feis Chiùil Thiriodh – Skipinnish 10.55f

Riochdaichte le Bees Nees Media

Sarah Cruickshank agus Vicky Kilgour a lìbhrigeadh sàr-thaghadh bhon chuirm ciùil aig Skipinnish le seat bheothail le òran ainmeil aig Taylor Swift mar phàirt dheth.

Disathairne 2 FaoilleachMuhammad Ali 9.05f

Riochdaichte le macTV

Bha ainm Muhammad Ali air bilean an t-sluaigh fad na 60an, 70an agus na 80an. Bha e ag amas air tighinn gu bàrr agus a dh’aindheoin ‘s na bha dùil, chaidh a mheasadh mar am bogsair a b’ fheàrr a-riamh, agus tha meas aig sluagh an t-saoghail air fhathast. Tha an aithris seo a’ toirt sùil air beatha aon de na lùth-chleasaichean as fheàrr a bh’ ann a-riamh - eadar an t-àm shoirbheachail aige mar bhogsair neo-dhreuchdail nuair a choisinn e bonn òr Oilimpigeach gu na sabaidean ainmeil aige an aghaidh Henry Cooper, Sonny Liston agus George is Joe Frazier.

Muhammad Ali

Feis Chiùil Thiriodh – Skipinnish

Page 19: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Port

Diluain 4 FaoilleachTrusadh – Siar gu Sìorraidh!9f

Riochdaichte le macTV

Ghlèidh sgioba ball-coise an Taobh Siar Lìog Leòdhais is na Hearadh son a’ chiad uair a-riamh ann an 2014. Tha Siar gu Sìorraidh a’ leantainn na sgioba tro shèasan 2015 agus iad a’ feuchainn ris a’ chùis a dhèanamh a-rithist. Tha an sgioba a’ faighinn mòran taic saor-thoileach bho dhaoine san sgìre airson a h-uile meur de chùisean a chumail a’ dol. Sealladh iongantach air beatha sgiobadh ball-coise coimhearsnachd le measgachadh de mhòr-thoileachas agus dìreach beagan briseadh dùil!

Port10f

Riochdaichte le Bees Nees Media ann an co-bhann le TG4

Sreath ùr. Prògram aithriseach ciùil air a lìbhrigeadh le Julie Fowlis is Muireann NicAmhlaoibh. Tha iad a’ tadhal air Siorrachd Rois airson barrachd ionnsachadh mu cheòl traidiseanta anns an sgìre. A bharrachd air an oideachadh a gheibh iad, nì Port taisbeanadh air na ceanglaichean dualchais a tha eadar an dithis aca agus cluinnidh sinn bho chuid de na caraidean ceòlmhor a chaidh àrach ann an Siorrachd Rois. Còmhla ri Muireann agus Julie, tha dithis luchd-ciùil à Èireann a tha air deagh chliù a chosnadh dhaibh pèin: Zoe Conway agus Seamus Ó Beaglaoich. Gheibh iad a-mach gu bheil Siorrachd Rois làn thàlant agus tha an ceathrar a’ coinneachadh ri luchd-ciùil iomraiteach, Raghnaid Walker, Anna Massie agus an sàr-fhìdhleir Lauren MacColl.

Trusadh – Siar gu Sìorraidh!

Page 20: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Kerry ’s Kirsty: Rothan gu RobhanaisDimàirt 5 Faoilleach, 8.30f

Riochdaichte le Caledonia TV Productions

Tha na peathraichean Kerry is Kirsty Nic a’ Phì a’ siubhail tro na h-Eileanan an Iar air am baidhseaglan-beinne. ’S e an cnap-starradh as miosa a tha romhpa air seach-rathaidean Uibhist is Bharraigh, an deàrrsach agus an gèile.

Farpaisean Chon-chaorachDimàirt 5 Faoilleach , 9f

Riochdaichte le mneTV

Sreath ùr de dh’Fharpaisean Chon-Chaorach air a lìbhrigeadh le Dòmhnall MacSuain agus Catriona Nic a’ Phì. A’ chuid as fheàrr de na thachair air a’ chiad latha de dh’fharpais Nàiseanta na h-Alba ann an Drochaid Sguideil.

Bannan – Sreath 2 Diciadain 6 Faoilleach, 9f

Riochdaichte le Young Films

Tha Bannan air ais agus pailteas a’ dol ann an Camus. Tha Alasdair a’ tilleadh gu Màiri is Anna, le màthair-chèile is seanmhair ‘ùr’ dhaibh na chois. Tha sròn Chailein a’ cur dragh air is e ag iarraidh tuilleadh fhaighinn a-mach mu Iseabail.

Tha bean Chailein, Sarah Jane, a’ tilleadh dhachaigh às a’ bhaile mhòr, le Isla, nighean a peathar, air a sàil. Bha Màiri is Sarah Jane nan dlùth charaidean nan òige ach chan eil Sarah Jane ro thoilichte Màiri fhaicinn a-rithist. Tha seo a’ deanamh dragh do Mhàiri agus tha i airson faighinn a-mach carson a thàinig an càirdeas aca gu crìch cho obann. Tha freagairt Sarah Jane a’ cur fìor ìongnadh air Màiri. Tha Nebhada am beachd fuireach an Camus agus tha fear eile a’ nochdadh sa bhaile gun iarraidh. Tha Donna a’ comharrachadh a cò-là-breith le pàrtaidh mòr agus a’ fagail Fionnlagh

Ri thighinn san Fhaoilleach air BBC ALBA...

Farpaisean Chon-chaorach

Bannan – Sreath 2

Kerry ’s Kirsty: Rothan gu Robhanais

Page 21: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Oighreachdan na h-AlbaDiardaoin 7 Faoilleach, 10.30f

Riochdaichte le macTV

Seallaidh Oighreachdan na h-Alba gu dlùth ri oighreachdan tro shùilean an fheadhainn leis a bheil iad, na gillean, na gàirnealairean agus mnathan-taighe a bharrachd air na h-aoidhean a bhios a’ pàigheadh airson fuireach air na h-oighreachdan mòra seo. Nì an t-sreath seo aithris air obair na h-oighreachd agus na duilgheadasan a tha an cois rianachd iomairt dha leithid.

Leugh Mi Diardaoin 14 Faoilleach, 8.30f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Anns an darna sreath de Leugh Mi, bidh Anna NicLeòid a’ còmhradh ri dithis neach gach seachdain mu na leabhraichean as fheàrr leotha agus a’ faighinn a-mach barrachd mam beatha.

An t-seachdain-sa bidh Angela NicEachainn a’ bruidhinn mun bhuaidh a bh’ aig leabhar mu dheidhinn carthannas air a beatha. Cluinnear bhuaipe cuideachd mun leabhar ainmeil a leugh i airson a chiad uair nuair a bha i san àrd-sgoil. Gheibhear iomradh bho Bill Innes mun mheas a tha air a bhith aige bho òige air leabhraichean agus gu h-àraidh leabhraichean mu eachdraidh agus mun ùidh a th’ aige ann a bhith a’ rannsachadh a’ chuspair seo. A bharrachd air bruidhinn mu thrì de na leabhraichean as fheàrr leotha tha gach duine air aon dhiubh sin a mholadh dha chèile ‘son a leughadh agus gheibh sinn a mach anns a’ phrògram co-dhiù an do chòrd na leabhraichean riutha - neo nach do chòrd!

Leugh Mi

Oighreachdan na h-Alba

Page 22: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

DIY le DonnieDiardaoin 14 Faoilleach, 9f

Riochdaichte le BBC Gàidhlig

Tha Donnie Dòtaman MacLeòid air ais le sreath eile a’ sealltainn a chomasan sònraichte air DIY! Às dèidh cho soirbheachail ‘s a bha a’ chiad sreath, leanaidh sinn Donnie ‘s e a’ làimhseachadh phròiseactan san taigh aige fhèin agus ‘s e aonan dhiubh sin, seòmar-frasaidh ùr a chur a-steach. Bidh e cuideachd a’ coinneachadh ri eòlaichean anns gach roinn airson faighinn a-mach dè tha ri fhaighinn sna bùithtean a chuidicheas dhaoine a tha ri beagan DIY.

Air an Rathad Diardaoin 14 Faoilleach, 10f

Riochdaichte le Eyeline Media

Tha Linda aig Raon-rèisidh Chrail airson Farpais Sàr-chàraichean Sràide na h-Alba. Tha càraichean a h-uile duine air an sgeadachadh gu math, agus ‘s e an càr as luaithe air cairteal a’ mhìle a dhèanamh a nì an gnothach. Ged nach e dràibhear le mòran misneachd a th’ innte, tha Emma NicLaomainn air aoigheachd agus i deònach an Fiat 500 X Crossover a thoirt air chuairt tro na Hearadh àlainn. Agus tha sgioba Air an Rathad a’ togail orra air a’ chiad dhùbhlan aca ann an Ralaidh na Trealaich. Chan eil dad a dh’fhios aca dè tha romhpa, chan eil fhios aca ach air aon rud le cinnt - gur e dà ablach a tha anns na càraichean. An tig na càraichean fiùs slàn tron chiad latha?

Air an Rathad

DIY le Donnie

Ri thighinn san Fhaoilleach air BBC ALBA...

Page 23: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer

Ball-coise SPFL Dihaoine 18 Dùbhlachd, 7.35f

Morton v Raith Rovers

Disathairne 2 Faoilleach, 7.05f

Alloa v Falkirk

Rugbaidh PRO12 – Cupa 1872 Là na Sàbaid 27 Dùbhlachd, 2.55f

Edinburgh v Glasgow

Disathairne 9 Faoilleach, 1.25f

Zebre v Glasgow

Croladh / Curling – Perth Masters 2016 A’ tòiseachadh Diardaoin 7 Faoilleach, 8.30f

Spòrs beò air BBC ALBA

Spors na Bliadhna

Page 24: Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015 aig àm fèis Piping Live! Gheibh sinn ceòl na pìoba às a’ Bhreatainn Bhìg le Patrick Molard, seat air leth bhon phìobaire iongantach

heart and soul

Fiosrachadh mu phrògraman na Nollaig 2015

Tha BBC ALBA air a ruith le MG ALBA ann an co-bhuinn ris a’ BhBC. | BBC ALBA is run by MG ALBA in partnership with the BBC.

Freeview 8 Virgin Media 161 Sky 143 Freesat 110 bbc.co.uk/iplayer