clas123.files.wordpress.com  · web viewbu chòir don chultar agus don fheallsanachd a bhith ag...

2
Duais Foghlam Gàidhlig Tha Duaisean Foghlam Gàidhlig a’ toirt aithne do sgoiltean is ionadan a tha air cultar agus àrainn bheothail agus adhartach de shìor ùr-ghnàthachadh a leasachadh. Bu chòir don chultar agus don fheallsanachd a bhith ag adhartachadh spèis, miann-adhartais agus coileanadh ’s aig an aon àm a bhith a’ leasachadh bhuilean don h-uile neach- ionnsachaidh ann an dòighean a bhios a’ cur às do neo- cheartas. Dè na dòighean anns a bheil feallsanachd an ionaid agaibh a’ leasachadh mothachadh air cànan agus cultar na Gàidhlig agus a’ toirt cothrom do dhaoine òga a bhith an sàs ann an dòigh ghnìomhach? Dè an dòigh sa bheil coileanaidhean pearsanta co- cheangailte ri seo air an aithneachadh? Ciamar a tha clann agus daoine òga a’ faighinn taic ann a bhith a’ leasachadh tuigse air dualchas, cànan agus cultar na Gàidhlig? Ciamar a bhios an t-ionad agaibh ag obair gu h- èifeachdach le buidhnean Gàidhlig no le coimhearsnachdan Gàidhlig? Ciamar a bhios coimhearsnachd an ionaid agaibh a’ co- roinn ionnsachadh le pàrantan agus coimhearsnachd na sgoile san fharsaingeachd? An aithne dhuibh sgoil no ionad a b’ urrainn freagairt air an abairt a tha seo is air na ceistean a leanas? Mas aithne carson nach ainmich sibh iad airson Duais Foghlam Gàidhlig?

Upload: dangthuan

Post on 10-Aug-2019

223 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Duais Foghlam Gàidhlig

Tha Duaisean Foghlam Gàidhlig a’ toirt aithne do sgoiltean is ionadan a tha air cultar agus àrainn bheothail agus adhartach de shìor ùr-ghnàthachadh a leasachadh.

Bu chòir don chultar agus don fheallsanachd a bhith ag adhartachadh spèis, miann-adhartais agus coileanadh ’s aig an aon àm a bhith a’ leasachadh bhuilean don h-uile neach-ionnsachaidh ann an dòighean a bhios a’ cur às do neo-cheartas.

Dè na dòighean anns a bheil feallsanachd an ionaid agaibh a’ leasachadh mothachadh air cànan agus cultar na Gàidhlig agus a’ toirt cothrom do dhaoine òga a bhith an sàs ann an dòigh ghnìomhach?

Dè an dòigh sa bheil coileanaidhean pearsanta co-cheangailte ri seo air an aithneachadh?

Ciamar a tha clann agus daoine òga a’ faighinn taic ann a bhith a’ leasachadh tuigse air dualchas, cànan agus cultar na Gàidhlig?

Ciamar a bhios an t-ionad agaibh ag obair gu h-èifeachdach le buidhnean Gàidhlig no le coimhearsnachdan Gàidhlig?

Ciamar a bhios coimhearsnachd an ionaid agaibh a’ co-roinn ionnsachadh le pàrantan agus coimhearsnachd na sgoile san fharsaingeachd?

Ciamar a bhios an t-ionad agaibh a’ co-cheangal na Gàidhlig ri rianachd dhreuchdail ann an dòigh a tha brìghmhor do dhaoine òga, a’ cur cudrom air a’ chomas a tha ann a thaobh sgilean airson obair?

Dè na cothroman a tha ann airson gnìomhan iomairt co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig?

Dè a’ bhuaidh a tha aig a bhith a’ leasachadh mothachadh air Gàidhlig air cloinn agus daoine òga, coimhearsnachd na sgoile air fad agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd?

Ciamar a tha an t-ionad air na fèin-fhiosrachaidhean ’s na builean ’s an t-ionnsachadh eadar-chuspaireil a chleachdadh ann a bhith a’ leasachadh mothachadh air a’ Ghàidhlig san ionad agus sa choimhearsnachd san fharsaingeachd

An aithne dhuibh sgoil no ionad a b’ urrainn freagairt air an abairt a tha seo is air na ceistean a leanas? Mas aithne

carson nach ainmich sibh iad airson Duais Foghlam Gàidhlig?

Dè na builean a tha aig na modhan-obrach sin a thaobh buaidh air:

clann agus daoine òga coimhearsnachd na sgoile air fad a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd

Tha na h-ainmeachaidhean a’ dùnadh aig meadhan-là Diluain 16 Gearran 2015

AINMICH AN-DIUGH AIG www.scottisheducationawards.org.uk