plana nàiseanta nan eilean - gov.scot€¦ · eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais...

88
Heading Plana Nàiseanta nan Eilean The National Islands Plan

Upload: others

Post on 18-Jul-2020

9 views

Category:

Documents


0 download

TRANSCRIPT

Page 1: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

Heading

Plana Nàiseanta nan Eilean The National Islands Plan

Page 2: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

© Dlighe-sgrìobhaidh a’ Chrùin 2020

Tha an sgrìobhainn seo fo chumhachan Ceadachd Riaghaltas Fosgailte v3.0 ach ma tha e sgrìobhte nach eil. Airson an ceadachd seo fhaicinn, thig gu nationalarchives.gov.uk/doc/opengovernment-licence/version/3 neo sgrìobh gu Sgioba Poileasaidh Fiosrachaidh, An Tasglann Nàiseanta, Kew, Lunnainn TW9 4DU, neo air post-d: [email protected]

Far a bheil sinn air ainmeachadh gu bheil dlighe-sgrìobhaidh aig treas-phàrtaidh feumaidh tu cead fhaighinn bho luchd-seilbh an dlighe-sgrìobhaidh buntainneach.

Tha an sgrìobhainn seo ri fhaotainn aig www.gov.scot

Cuiribh ceistean sam bith mun sgrìobhainn seo thugainn aigRiaghaltas na h-AlbaTaigh Naomh AnndraisDùn ÈideannEH1 3DG

ISBN: 978-1-83960-426-3

Foillsichte le Riaghaltas na h-Alba, Faoilleach 2020

Air a dheasachadh airson Riaghaltas na h-Alba le APS Group Alba, 21 Sràid Tennant, Dùn Èideann EH6 5NAPPDAS620530 (01/20)

Page 3: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

1Plana Nàiseanta nan Eilean

Clàr-innseFacal-toisich bhon Mhinistear airson Eileanan na h-Alba 2

Geàrr-chunntas air Amasan Ro-innleachdail 3

1. Ro-ràdh 5

2. Plana Cothromach, Co-fhillte, Uaine agus Ion-ghabhalta 13

3. Àireamhan Sluaigh 18

4. Leasachadh Eaconamach Seasmhach 21

5. Còmhdhail 30

6. Taigheadas agus Bochdainn Connaidh 38

7. Ceangailteachd Dhidseatach 44

8. Slàinte, Cùram Sòisealta agus Sunnd 49

9. Leas Àrainneachdail agus Bith-thèarainteachd 56

10. Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Cumhachd 59

11. Coimhearsnachdan Eileanach Cumhachdach agus Com-pàirteachasan Ionadail Làidir 64

12. Na h-Ealain, Cultar agus Cànan 71

13. Foghlam 74

14. Buileachadh agus Sgrùdadh Plana Nàiseanta nan Eilean 77

15. Ceannas Eadar-nàiseanta 80

Leas-phàipear A – Dleastanasan a thaobh Coimhearsnachdan sna h-Eileanan: Ùghdarrasan Buntainneach 82

Page 4: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan2

Facal-toisich bhon Mhinistear airson Eileanan na h-AlbaMar Mhinistear nan Eilean, tha mi moiteil a’ chiad Plana Nàiseanta nan Eilean ann an Alba a thoirt dhuibh. Chaidh am Plana seo, a tha a’ comharrachadh clach-mhìle eachdraidheil, a chruthachadh le beachdan bho iomadh eileanach agus tha mi air leth taingeil airson a h-uile sìon a tha sibh uile air cur ris.

Tha am Plana a’ mìneachadh 13 Amasan Ro-innleachdail a tha sìmplidh agus practaigeach, ach a bhios deatamach thairis air na còig bliadhna a tha romhainn airson càileachd beatha a dhèanamh nas fheàrr airson coimhearsnachdan nan eilean. Tha Achd nan Eilean (Alba) a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba ann an 2018 a’ mìneachadh adhbhar plana nàiseanta nan eilean Tha e ag innse nam prìomh dhleastanasan agus ro-innleachd aig Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ leasachadh thoraidhean airson coimhearsnachdan nan eilean. Tha an Achd a’ mìneachadh cuid de na prìomh raointean airson seo a dhèanamh – le bhith ag àrdachadh àireamhan-sluaigh; a’ leasachadh agus a’ brosnachadh leasachadh eaconamach seasmhach, leas àrainneachdail, slàinte agus sunnd, agus cumhachdachadh choimhearsnachdan; leasachadh seirbheisean còmhdhail agus ceangailteachd dhidseatach; lùghdachadh bochdainn connaidh; agus leasachadh bith-thèarainteachd.

Chaidh na puingean reachdail seo a chur ris le prìomhachasan a chaidh ainmeachadh le eileanaich iad fhèin. Bhon Ghiblean gus an Iuchair 2019, bha co-chomhairleachadh farsaing againn air na bha cudromach do dh’eileanaich agus coimhearsnachdan nan eilean. Sheall an co-chomhairleachadh far an robh againn ri oidhirp nas fheàrr a dhèanamh gus fòcas a chur air na dùbhlain agus freagairt ris na miannan aig eileanaich na h-Alba.

Dh’èirich atharrachadh na gnàth-shìde mar chùis air leth cudromach. Tha eileanaich seasmhach agus innleachdail agus tha iad airson am pàirt a chluich, agus airson a bhith aig toiseach freagairt èifeachdach ri cùis-èiginn na gnàth-shìde.

Tha dleastanas aig Ministearan na h-Alba na h-amasan ro-innleachdail a tha air am mìneachadh sa Phlana seo a choileanadh agus a lìbhrigeadh. Tha sinn a’ cur fàilte air na cothroman seo a dhèanamh. Tha sinn dealasach mu dheidhinn a bhith a’ cur taic ri àiteachan brèagha airson a bhith a’ fuireach, ag obair, a’ tadhail agus ag ionnsachadh. Cumaidh sinn oirnn ag obair gu dlùth ri coimhearsnachdan agus na buidhnean poblach a tha a’ cur taic ris na coimhearsnachdan seo ann am buileachadh a’ Phlana seo agus na gnìomhan a tha na chois.

Tha ar n-eileanan air leth cudromach – chan ann a-mhàin do dh’Alba, ach dhan t-saoghal air fad. Tha iad a’ cur gu mòr ri ar cultar, dualchas, dearbh-aithne, cruth-tìre, eaconamaidh agus comann-sòisealta. Tha sinn airson gun soirbhich leotha. Tha a’ chiad Plana Nàiseanta nan Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh.

Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd, Ceangailteachd agus na h-Eileanan

Page 5: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

3Plana Nàiseanta nan Eilean

Geàrr-chunntas air Amasan Ro-innleachdail

Àireamh an t-sluaigh

Amas ro-innleachdail 1Gus aghaidh a chur air crìonadh sluaigh agus gus dèanamh cinnteach gu bheil pròifil sluaigh fallain agus cothromach ann

Leasachadh Eaconamach Seasmhach

Amas ro-innleachdail 2Gus leasachadh eaconamach seasmhach a chur air adhart agus a bhrosnachadha chur air adhart agus a bhrosnachadh

Còmhdhail Amas ro-innleachdail 3To improve transport services

Taigheadas Amas ro-innleachdail 4Gus taigheadas a leasachadh

Bochdainn Connaidh

Amas ro-innleachdail 5Gus an ìre de bhochdainn connaidh a lùghdachadh

Ceangailteachd Dhidseatach

Amas ro-innleachdail 6Gus ceangailteachd dhidseatach a leasachadh

Slàinte, Cùram Sòisealta agus Sunnd

Amas ro-innleachdail 7Gus slàinte agus sunnd a chur air adhart agus a bhrosnachadh

Page 6: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan4

Geàrr-chunntas air Amasan Ro-innleachdail

Leas Àrainneachdail agus Bith-thèarainteachd

Amas ro-innleachdail 8Gus piseach a thoirt air leas àrainneachdail agus gus dèiligeadh ri bith-thèarainteachd

Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Cumhachd

Amas ro-innleachdail 9Gus cur ri cur an aghaidh agus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde agus gus lùths glan, tèarainte air prìs reusanta a bhrosnachadh

Coimhearsnachdan Eileanach Cumhachdach agus Com-pàirteachasan Ionadail Làidir

Amas ro-innleachdail 10Gus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan eadar-mheasgte agus àiteachan eadar-dhealaichte

Na h-Ealain, Cultar agus Cànan

Amas ro-innleachdail 11Gus taic a chumail ris na h-ealain, cultar agus cànan

Foghlam Amas ro-innleachdail 12Gus foghlam a bhrosnachadh is a leasachadh don h-uile duine fad am beatha

Buileachadh Amas ro-innleachdail 13Gus taic a chumail ri bhith a’ cur Plana Nàiseanta nan Eilean an gnìomh gu h-èifeachdach

Page 7: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

5Plana Nàiseanta nan Eilean

Ro-ràdh

Tha ar n-eileanan co-chiallach ri Alba agus ar nàisean. Gu h-àraid, tha iad a’ cuideachadh gus mìneachadh mar a tha luchd-amhairc eadar-nàiseanta a’ faicinn Alba agus a’ cur gu mòr ri ar dearbh-aithne nàiseanta, ach cuideachd a’ glèidheadh agus a’ brosnachadh dearbh-aithnean làidir ionadail. Tha eileanaich1 – ged a rugadh iad an sin neo a thagh iad a bhith a’ fuireach ann – air leth cudromach airson seo. Tha faireachdainn làidir aig eileanaich mu choimhearsnachd, saorsa agus sàbhailteachd a tha a’ cur ri an deagh bheatha a th’ aca a’ fuireach air eileanan na h-Alba. Ma chuireas tu ri seo gu bheil dreuchd sònraichte eaconamach aca, le àrainneachd nàdair mìorbhaileach agus beairteas de dhualchas cultarach, tuigidh tu carson a tha daoine bho air feadh an t-saoghail a’ tadhal air eileanan na h-Alba agus gu bheil iad a’ faireachdainn blàths sònraichte riutha.

Tha coimhearsnachdan eileanach ann an Alba seasmhach, ach cuideachd gu tric ùr-ghnàthach. Ann an raointean mar fuasglaidhean coimhearsnachd ann an rianachd oighreachdan, cumhachd no ceangailteachd didseatach, lìbhrigeadh slàinte, na h-ealain, cultar no cànan, tha coimhearsnachdan eileanach tric air thoiseach ann a bhith a’ lorg fuasglaidhean a thèid an uairsin a thoirt gu tìr-mòr.

Ged a tha eileanan ann an Alba nan fìor dheagh àiteachan a bhith a’ fuireach, b’ àbhaist dha seo a bhith dùbhlanach, agus tha fhathast air cuid de dh’eileanan, air sàilleibh iomadh suidheachadh – nam measg far a bheil iad air an lorg.

O chionn fhada, bha sluagh gu math nas làidire air a’ chuid as motha de dh’eileanan. Aig deireadh an 19mh linn, dh’imrich tòrr dhaoine bho na h-eilean air feadh an t-saoghal airson beatha nas fheàrr a lorg, ged nach robh an roghainn aig mòran. Dh’fhàg na fuadaichean buaidh air na h-eileanan cuideachd, agus tha na lotan seo fhathast rim faicinn ann an cuid de choimhearsnachdan. Tha eachdraidh air innse dhuinn gu bheil eileanan agus coimhearsnachdan eileanach tric air a bhith a’ faireachdainn gu bheil iad air oir poileasaidh poblach. Tha coimhearsnachdan eileanach air faireachdainn gu bheil co-dhùnaidhean a bha a’ toirt buaidh orra air an ruighinn le daoine nach robh a’ fuireach air na h-eileanan, aig nach robh eòlas sam bith air beatha air falbh bho thìr-mòr.

Tha Achd nan Eilean (Alba) 2018 agus a-nis a’ chiad Plana Nàiseanta nan Eilean seo a mhaireas còig bliadhna, airson seo atharrachadh. ’S e pìos reachdais eachdraidheil stèidhichte air àite a tha a’ toirt leis an gealltas gus leasachadh a thoirt air riaghladh agus poileasaidh eileanach ann an Alba.

1  Tha am mìneachadh a leanas ann an Achd nan Eilean (Alba) 2018, earrann 2(1): tha “eilean” a’ ciallachadh pìos fearainn nàdarra a tha— “(a) cuairtichte air gach taobh leis a’ mhuir (a’ leigeil seachad structaran fuadain mar dhrochaidean), agus (b) os cionn na mara aig làn àrd.”

Page 8: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan6

Cùl-fhiosrachaidh

Tha an Achd a’ sealltainn na h-obrach cruaidh a rinn iomadh neach a chuidich sinn gus an ìre eachdraidheil seo a ruighinn. San Ògmhios 2013, chuir na trì ùghdarrasan eileanach ann an Alba – Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn air bhog Iomairt Ar n-Eileanan, Ar n-Àm ri Teachd,2 ag amas gus dèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan agus inbhe sgìrean eileanach na h-Alba air an aithneachadh gu soilleir.

San Ògmhios 2014, nuair a chrìochnaich obair na Buidhne Obrach Ministreil airson Sgìrean Eileanach, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an sgrìobhainn A’ Cumhachdachadh Coimhearsnachdan Eileanach na h-Alba.3 Bha seo air a stèidheachadh air trì amasan bunaiteach:

1. A’ cur air adhart guth coimhearsnachdan nan Eilean;

2. A’ dèanamh feum de ghoireasan nan Eilean; agus

3. A’ leasachadh sunnd coimhearsnachdan eileanach.

Mar thoradh air seo, ghabh Riaghaltas na RA agus na trì Comhairlean eileanach ann an Alba ri Frèam-obrach airson nan Eilean4 far an do chruthaich iad “dìon eileanach” mar phrionnsabal, le poileasaidh agus reachdas a’ toirt an aire de shuidheachaidhean nan eilean, ged nach robh seo air bunait reachdail. A’ leantail bhon sgrìobhainn A’ Cumhachdachadh Coimhearsnachdan Eileanach na h-Alba, rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachadh air ullachaidhean airson Bile nan Eilean a bha ri thighinn ann an 2015. Bha fòcas aig a’ cho-chomhairleachadh seo air ‘dìon eileanach’, le fòcas air a bhith a’ gabhail ris mar phrionnsapal taobh a-staigh Bile Eileanan sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann.

San t-Sultain 2016 chaidh fhoillseachadh sa Phrògram Riaghlaidh gum biodh Bile nan Eilean air a thoirt air adhart sa chiad seisean den Phàrlamaid ùir. Chaidh Aonta Rìoghail a bhuileachadh air Achd nan Eilean (Alba) 2018 air 6 Iuchar 2018. Chaidh na ciad Riaghailtean Tòiseachaidh a shuidheachadh air 20 Sultain agus chaidh a chur an gnìomh air 4 Dàmhair 2018.

Tha Achd nan Eilean (Alba) 2018 a’ toirt a-steach ceumannan airson bunait a thoirt dha amas Riaghaltas na h-Alba gum bi fòcas seasmhach thairis air riaghaltas agus an raon poblach airson feumalachdan coimhearsnachdan nan eilean a choileanadh an-diugh agus san àm ri teachd, airson gum bi toraidhean nas fheàrr aig coimhearsnachdan nan eilean. Am measg nan ciad ullachaidhean, chaidh dleastanas a chur air Ministearan na h-Alba gus Plana Nàiseanta nan Eilean ullachadh (am Plana).

Tha an Achd ag ràdh gum ‘bu chòir dhan Phlana seo na prìomh amasan agus ro-innleachdan aig Ministearan na h-Alba a dhèanamh soilleir a thaobh leasachadh thoraidhean airson coimhearsnachdan eileanach a tha a’ tighinn bho, no a tha fo bhuaidh, lìbhrigeadh ghnìomhan poblach’.5

2  Ar n-Eileanan, Ar n-Àm ri Teachd, Co-Aithisg Suidheachaidh: https://www.cne-siar.gov.uk/media/7964/jointpositionstatement.pdf

3  Pàrlamaid na h-Alba, Aithisg Oifigeil, Buidheann Obrach Ministreil air Sgìrean Eileanach, Ro-shealladh, A’ Cumhachdachadh Coimhearsnachdan Eileanach na h-Alba, Ògmhios 2014.

4  Riaghaltas na RA agus Comhairlean Eileanach na h-Alba, Frèam-obrach airson nan Eilean, 2014: https://assets.publishing.service.gov.uk/government/uploads/system/uploads/attachment_data/file/344446/UKG_ISLANDS_FRAMEWORK_-_15_August.pdf

5 Achd nan Eilean (Alba), earrann 3(2).

Page 9: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

7Plana Nàiseanta nan Eilean

Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha am Plana a’ mìneachadh an taobh a tha Riaghaltas na h-Alba airson a dhol agus a’ stèidheachadh frèam-obrach ghnìomhachd airson toraidhean a leasachadh airson coimhearsnachdan eileanach. Chaidh am plana a chruthachadh fo stiùir an reachdais, còmhla ri eòlas bhuidhnean eile ann an com-pàirteachas agus fiosrachadh bho phoileasaidh agus ro-innleachd nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba. Ach, gu deatamach, chaidh a dhealbhadh le na rudan a bha daoine ag innse dhuinn a bha cudromach dhaibh.

Mar a chaidh a chur romhainn san Achd, tha molaidhean ann a thaobh:

• àrdachadh àireamhan-sluaigh

• leasachadh agus brosnachadh leasachadh eaconamach seasmhach

• leasachadh agus brosnachadh leas àrainneachdail

• leasachadh agus brosnachadh slàinte agus sunnd

• leasachadh agus brosnachadh cumhachdachadh coimhearsnachd

• leasachadh seirbheisean còmhdhail

• leasachadh ceangailteachd dhidseatach

• lùghdachadh bochdainn connaidh

• rianachd èifeachdach air Oighreachd a’ Chrùin Alba

• bith-thèarainteachd nas fheàrr

A’ togail air na beachdan a thog sinn eadar an Giblean agus an t-Iuchar 2019, tha cùisean eile sa phlana a tha cudromach do ar coimhearsnachdan eileanach: taigheadas, atharrachadh na gnàth-shìde, cumhachd, foghlam agus ar dualchas cultarach.

Mairidh am Plana airson còig bliadhna le dleastanas airson aithisgean bliadhnail air adhartas agus ath-sgrùdadh aig deireadh nan còig bliadhna. Ann an co-rèir ri Achd nan Eilean (Alba) 2018, tha sinn air tòiseachadh air slatan-tomhais uimhireil agus càileachdail a chruthachadh airson gun urrainn dhuinn adhartas a thomhas a rèir nan 13 Amasan Ro-innleachdail agus nan amasan airson na h-ùine goirid, meadhanaich agus fada a tha sa Phlana. Bidh na slatan-tomhais seo ceangailte ri an Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta (FCN) agus na h-Amasan Leasachaidh Seasmhach (ALSan).

’S e an ath cheum a bhios againn Clàr Buileachaidh a chruthachadh a dh’innseas na gnìomhan agus slatan-tomhais seo.

Chan e am Plana an aon sgrìobhainn a bhios a’ dèiligeadh ri cùisean eileanach, ach ’s e dòigh a th’ ann fòcas a chur air eileanan agus airson beachdachadh air na cothroman agus dùbhlain a th’ ann, a’ toirt a-steach pàirtean buntainneach de Riaghaltas na h-Alba, ar com-pàirtichean agus buidhnean-gnìomha agus an raon poblach nas fharsainge. Tha am Plana, nuair a tha e iomchaidh, cuideachd a’ dol còmhla ri poileasaidhean agus ro-innleachdan a th’ ann cheana, a’ toirt fòcas sònraichte a thaobh coimhearsnachdan eileanach airson buaidh a thoirt air beathannan agus sunnd eileanaich. Airson Plana Nàiseanta nan Eilean a tha Cothromach, Co-fhillte, Uaine agus Ion-ghabhalta a choileanadh, feumaidh co-obrachadh agus com-pàirteachas làidir a bhith ann eadar Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan eileanach agus a h-uile neach-ùidhe eile – a’ gabhail a-steach planadh coimhearsnachd.

Page 10: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan8

Pròiseas Co-chomhairleachaidh

Airson am plana ullachadh, rinn Ministearan na h-Alba co-chomhairleachadh farsaing ann an 2019 le coimhearsnachdan eileanach.6 Bha an dòigh-obrach airson an dleastanas ann an earrann 4 den Achd a thoirt gu buil, agus airson Plana Nàiseanta nan Eilean a chruthachadh a bha a’ freagairt air “na feartan sònraichte a thaobh cruinn-eòlas, dualchas nàdarrach agus cultarach (a’ gabhail a-steach dualchas cànanach) gach sgìre anns a bheil coimhearsnachdan eileanach”.7

6 Achd nan Eilean (Alba) 2018, earrann 4 (1) (a).7 Achd nan Eilean (Alba) 2018, earrann 4 (1) (b).

Page 11: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

9Plana Nàiseanta nan Eilean

Chaidh am pròiseas co-chomhairleachaidh a dhèanamh a’ cleachdadh dòigh-obrach a thug còmhla World Café agus Teicneòlas Àrainn Fhosgailte airson an cothrom a thoirt don fheadhainn a ghabh pàirt beachdachadh gu farsaing air na rudan a tha ag obair gu math san eilean aca agus na rudan a tha feumach air leasachadh.8

Bha cuid de chùisean ann a bha daoine airson bruidhinn air gu mionaideach gu math tric, mar a chithear gu h-ìosal:

Sa cho-chomhairleachadh, thadhail Sgioba nan Eilean bho Riaghaltas na h-Alba air 40 eilean agus chuir iad air dòigh 61 tachartasan agus coinneamhan, airson an cothrom fhaighinn coinneachadh aghaidh-ri-aghaidh le cha mhòr 1,000 neach. A bharrachd air na tachartasan, bha co-chomhairleachadh air-loidhne ann a fhuair beachdan bho 414 daoine. A bharrachd air seo, bha tachartasan sònraichte ann airson an cothrom a thoirt do dh’òigridh am beachdan a thoirt seachad mu chruthachadh Plana Nàiseanta nan Eilean.9

8  Dòighean-obrach a chaidh a chleachdadh sa cho-chomhairleachaidh http://www.theworldcafe.com/and https://openspaceworld.org/wp2/what-is/

9  Chithear aithisgean bho na h-eileanan air fad an seo: https://www.strath.ac.uk/research/strathclydecentreenvironmentallawgovernance/ourwork/research/labsincubators/eilean/islandsscotlandact/consultations/

Còmhd

hail

Leas

Eac

onDids

eata

chDì-D

haoin

Slàint

eÀra

innea

chd

Taigh

eada

sTu

rasa

chd

Bochd

Con

n

Cumh C

oimh

Cumha

chd

Fear

ann

Ath-C

huair

tBith

-Thè

arFo

ghlam

Trea

s Roin

n

Neoni

Carbo

in

45

40

35

30

25

20

15

10

5

0

Page 12: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan10

Eileanan air an do Thadhal Sinn

1 Arainn2 Barraigh3 Beinn na Faoghla4 Bòd5 Canaigh6 Colla7 Colbhasa8 Cumaradh9 Eisdeal10 Eige11 Giogha12 Na Hearadh13 Hoy14 Ì15 Ìle16 Diùra17 Cearara18 Leòdhas19 Lios Mòr20 Luing21 Tìr-mòr Arcaibh

(Kirkwall agus Stromness)22 Tìr-mòr Shealtainn (Lerwick)23 Eilean nam Muc24 Muile25 Ronaldsay a Tuath26 Uibhist a Tuath27 Ratharsair28 Rùm29 Sanday30 Saoil31 An t-Eilean Sgitheanach32 Uibhist a Deas33 Stronsay34 Tiriodh35 Ulbha36 Unst37 Bhatarsaigh38 Westray39 Whalsay40 Yell

1

4 8

9

1023

24

25

29

33

38

36

39

40

34

37

3530

32

26

27

28

1115

16

1719

20

12

18

13

21

22

14

5

6

7

2

3 31

Page 13: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

11Plana Nàiseanta nan Eilean

Structar a’ Phlana

Tha am Plana a’ sealltainn mar a tha na h-amasan agus ro-innleachdan airson toraidhean a leasachadh airson coimhearsnachdan eileanach stèidhichte air ceithir prìomh luachan: cothromachd, co-fhillteachd, dìon àrainneachdail (uaine) agus ion-ghabhaltachd. An uair sin tha na 13 Amasan Ro-innleachdail agus prìomh ghnìomhan a nì Riaghaltas na h-Alba agus a bhuidhnean-gnìomh airson iad seo a lìbhrigeadh. Tha an dà chaibideil mu dheireadh a’ mìneachadh nan ath cheumannan a thaobh buileachadh agus an àite a bhios aig a’ Phlana ann an cliù na h-Alba air feadh an t-saoghail.

Taobh a-staigh a’ Phlana, tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha a’ Ghàidhlig do dh’iomadh coimhearsnachd eileanach, agus cho cudromach ’s a tha na coimhearsnachdan eileanach far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn do sheasmhachd na Gàidhlig ann an Alba. Tha dleastanasan tron Phlana air fad a bheir taic do dhaoine fa-leth, coimhearsnachdan agus buidhnean ann an coimhearsnachdan Gàidhlig eileanach le bhith a’ cleachdadh Gàidhlig.

Tron phlana, tha eisimpleirean de dheagh chleachdadh ann an coimhearsnachdan eileanach na h-Alba. Chaidh iad seo aithneachadh tron cho-chomhairleachadh fhèin agus cuideachd le taic bho Chaidreachas Eileanan na h-Alba agus an lìonraidhean. Chan e liosta shlàn a th’ ann agus tha iomadh eisimpleir eile ann nach b’ urrainn a bhith sa Phlana. Tha sinn an dòchas gun cuidich iad le fiosrachadh mun innleachd agus neart a th’ ann mu thràth ann an eileanan na h-Alba thairis air iomadh raon.

Cuideachd, tha eisimpleirean ann de phoileasaidhean agus iomairtean aig Riaghaltas na h-Alba, a tha sinn an dòchas a chuidicheas le lìbhrigeadh a’ Chlàr Buileachaidh.

Brexit

Chaidh am Plana seo a chruthachadh ann an co-theacsa Brexit a tha a’ cur sgàil de mi-chinnt air mar a tha poileasaidh co-leantainn an Aonaidh Eòrpach a’ buntainn do dh’Alba. Tha Achd nan Eilean agus am Plana seo air an cruthachadh san spiorad a tha air poileasaidh co-leantainn an AE a thoirt air adhart thairis air na deicheadan.10 Mar sin, chan atharraich an dòigh-obrach agus poileasaidhean a thaobh sgìrean dùthchail na h-Alba gu mòr. Mar a shaoileadh tu, tha iomagain air ar coimhearsnachdan eileanach mu thràth mu dheidhinn an àm ri teachd agus ged a nì Riaghaltas na h-Alba nas urrainn dha, tha e coltach gum bi buaidh aig a’ mhì-chinnt a thaobh maoineachaidh air na ghabhas lìbhrigeadh san àm ri teachd.

A rèir anailis a rinn Riaghaltas na h-Alba de na sgìrean a tha as so-leònte fo bhuaidh Brexit (foillsichte san t-Sultain 2019), tha iomadh coimhearsnachd den t-seòrsa seo sna h-eileanan. Tha mu leth de na coimhearsnachdan ann an Sealtainn, na h-Eileanan Siar, Earra-ghàidheal is Bòd agus Dùn Phris is Gall-ghàidhealaibh am measg nan coimhearsnachdan as so-leònte ann an Alba (20% de na sgìrean dàta as so-leònte). Sna h-Eileanan Siar tha barrachd na 14,000 neach a’ fuireach sna sgìrean dàta as so-leònte. Ann an Sealtainn tha barrachd na 11,000 neach a’ fuireach sna sgìrean dàta as so-leònte. Tha na coimhearsnachdan eileanach seo ann an cunnart nas motha mar thoradh air cùisean coimhearsnachd mar dì-dhaoineachadh agus barrachd seann daoine na daoine aig aois obrach, agus gu bheil e nas duilghe an cothrom fhaighinn air seirbheisean. A bharrachd air seo, tha cunnartan sònraichte a’ tighinn le Brexit mar eisimpleir an àireamh àrd de dhaoine sna h-eileanan a tha ag obair ann an gnìomhachasan a bhios as coltaiche a bhith fo bhuaidh Brexit.

10  Faicibh A’ Choimisean Eòrpach, Sùil air Leasachadh Spàsail Eòrpach https://ec.europa.eu/regional_policy/sources/docoffic/official/reports/pdf/sum_en.pdf

Page 14: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan12

Sgaoileadh Sluaigh anns na Coimhearsnachdan as So-leònte

Eileanan agus Dùthchail Iomallach

7%

28% 28%25%

41% 41%

27%

3%

Dùthchail sa Mhòr-chuid

Bailteil le Mòran Dùthchail

Bailtean nas Motha

Earrann de Shluagh na h-Alba a’ Fuireach ann an Coimhearsnachdan as So-leònte a thaobh Brexit

Earrann de Shluagh na h-Alba

Page 15: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

13Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha Plana Nàiseanta nan Eilean stèidhichte air na prionnsabalan gu bheil e cothromach, co-fhillte, uaine agus ion-ghabhalta.

Tha na ceithir prionnsabalan de chothromachd, co-fhillteachd, dìon àrainneachdail (uaine) agus ion-ghabhaltas a’ tighinn bhon cho-chomhairleachadh. Tha am plana stèidhichte orra agus stiùiridh iad Riaghaltas na h-Alba agus ar luchd-ùidhe gus ar n-amas deireannach a ruighinn – airson toraidhean a leasachadh airson coimhearsnachdan eileanach.

Plana Cothromach

Tha cothromachd a’ sealltainn ar dealas airson co-ionannachd agus còraichean daonna. Tha am Plana ag aithneachadh gu bheil còir aig a h-uile duine nar comann-sòisealta a bhith beò le urram agus an cothrom fhaighinn air deagh sheirbheisean phoblach ge brith càite a bheil iad a’ fuireach. Tha an t-amas seo a-nis mar Bhuil Nàiseanta san Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta ùr ann an Alba.11

“Tha sinn a’ cur suim ann an còraichean daonna agus gan dìon, airson gum bi sinn beò gun leth-bhreith.”

Tha na dùbhlain a tha mu choinneamh coimhearsnachdan eileanach coltach ris na dùbhlain a th’ aig sgìrean dùthchail na h-Alba air fad, agus cuideachd coimhearsnachdan eile aig a bheil trioblaidean a thaobh an cothrom fhaighinn air seirbheisean poblach no deagh chosnadh. Ach tha na buaidhean a th’ aig cruinn-eòlas (mar chosgaisean nas daoire agus cùisean àrainneachdail) a’ ciallachadh gu bheil dùbhlain shònraichte aig coimhearsnachdan eileanach, agus tha mòran a’ faireachdainn gun deach an trèigsinn le siostaman riaghlaidh sa mheadhain. A bharrachd air seo, airson cuid de dh’eileanaich tha dùthchalachd a’ dèanamh neo-ionannachd nas miosa buileach, a thaobh aois, ciorramachd, ath-bhuileachadh gnè, màthaireachd, cinneadh, creideamh no feallsanachd, gnè agus taobhadh feise. Tha na feartan seo air aithneachadh mar “feartan dìonte” ann an Achd na Co-ionannachd 2010. Tha cùisean a bheir buaidh air eileanaich air fad gu ìre, a thaobh còmhdhail no taigheadas iomchaidh mar eisimpleir, a’ toirt buaidh nas miosa air cuid de bhuidhnean na air buidhnean eile agus tha na buidhnean seo feumach air gnìomhan sònraichte airson an neo-ionannachd a chur ceart.

B’e Achd nan Eilean a’ chiad ceum airson feuchainn ris na dùbhlain seo a chur ceart. Ach tha am Plana a’ dol ceum nas fhaide tro dhòigh-obrach stèidhichte air an àite, a tha ag amas air cothromachd agus sunnd airson Alba air fad.

11 https://nationalperformance.gov.scot/

Plana Cothromach, Co-fhillte, Uaine agus Ion-ghabhalta

Page 16: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan14

Feumaidh leasachadh thoraidhean airson nan eileanan a bhith stèidhichte air tuigse mu na feumalachdan sònraichte aig an fheadhainn a tha fo bhuaidh iomadh leth-bhreith. Feumaidh sinn togail air a’ cho-chomhairleachadh le coimhearsnachdan eileanach airson a bhith cinnteach gum bi sinn a’ coileanadh nam feumalachdan aig a h-uile eileanach, a’ gabhail a-steach boireannaich, daoine air a bheil ciorram, daoine LGBTI, coimhearsnachdan mion-shluaighean cinnidheach agus daoine nas sine.

Cuiridh am Plana cuideachd ri cruthachadh dùthaich nas fheàrr a thaobh cothromachd, slàinte agus toileachas, airson Alba air fad, le bhith a’ cur taic ris a’ bhuidhinn de Riaghaltasan Eaconamaidh Sunndach (Wellbeing Economy Governments – WEGo) a tha ag amas air brosnachadh eòlas agus dòighean-obrach poileasaidh a thoirt ri chèile eadar riaghaltasan aig a bheil na h-aon amasan a thaobh a bhith a’ brosnachadh sunnd tro dhòighean-obrach eaconamach. Tha WEGo airson gun tèid sunnd aithneachadh gu practaigeach tro cho-obrachadh eadar dùthchannan air raointean poileasaidh sònraichte.

Tha an dòigh-obrach a’ gèilleadh ri dleastanasan na h-Alba a thaobh còraichean daonna. Tha feartan nan eilean a thaobh cruinn-eòlas, deamografaidh, socio-eaconamaidh, cultar agus eile a’ ciallachadh gu bheil iomadh cùis shònraichte airson coimhearsnachdan eileanach a’ bualadh air iomadh còir daonna cuideachd. Mar eisimpleir, tha an cothrom daoine agus bathar a ghiùlan ris an eilean agus air ais, no cùisean a thaobh ceangailteachd dhidseatach, a’ bualadh air a’ chothrom a th’ aig daoine air seirbheisean slàinte, foghlam, obair, agus ìre beòshlainte a tha freagarrach airson dòigh-beatha san 21mh linn. Tha duilgheadasan a thaobh cothrom air taigheadas agus fearann air prìs reusanta a’ bualadh air a’ còir air taigheadas freagarrach, air beatha teaghlaich is prìobhaideach agus air a’ chòir air biadh. Tha buaidh bochdainn connaidh a’ bualadh air dùbhlain eile den t-seòrsa seo.

Le dòigh-obrach stèidhichte air còraichean daonna agus sunnd airson nan eileanach air fad, a’ gabhail a-steach boireannaich agus òigridh, tha am Plana seo ceangailte ri leasachaidhean poileasaidh leantainneach sna raointean seo.12 Tha e a’ cur taic ri coimhearsnachdan eileanach agus a’ lìbhrigeadh barrachd chumhachdachadh – chan ann a-mhàin san raon phoblach, ach cuideachd a thaobh seirbheisean san raon phrìobhaideach a tha air an solarachadh ann an dòigh a tha poblach no leth-phoblach.

Bidh Plana cothromach stèidhichte air sunnd a’ strì gum bi coimhearsnachdan nas cothromaiche, nas fhallaine agus nas toilichte air feadh Alba. Cuidichidh an dòigh-obrach còraichean daonna le cunntasalachd nas fheàrr airson a bhith cinnteach gu bheil sinn mothachail air còraichean coimhearsnachdan eileanach, agus gan dìon.

12  Faodar aithisg na Buidhne Comhairleachaidh aig a’ Phrìomh Mhinistear air Ceannas ann an Còraichean Daonna fhaotainn an seo: https://humanrightsleadership.scot/wp-content/uploads/2018/12/First-Ministers-Advisory-Group-on-Human-Rights – Leadership-Final-report-for-publication.pdf. San Ògmhios 2019, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gun tèid molaidhean na buidhne a thoirt air adhart le buidheann-gnìomha nàiseanta ùr.

Page 17: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

15Plana Nàiseanta nan Eilean

Plana Co-fhillte

Chan eil co-fhillteachd agus seasmhachd a-mhàin mu dheidhinn a bhith a’ toirt chùisean àrainneachdail, sòisealta agus eaconamach a-steach do phoileasaidh. Tha iad cuideachd mu dheidhinn a bhith a’ gluasad air falbh bho na cunnartan bho bhith ag obair ann an silothan agus a’ gabhail ri dòigh-obrach cho-fhillte a thaobh poileasaidh. Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair fo Phrionnsabal Àite a chuidicheas le dòigh-obrach nas co-cheangailte agus co-obrachail a thaobh seirbheisean, fearann agus togail airson gum bi a’ bhuaidh as motha aig cumhachd agus goireasan ag obair còmhla airson na toraidhean aig an Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta a lìbhrigeadh. Tha am Plana a’ toirt seasmhachd air adhart le bhith a’ brosnachadh sheirbheisean co-cheangailte a tha stèidhichte air dòigh-obrach cho-fhillte agus iomlanach a thaobh poileasaidh a tha a’ glacadh chuspairean eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail.

Tha seo a’ cur taic ris na chuala sinn sa cho-chomhairleachadh far an robh eileanaich gu soilleir a’ bruidhinn air an dòigh a tha comann-sòisealta ag obrachadh air eilean ‘co-fhillte’. Chan urrainn dha aon raon, mar chòmhdhail, taigheadas no slàinte, obrachadh leis fhèin. Tha iad uile an urra ri chèile agus feumaidh iad obrachadh còmhla airson na toraidhean as fheàrr a ruighinn. Feumaidh iad cuideachd a bhith seasmhach nuair a tha buaireadh ann, agus comasach cumail a’ dol tro èiginn. Gu dearbh, chaidh am Prionnsabal Àite a chleachdadh mu thràth gu h-èifeachdach le coimhearsnachdan eileanach airson leasachaidhean a mheasadh agus a phlanadh thairis air iomadh seòrsa bun-structair agus seirbhis.

Ann an cuid de shuidheachaidhean, nuair a tha aon phàirt de bheatha eileanach a’ fàs nas fheàrr, bidh buaidh aig seo air pàirtean eile agus faodaidh cruth-atharrachadh tighinn bho seo. Mar eisimpleir, tha leasachadh taigheadais a’ toirt taic do leasachadh eaconamach le bhith a’ solarachadh taigheadas air prìs reusanta airson luchd-obrach an eilein agus a’ cuideachadh gus dì-dhaoineachadh a lùghdachadh. Tha na h-eadar – eisimeileachdan seo mar phàirt mu thràth de Phlanaichean Leasachadh Ionadail, a tha air an ullachadh leis an ùghdarras planaidh airson eilean leis a’ chothrom beachdan fhaighinn bho choimhearsnachdan.

Tha fòcas sa Phlana air seasmhachd, a tha a’ cur ri ceannas na h-Alba san t-saoghal a thaobh buileachadh nan Amasan Leasachaidh Seasmhach.

Bidh plana co-fhillte a’ brosnachadh sheirbheisean co-cheangailte a tha stèidhichte air dòigh-obrach iomlanach stèidhichte air àite, agus a’ togail chuspairean eaconomach, sòisealta agus àrainneachdail ann an dòigh-obrach cho-fhillte a thaobh poileasaidh eileanach.

Page 18: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan16

Plana Uaine

Chan eil Plana uaine a-mhàin mu dheidhinn a bhith a’ dìon ar n-eileanan àlainn, am bith-iomadachd agus a’ dèiligeadh gu h-èifeachdach le bith-thèarainteachd. Tha Plana uaine mu dheidhinn a bhith a’ cur fòcas air na dùbhlain agus na cothroman a tha aig eileanan na h-Alba mar thoradh air an àrainneachd, an goireasan nàdarra agus beairteas. Tha goireasan nàdarra sònraichte aig ar n-eileanan, bho èico-siostaman air leth mar mhachair – tè de na h-àrainnean as ainneimhe san Roinn Eòrpa, gu gaothan agus làin cumhachdach. Tha am Plana a’ toirt dhuinn an cothrom eaconamaidh uaine agus gorm a bhith againn13 a ghlacadh ann an làithean èiginneach airson na gnàth-shìde.

Tha Plana uaine ag aithneachadh iomagainean nan eileanaich ris an do choinnich sinn sa cho-chomhairleachadh. Tha e a’ bruidhinn gu sònraichte ris an fheadhainn a tha a’ tuigsinn (’s dòcha nas fhèarr na càch) cunnartan atharrachadh na gnàth-shìde. Aig an aon àm, tha Plana uaine a’ dol còmhla ri ceannas na h-Alba san t-saoghal anns na dòighean nas fharsainge anns a bheil sinn a’ strì an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde. Bidh na h-eileanan mar phàirt den àrd-amas aig an Riaghaltas a thaobh Atharrachadh na Gnàth-shìde gus am bi eimiseanan gasaichean an taigh-ghlainne aig ìre co-ionann ri neoni ro 2045,14 agus leigidh am Plana le eileanan a bhith mar cho-ionadan innleachdach a thaobh cumhachd ath-nuadhachail agus cruthachadh dealain. Bidh eileanan cuideachd air thoiseach a thaobh freagarrachadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-shìde le bhith a’ cur cuideam gu tric air deagh riaghladh agus rianachd èifeachdach a thaobh fearann agus bith-iomadachd.

Bidh Plana uaine a’ glacadh nan cothroman a tha a’ tighinn le eaconamaidh nas uaine, nas cothromaiche agus sinn ag obair gu ruige crìoch a chur air na tha Alba a’ cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

13  A rèir a’ Choimisein Eòrpaich, tha eaconamaidh gorm a’ ciallachadh gnìomhachd eaconamach sam bith air marannan agus costaichean.

14  Plana a thaobh Atharrachadh na Gnàth-shìde: https://www.gov.scot/publications/scottish-governments-climate-change-plan-third-report-proposals-policies-2018-9781788516488/

Page 19: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

17Plana Nàiseanta nan Eilean

Plana Ion-ghabhalta

Le Plana ion-ghabhalta tha coimhearsnachdan eileanach a’ faireachdainn gu bheil guth aca ann a bhith a’ ruighinn cho-dhùnaidhean a bheir buaidh orra fhèin. Bha e soilleir bhon cho-chomhairleachadh gun robh eileanaich gu tric a’ faireachdainn nach robh guth aca, agus gu bheil co-dhùnaidhean gu tric air an ruighinn le buidhnean nach eil a’ tuigsinn beatha eileanach. Tha Achd nan Eilean agus na h-ullachaidhean a tha na cois (mar an dleastanas measaidhean buaidh air coimhearsnachdan eileanach a dhèanamh), nan ciad ceum airson na draghan seo a chur ceart. Tha dreuchd shònraichte aig a’ Phlana ann a bhith a’ brosnachadh fìor chumhachdachadh coimhearsnachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear ag èisteachd ri feumalachdan nan coimhearsnachdan nuair a tha co-dhùnaidhean air an ruighinn, cho faisg ’s as urrainn air far an tèid buaidhean nan co-dhùnaidhean fhaireachdainn.15

Mar sin, tha Plana ion-ghabhalta a’ freagairt air iarrtas soilleir a thàinig bhon cho-chomhairleachadh. Obraichidh e còmhla ri oidhirpean leantainneach mar bhuileachadh Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan (Alba) 2015 agus an Ath-sgrùdadh air Riaghladh Ionadail,16 a tha ag amas air cothromachadh nas fheàrr a thaobh cumhachd, dleastanasan agus goireasan eadar riaghaltas nàiseanta agus ionadail, agus le coimhearsnachdan.

Bidh Plana ion-ghabhalta a’ brosnachadh fìor chumhachdachadh coimhearsnachd aig ìre ionadail, a’ dèanamh cinnteach gun tèid co-dhùnaidhean an ruighinn cho faisg ’s as urrainn air far an tèid buaidhean nan co-dhùnaidhean fhaireachdainn.

Bidh Plana cothromach stèidhichte air sunnd a’ strì gum bi coimhearsnachdan nas cothromaiche, nas fhallaine agus nas toilichte air feadh Alba. Cuidichidh an dòigh-obrach còraichean daonna le chunntasalachd nas fheàrr airson a bhith cinnteach gu bheil sinn mothachail air còraichean coimhearsnachdan eileanach, agus gan dìon.

Bidh plana co-fhillte a’ brosnachadh sheirbheisean co-cheangailte a tha stèidhichte air dòigh-obrach iomlanach stèidhichte air àite, agus a’ togail chuspairean eaconomach, sòisealta agus àrainneachdail ann an dòigh-obrach cho-fhillte a thaobh poileasaidh eileanach.

Bidh Plana uaine a’ glacadh nan cothroman a tha a’ tighinn le eaconamaidh nas uaine, nas cothromaiche agus sinn ag obair gu ruige crìoch a chur air na tha Alba a’ cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

Bidh Plana ion-ghabhalta a’ brosnachadh fìor chumhachdachadh coimhearsnachd aig ìre ionadail, a’ dèanamh cinnteach gun tèid co-dhùnaidhean an ruighinn cho faisg ’s as urrainn ri far an tèid buaidhean nan co-dhùnaidhean fhaireachdainn.

15  Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan: https://www.gov.scot/publications/community-empowerment-scotland-act-summary/

16  Ro-sheallaidhean sluaigh ann an 2016 airson sgìrean na h-Alba: https://www.nrscotland.gov.uk/statisticsand-data/statistics/statistics-by-theme/population/population-projections/sub-national-populationprojections/2016-based/list-of-tables

Page 20: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan18

Àireamhan SluaighTha lùghdachadh ann an àireamh an t-sluaigh na fhìor chunnart airson seasmhachd don mhòr-chuid de choimhearsnachdan eileanach na h-Alba, ged nach eil e na chunnart airson a h-uile coimhearsnachd. Sna 10 bliadhna a dh’fhalbh, tha dà uiread de dh’eileanan air sluagh a chall na tha air àrdachadh sluaigh fhaicinn. Tha ro-sheallaidhean a’ sealltainn gu bheil cunnart gum bi barrachd dì-dhaoineachadh ri thighinn, le beachdan gum bi Arcaibh agus Sealtainn air 2.2 sa cheud den t-sluagh a chall ro 2041 agus gum bi na h-Eileanan Siar air 14 sa cheud a chall.17

Air feadh an t-saoghail tha daoine a’ gluasad gu bailtean mòra. Tha na h-adhbharan airson seo iomadh-fhillte, ach tha e a’ toirt dhuinn an cothrom dòighean-obrach innleachdail a chleachdadh. Tha droch bhuaidh aig dì-dhaoineachadh air misneachd coimhearsnachd agus seasmhachd sheirbheisean, a’ dèanamh coimhearsnachdan nas so-leònte a tha mu thràth a’ faireachdainn cosgaisean nas àirde airson solarachadh sheirbheisean agus cothrom air a’ mhargaidh. Chan e a’ chùis as cudromaiche do sgìrean beag-shluaghach gu bheil tuilleadh ’s a chòrr dhaoine nas sine ann, ach an àireamh bheag de chlann agus òigridh, a’ ciallachadh nach bi daoine gu leòr ann aig aois obrach sna bliadhnaichean ri thighinn. Bidh droch bhuaidh aig seo air an luchd-obrach, an eaconamaidh, agus air a’ chothrom gus an sluagh ath-nuadhachadh. Tha na h-àireamhan beaga de dhaoine aig aois a bhith nam pàrantan a’ ciallachadh gum bi lùghdachadh leantainneach ann, mura bi iad air an cothromachadh le in-imrich mòr.

Bha mi a’ fuireach air falbh airson beagan bhliadhnaichean agus ged a bha mi ’s dòcha airson tilleadh le mo chèile uaireigin, bhiodh againn ri smaoineachadh air a bhuaidh a bhiodh aig seo air na dreuchdan againn mura biodh cothrom fàs san obair – no ’s dòcha nach faigheadh sinn obair san raon againn idir. (Neach-freagairt, Leòdhas).

Tha daoine nas sine a’ cur luach ri ar coimhearsnachdan eileanach agus eaconamaidh an eilein san fharsaingeachd, tro obair cùraim, obair shaor-thoileach no a bhith a’ cumail orra ag obair. Ach tha dì-dhaoineachadh, agus gu h-àraid atharrachadh an t-sluaigh a tha a’ fàs nas sine ann an eileanan na h-Alba, co-cheangailte ri leasachadh eaconamach seasmhach. Feumaidh coimhearsnachdan eileanach teaghlaichean a thàladh agus a chumail. Tha ro-sheallaidhean a’ sealltainn gu bheil tòrr a’ dol a dh’fhaicinn lùghdachadh ann an àireamhan chloinne agus luchd-obrach. Sna h-Eileanan Siar, dh’fhaodadh lùghdachadh de 20 sa cheud de dhaoine aig aois obrach agus an aon rud a thaobh clann eadar 2016 agus 2041.

Tha Eilean Chearara air leasachaidhean fhaicinn a thaobh àireamhan sluaigh. Tha an àireamh air fàs 100 sa cheud sna seachd bliadhna a dh’fhalbh bho 34 gu 68, nam measg 19 clann. Tha 25 sa cheud den t-sluagh fo aois 16, le iomadh teaghlach eadar-ghinealach a’ fuireach san eilean. Chaidh beòthalachd an eilein a chuideachadh le ceannachd na seann sgoil o chionn ghoirid (le maoineachadh bho Mhaoin Fearainn na h-Alba) a thèid a dhèanamh na ionad coimhearsnachd iomadh-chleachdach.

https://www.isleofkerrera.org

17  Ro-sheallaidhean sluaigh ann an 2016 airson sgìrean na h-Alba: https://www.nrscotland.gov.uk/statisticsand-data/statistics/statistics-by-theme/population/population-projections/sub-national-populationprojections/2016-based/list-of-tables

Page 21: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

19Plana Nàiseanta nan Eilean

Heading• Bha 93 eileanan ann an Alba far an robh daoine a’ fuireach aig àm a’ Chunntais-sluaigh

ann an 2011. Bha 103,700 daoine ann, 2 sa cheud de shluaigh na h-Alba.

• Ann an 2011, bha leth (50 sa cheud) de luchd-còmhnaidh nan eilean aois 16 no nas sine pòsta. Bha seo nas lugha na 52 sa cheud ann an 2001, ach nas àirde na 45 sa cheud airson Alba air fad.

• Ann an 2011, bha eòlas aig 23 sa cheud de luchd-còmhnaidh nan eilean air Gàidhlig, nas lugha na 26 sa cheud ann an 2001.

• Bha an roinn de luchd-còmhnaidh nan eilean aois 16 gu 74 a bha ag obair air fàs bho 63 sa cheud ann an 2001 gu 67 sa cheud ann an 2011.

S e dì-dhaoineachadh a’ chùis as cudromaiche a chaidh aithneachadh le luchd-freagairt a’ cho-chomhairleachaidh. Bha cuid de dh’eileanaich, mar mhuinntir Ronaldsay a Tuath, ag innse dhuinn gun robh an lùghdachadh air a bhith cho farsaing is gun robh cunnart ann nach cumadh coimhearsnachd an eilein a’ dol. Tha dùbhlan cuideachd ann a thaobh ìrean cosnaidh agus luchd-obrach air eileanan beag-shluaghach.

Ged a bha a’ mhòr-chuid a fhreagair a’ bruidhinn air gluasadan san àireamh-sluaigh – lùghdachadh agus a’ fàs nas sine – mar dhùbhlan mu choinneamh seasmhachd beatha eileanach, bha cuid ag innse gu bheil iad làn a thaobh àireamh-sluaigh leis nach eil (mar eisimpleir) taigheadas gu leòr ri fhaotainn.

Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil reachdas agus poileasaidh a’ cruthachadh àrainneachd taiceil airson daoine a tha ag obair a bhrosnachadh gus fuireach air eilean, tilleadh no imrich gu eilean – le taic bho choimhearsnachdan ionadail. Tha Achd a’ Phlanaidh (Alba) 2019 a’ toirt air an Fhrèam-obrach Planaidh Nàiseanta beachdachadh air mar a tha an ro-innleachd leasachaidh fad-ùine a’ cur ri iomadh bunait, mar eisimpleir àrdachadh ann an sgìrean dùthchail na h-Alba.

Tha an Lìonra ùr airson Eileanaich Òga a’ dol a thoirt a-steach òigridh bho eileanan na h-Alba air fad airson a bhith cinnteach gum bi an cuid ùidhean agus prìomhachasan am measg lìbhrigeadh a’ Phlana seo. Bidh fòcas sònraichte air an dòigh as fheàrr gus dèiligeadh ri lùghdachadh ann an àireamh an t-sluaigh. Mar phrìomhachas, bidh sinn a’ cruthachadh bheachdan air mar a bhrosnaicheas sinn òigridh gus fuireach anns na h-eileanan, a bhith tilleadh no ag imrich do na h-eileanan.

Croitearachd: Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur luach air croitearachd agus ag aithneachadh na tha croitearachd a’ cur ris an eaconomaidh dhùthchail agus seasmhachd choimhearsnachdan eileanach. Nì sinn cinnteach gum bi croitearachd a’ cumail air a’ cur taic ris an àireamh-sluaigh ann an sgìrean eileanach, a’ solarachadh àite seasmhach airson gnìomhachasan beaga; agus a’ cur taic ri àrainneachdan, bith-iomadachd agus cruthan-tìre suaicheanta, tro chleachdaidhean nàdair beag-bhuaidh luachmhor.

Page 22: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan20

Amas Ro-innleachdail 1

Gus aghaidh a chur air crìonadh sluaigh agus gus dèanamh cinnteach gu bheil pròifil sluaigh fallain agus cothromach ann, nì sinn na leanas:

Aithnich na h-eileanan far a bheil lùghdachadh àireamh an t-sluaigh na chùis èiginneach airson a bhith cinnteach gu bheil sinn a’ coileanadh feumalachdan nan eilean seo.

Tuig a’ bhuaidh a bhios aig Brexit air eileanan agus coimhearsnachdan nan eilean.

Ullaich plana gnìomh airson taic a chur ri ath-dhaoineachadh nar coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach agus obair còmhla ri com-pàirtichean airson dòighean-obrach fheuchainn le sgeamaichean pìleat beaga.

Obraich còmhla ri eileanaich òga airson gnìomhan aithneachadh airson am brosnachadh gus fuireach air no tilleadh chun nan eileanan.

Beachdaich air leasachaidhean poileasaidh, mar eisimpleir toraidhean rannsachaidh Riaghaltas na h-Alba “planadh dùthchail gu 2050” airson dèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan eileanan na h-Alba mar phàirt den Bhuidhinn-gnìomha Ministreil airson Àireamh an t-Sluaigh.

Dèan cinnteach gu bheil poileasaidhean ag amas air luchd-labhairt na Gàidhlig a thàladh agus a chumail a bhith a’ fuireach agus ag obair ann an coimhearsnachdan eileanach Gàidhlig.

Obraichidh sinn le co-obraichean poileasaidh airson Plana Leasachaidh Nàiseanta airson croitearachd a sgrìobhadh – ag aithneachadh nam prìomh eileamaidean a tha deatamach airson a bhith cinnteach gum bi croitearachd fhathast aig cridhe ar coimhearsnachdan dùthchail agus iomallach.

Obraichidh sinn le Coimisean na Croitearachd airson tionndadh a bhrosnachadh a thaobh teanantachd croite air ar n-eileanan airson gum bi cothroman aig daoine ùra ann an croitearachd.

Cumaidh sinn suas taic airson croitearan eileanach gus an croitean a leasachadh agus an gnìomhachasan a chumail seasmhach, nam measg: Sgeama Maoineachaidh Taigh-croite, Sgeama Leasachaidh Crodh agus innealan-taice eile.

Page 23: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

21Plana Nàiseanta nan Eilean

Leasachadh Eaconamach SeasmhachSheall am pròiseas co-chomhairleachaidh gu bheil a h-uile eilean ann an Alba ag amas air leasachadh eaconamach seasmhach. Chunnaic sinn iomadh eisimpleir de dh’iomairtean, gnìomhachasan agus obraichean, ach tha e soilleir gun tig buannachdan thuca uile bho barrachd chothroman airson nan daoine a tha a’ fuireach annta. Uaireannan bidh buaidh mhòr aig àrdachadh beag ann an obraichean no cothroman cosnaidh air coimhearsnachd eileanach. Chaidh cothroman tro Business Gateway agus buidhnean leasachaidh eaconamach aithneachadh mar dheagh dhòighean-obrach. Ach thuirt iad gum bu chòir barrachd taic a thoirt seachad airson leasachadh eaconamach, le tòrr ag ràdh gun robh cion tasgadh ann a thaobh cothroman obrach air an eilean a chruthachadh agus/no àrdachadh air làraichean gnìomhachais a tha ri fhaotainn.

Tha sinn ag aithneachadh gu bheil iomairtean Gàidhlig a’ cur luach cudromach ri leasachadh eaconamach seasmhach ann an coimhearsnachdan eileanach. Tha iomadh eisimpleir ann ach tha buidhnean mar MG ALBA, Stòrlann, Ceòlas, Fèisean nan Gàidheal agus Sabhal Mòr Ostaig cudromach don Ghàidhlig agus tha iad a’ cur ri coimhearsnachdan nan eilean. Ann an sgìrean le dualchas Gàidhlig, bu chòir beachdachadh air a’ Ghàidhlig ann an cùisean leasachaidh eaconamach sam bith.

Tha na gnìomhachasan cultarach a’ cur luach cudromach ris na h-eileanan gu sòisealta, gu cultarach agus gu h-eaconamach. A’ togail air iomadh stòras mar dhearbh-aithne làidir, fìrinn, dualchas, an àrainneachd nàdarra, agus cànain air leth tha an raon cultarach a’ cuideachadh gus coimhearsnachdan làidir agus fàs eaconamach a thogail. Gu h-àraid, tha ceàirdean, ceòl agus obair-aodaich cudromach do na h-eileanan.

Bho 2018 chaidh na h-Eileanan Siar aithneachadh mar Bhaile Ceàird na Cruinne airson Clò na Hearadh le Comhairle Ceàird na Cruinne (Eòrpa). ’S e na h-Eileanan Siar, le an dualchas sònraichte fighe agus Clò na Hearadh, an dàrna sgìre Eòrpach a chaidh aithneachadh mar seo, agus a’ chiad sgìre ann am Breatainn.

Tha ceòl aig cridhe dearbh-aithne nan eilean. Tha turasachd ciùil a’ cur luach cudromach ri eaconamaidhean nan eilean, a’ tàladh luchd-turais bho thall thairis a bharrachd air muinntir an àite airson ceòl beò a chluinntinn aig fèisean agus ionadan-ciùil, mòran aig a bheil cliù eadar-nàiseanta airson sàr-mhathais. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil cothrom sònraichte ann leasachadh a dhèanamh air turasachd ciùil agus tha sinn airson gun urrainn dha luchd-ùidhe air fad san raon seo obrachadh còmhla airson an cothrom seo a chleachdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil ar turasachd ciùil seasmhach agus aig àrd-ìre eadar-nàiseanta.

Page 24: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan22

Cairt nan Eilean Siar Dh’fhoillsich Leasachadh Sgilean Alba agus Comhairle nan Eilean Siar (CnES) Cairt a tha a’ gealltainn taic le bhith a’ faighinn cothrom air taigheadas air prìs reusanta airson preantasan sna h-Eileanan Siar. Seo a’ chiad sgeama den t-seòrsa seo ann an Alba, agus tha a’ Chairt ag innse mar a dh’obraicheas an dà bhuidhinn còmhla airson cothroman a leudachadh thairis air na h-Eileanan airson spionnadh a thoirt dhan eaconamaidh ionadail. Chaidh a shoidhnigeadh aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean mu dheireadh san Dàmhair le Cathraiche LCS Frank Mitchell, Ceannard CnES Malcolm Burr agus Paul Wheelhouse, Ministear nan Eilean. Tron dòigh-obrach ùir seo bidh buidhnean a’ lìbhrigeadh seirbheisean aig àrd-ìre do dh’òigridh, nam measg dreuchdan, prògraman so-fhastachd agus preantasachdan airson aghaidh a chur ri dì-dhaoineachadh sna h-Eileanan Siar. Bidh adhbhar air a thoirt do luchd-fàgail sgoile gun na h-eileanan fhàgail le bhith a’ toirt preantasachd agus taigheadas dhaibh, a’ leigeil leotha cosnadh, ionnsachadh agus fuireach sna h-eileanan.

Taic airson so-fhastachd – tha seo ann am bloighean agus chan eil taic gu leòr ann. Tuilleadh sa chòrr cuideam air luchd-obrach saor-thoileach airson gnìomhan leasachaidh eaconamach – maoineachadh airson 3-5 bliadhna a dhìth airson planaichean fàs a lìbhrigeadh. (Neach-freagairt, Bòd)

Dh’innis luchd-freagairt a’ cho-chomhairleachaidh gu bheil innealan eaconamach sònraichte mar chùisean mara, àiteachas agus croitearachd, iasgach, turasachd agus gnìomhachas a’ bhìdh is na dighe (a’ gabhail a-steach taighean-spadaidh) cudromach ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ lìbhrigeadh leasachadh eaconamach seasmhach. Chaidh turasachd aithneachadh mar dheagh rud, ach gun robh dìon àrainneachdail agus comas sheirbheisean a dhìth airson dèiligeadh ris an iarrtas. Chaidh iomadh cuspair eile aithneachadh, le còmhdhail, taigheadas agus ceangailteachd dhidseatach àrd air an liosta, mar phrìomh chuspairean a tha a’ cur ri leasachadh eaconamach seasmhach.

Tha turasachd ann an Alba a’ fastadh 1 ann an 12 obraichean. Tha coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach, gu h-àraidh ann an sgìrean mar eisimpleir Earra-ghàidheal agus Bòd, an urra ri turasachd ann an dòigh nas motha na sgìrean eile na h-Alba. Tha e cudromach ma-thà gun obraich sinn còmhla ri gnìomhachasan agus luchd-solarachaidh còmhdhail, air na h-eileanan agus air tìr-mòr, airson dèanamh cinnteach gum bi turasachd a’ fàs gu seasmhach. Tha e cudromach gun obair sinn gu ruige nan 3 amasan seo airson cinn-uidhe eileanach: gun còrd iad ris an luchd-turais; gu bheil taic ann airson nan coimhearsnachdan airson gum bi tasgadh a’ tighinn bho shochairean turasachd; agus, a’ toirt taic don ghnìomhachas a bhith a’ leasachadh agus a’ fàs sna h-eileanan.

Page 25: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

23Plana Nàiseanta nan Eilean

Togaidh ar ro-innleachd turasachd nàiseanta air an 8 bliadhna mu dheireadh de shoirbheas agus nì sinn cinnteach gu bheil na sochairean turasachd ri fhaighinn air feadh Alba. Cumaidh sinn oirnn a’ cur taic ri luchd-obrach turasachd agus aoighealachd tro Leasachadh Sgilean Alba agus aithnichidh sinn cho sònraichte ‘s a tha ar coimhearsnachdan ann a bhith a’ brosnachadh turasachd, mar chleachdadh na Gàidhlig airson eòlas fìor fhaighinn a rèir Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig no tro ionnsachadh mu na ceanglaichean ri ar nàbaidhean Lochlannach tro fhèisean sna h-Eileanan mu Thuath.

Tha eileanan na h-Alba na phrìomh pàirt de na tha a’ tàladh luchd-turais dhan dùthaich, agus tha sinn a’ cur taic ri fàs seasmhach ann an turasachd, a’ toirt buannachdan do choimhearsnachdan eileanach, leis gu bheil gnìomhachas turasachd mar phrìomh phàirt den eaconamaidh ionadail gu tric. Tha Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean-gnìomh aige ag obair còmhla ri ùghdarrasan eileanach agus luchd-ùidhe eile thairis air iomairtean a leasaicheas bun-structar, còmhdhail, mothachadh agus na goireasan a tha ri fhaotainn. Cruthaichidh sinn cead-siubhail nan eilean, a chuireas fòcas air a bhith a’ brosnachadh luchd-turais gus còmhdhail poblach a chleachdadh, agus a bhith a’ siubhal gu barrachd eileanan tron bhliadhna, a’ sgaoileadh luchd-turais am measg nan eilean Tha ar taic tron Mhaoin Bun-structar Turasachd Dùthchail air cuideachadh le cùisean bun-structair ann an àiteachan far a bheil mòran a’ dol, gu h-àraid san Eilean Sgitheanach, ach cuideachd ann an Sealtainn, Arcaibh, Muile, Ìle agus Eige.

Tha an luach a tha a’ tighinn bho thurasachd mara agus costa air a bhith mar phrìomh chuspair, le 2020 air ainmeachadh mar bhliadhna far an tèid Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba a chomharrachadh le program de ghnìomhan a chuireas taic ri raointean turasachd agus thachartasan. Togaidh Bliadhna nan Cladaichean is Uisgeachan 2020 air na chaidh a dhèanamh anns na bliadhnaichean tèamaichte eile. A bharrachd air seo, tha leud Bliadhna nan Cladaichean is Uisgeachan a’ ciallachadh gu bheil cothrom ann sealltainn air poileasaidhean agus pròiseactan sòisealta, dùthchail, àrainneachdail agus eaconamach a tha air an leasachadh agus air an lìbhrigeadh le Riaghaltas na h-Alba agus san raon phoblach nas fharsainge. Comharraichidh agus brosnaichidh 2020 cothroman airson Costaichean is Uisgeachan na h-Alba, a tha gun choimeas, fhaicinn, a’ brosnachadh com-pàirteachadh le muinntir na h-Alba agus luchd-turais agus a tha stèidhichte air ceithir cuspairean co-cheangailte:

• Ar n-Àrainneachd Nàdarrach agus Fiadh-bheatha

• Ar n-Àrainneachd Eachdraidheil agus Dualchas Cultarach

• Cur-seachadan agus Dàn-thursan

• Biadh agus Deoch

Page 26: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan24

Tha fòcas cuideachd aig a’ Phlana air raointean eile mar chumhachd ath-nuadhachail agus stòradh cumhachd, a dh’fhaodadh atharrachadh làidir adhbharachadh airson eileanan. Ach tha am Plana ag aithneachadh gu bheil a h-uile raon a tha a’ cur taic ri leasachadh eaconamach seasmhach co-fhillte. Tha feum èiginneach air poileasaidhean a tha co-cheangailte agus air bunait deagh thuigse mu na dàimhean seo. Tha na ceanglaichean thairis air na tèamaichean a chaidh a dhèanamh mu thràth sna Planaichean Leasachaidh airson eileanan mar dheagh thoiseach tòiseachaidh.

Tha sinn a’ cur taic ris an ro-innleachd Miann-adhartais 2030 airson Gnìomhachas a’ Bhìdh is na Dighe, agus ris an amas gus tionndadh-airgid bho bhiadh agus deoch a dhùblachadh gu £30bn ro 2030 agus tha dreuchd shònraichte aig ar n-eileanan ann a bhith a’ coileanadh seo. Gheibhear bho Eileanan na h-Alba iomadh toradh ainmeil mar Cheddar Arcaibh, Marag Dhubh Steòrnabhagh, Feòil-uain Shealltainn agus Uisge-beatha Albannach. Tha Uisge-beatha gu sònraichte a’ toirt cosnadh agus a’ tàladh luchd-turais gu na h-eileanan, le taighean-staile a’ dèanamh uisgeachan-beatha a tha ainmeil air feadh an t-saoghail.

Mu dheireadh, tha leasachadh eaconomach ‘seasmhach’ a’ ciallachadh nach bu chòir do dh’obraichean agus cothroman a bhith a’ dèanamh droch bhuaidh air an àrainneachd. Gu dearbh, tha ‘a’ dol uaine’ mar ro-chumha airson leasachadh eaconamach seasmhach ann an iomadh raon, mar thurasachd, agus gnìomhachd eaconamach aig muir agus air tìr. Cha bu chòir gu bheil droch bhuaidh aig leasachadh eaconamach agus cruthachadh obraichean air càileachd nan obraichean sin. Tha càileachd obraichean agus obair deatamach airson fàs eaconamach, agus bidh e riatanach, ma thà, gu bheil Obair Cothromach aig cridhe ar clàr-gnothaich airson fàs ion-ghabhalta agus seasmhach.

Togaidh lìbhrigeadh a’ Phlana air poileasaidhean agus ro-innleachdan buntainneach, leithid Plana Nàiseanta na Mara, Plana Tasgaidh Bun-structair 2020, Plana Gnìomh Eaconamach na h-Alba, Ro-innleachd Cumhachd, agus Cùmhnant Fàs nan Eilean. Bidh ceanglaichean ann cuideachd ri Plana Gnìomh Sgilean Dùthchail, Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta agus Planaichean Leasachaidh Ionadail airson nan eileanan airson dèanamh cinnteach gun tachair atharrachadh agus fàs ann an dòigh chùramach.

Tha am Plana Gnìomh Sgilean airson Alba Dùthchail a’ mìneachadh ar dòigh-obrach ro-innleachdail airson taic a chur ri feumalachdan sgilean san eaconamaidh dùthchail le bhith a’ cur aghaidh air gainnead sgilean, glèidheadh agus cumail tàlant agus dùbhlain a thaobh atharrachadh sluaigh, tro shlighean ionnsachaidh nas fheàrr san àite-obrach agus cothroman a leudachadh air foghlam agus sgilean ann an sgìrean dùthchail Tha e ag amas gus togail air a’ ghnìomhachd a tha a’ tachairt mu thràth thairis air Alba dhùthchail agus airson beàrnan a lìonadh airson iomadh gnìomhachd a chruthachadh airson feumalachdan sgilean obrach ann an sgìrean dùthchail agus eileanach – an-dràsta agus san àm ri teachd.

Page 27: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

25Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha Caidreachas Eilean Bhòid a’ ruith ‘Am Banca’ san togalach far am b’ àbhaist do Bhanca Dhàil Chluaidh a bhith air an Àrd-Shràid airson àite airson iomairt a chruthachadh airson na coimhearsnachd eileanaich. Chaidh a’ chiad bhliadhna den àite a lìbhrigeadh còmhla ri Dualchas Dealbh-baile Bhòid (Rothesay Townscape Heritage) a tha a’ cur fòcas air ath-nuadhachadh thogalaichean eachdraidheil a bharrachd air trèanadh ann an sgilean traidiseanta agus brosnachadh coimhearsnachd. Dh’aithnich Comhairle Earra-ghàidheal agus Bhòid gu bheil feum air barrachd leasachadh is ath-nuadhachadh eaconamach ann am Baile Bhòid agus tha Prògram Dualchas Dealbh-baile air a dhealbh gus diofar maireannach a dhèanamh air meadhan a’ bhaile. https://www.buteislandalliance.org.uk/the-bank-enterprise-hub/

Tha sinn airson, tro ar Misean Bun-structair Nàiseanta, maoineachadh àrdachadh air bun-structar gus an tig spionnadh air eaconamaidh na h-Alba. Sa bhliadhna a tha romhainn thèid molaidhean a’ Choimisein airson Bun-structair na h-Alba fhoillseachadh mus tèid an ath Plana Tasgaidh Bun-structair agus Ath-sgrùdadh Cosgaisean Calpa fhoillseachadh. Ged a tha a’ Choimisean neo-eisimeileach bho Mhinistearan na h-Alba, tha sinn air fàilte a chur air na tha iad a’ dèanamh gus tadhal air eileanaich gus faighinn a-mach mu dheidhinn nam feumalachdan sònraichte a tha aig na coimhearsnachdan seo.

Bidh an ath Plana Tasgaidh Bun-structair a’ coimhead air an ath 3 bliadhna agus togaidh e air molaidhean bho Choimisean a’ Bhun-structair. Beachdaichidh e air buaidhean air ar coimhearsnachdan eileanach agus mìnichidh e ar gealladh gus pròiseactan bun-structair a lìbhrigeadh a tha a’ cur taic ri ar gluasad gu eaconamaidh le ìre de dh’eimiseanan aig neoni, agus a’ lìbhrigeadh fàs eaconamach a tha ion-ghabhalta agus a’ cruthachadh àiteachean seasmhach.

Page 28: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan26

Tha ullachaidhean ùra airson planadh cleachdadh fearainn a’ ciallachadh gum feum ùghdarrasan planaidh Ro-innleachdan Ionadail Spàsail ullachadh. Airson taic a chur ri seo, coimheadaidh obair a chaidh a dhèanamh airson Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 4 air mar a thèid seo a dhèanamh ann an dòigh a tha nas co-obrachail. A rèir na dòigh-obrach a tha ùghdarrasan airson cleachdadh, faodaidh ro-innleachdan spàsail a thig bhon dleastanas ùr seo a bhith air an dealbh gus na h-amasan nas fharsainge aig Plana Nàiseanta nan Eilean a lìbhrigeadh. Tha Plana Nàiseanta na Mara aig Riaghaltas na h-Alba a’ cur ri lìbhrigeadh ar ro-innleachd airson àrainneachd na mara – airson muir a tha glan, fallain, sàbhailte, tarbhach agus eadar-mheasgte, a tha air a stiùireadh gus na feumalachdan aig nàdar agus aig daoine san ùine fhada a choileanadh. Tha Plana Nàiseanta na Mara cuideachd a’ mìneachadh Phoileasaidhean agus Amasan Coitcheann, a tha a’ buntainn ri planaichean agus co-dhùnaidhean sam bith ann an àrainneachd na mara. Tha iad seo uile a’ buntainn ri cleachdadh agus leasachadh an-dràsta agus san àm ri teachd agus feumar ro-bheachdachadh a thaobh leasachadh agus cleachdadh àrainneachd na mara gu seasmhach, a bharrachd air cleachdaidhean a bheir sochairean eaconamach do choimhearsnachdan na h-Alba. Tha Plana na Mara a’ brosnachadh dòigh-obrach èiceo-shiostaman, a’ cur àrainneachd na mara aig cridhe a’ phròiseis planaidh airson slàinte èiceo-shiostam, tapaidheachd an aghaidh atharrachaidhean a nithear le daoine, agus a’ brosnachadh comas taic a chur ri leasachadh agus cleachdadh seasmhach. Tha e a’ gabhail a-steach na prionnsabalan stiùiridh aig leasachadh seasmhach, airson a bhith cinnteach gu bheil gach poileasaidh, plana no gnìomh fa-leth air a dhèanamh taobh a-steach crìochan àrainneachdail. Tha tuathanachas-uisge a’ cur ri fàs eaconamach seasmhach ann an coimhearsnachdan dùthchail agus cladaich, gu h-àraidh air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan. Tha iomadh coimhearsnachd a’ crochadh air na h-obraichean agus an teachd-a-steach a tha e a’ tabhann agus, mar ghnìomhachd a tha a’ fàs, tha e comasach cur ri leantalachd na coimhearsnachd le bhith a’ tabhann deagh obraichean ann an sgìrean dùthchail agus a’ cuideachadh gus bun-structaran coimhearsnachd mar sgoiltean, aiseagan agus seirbheisean eile a chumail suas. Tha an raon seo a’ lìbhrigeadh £620 millean de luach ri eaconamaidh na h-Alba, a’ cur taic ri 12,000 obraichean, tric le àrd-sgilean agus anns na coimhearsnachdan iomallach dùthchail agus cladaich, far a bheil a’ mhòr-chuid de thuathanachas-èisg stèidhichte, a bharrachd air obraichean giullachd air feadh Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba taiceil dha fàs leantainneach nan tuathanachasan-uisge, ach tha e soilleir gum feum fàs a bhith seasmhach, a’ toirt an aire dha na h-àrainneachd mara agus luchd-cleachdaidh eile na mara. Bidh sinn gu cunbhalach ag ath-sgrùdadh reachdas mar phròiseas leasachaidh leantainneach agus nar freagairt ris an rannsachadh phàrlamaideach air tuathanachas-bhradan na h-Alba, mhìnich sinn iomairtean a tha air an lìbhrigeadh gus riaghladh a leasachadh san raon seo. Tha sinn air gluasad gu luath thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh airson leasachaidhean a lìbhrigeadh a thaobh slàinte-èisg, tron Fhrèam-obrach Deich Bliadhna, tron Bhuidhinn-obrach Eadar-obrachadh a’ Bhradan (Salmon Interactions Working Group) agus tron bhuidhinn-obrach theicnigeach airson luchd-riaghlaidh airson coimhead air mar as urrainn dhuinn comhairle air planadh spàsail a leasachadh. Chaidh dòigh-obrach ùr aig SEPA a thaobh riaghladh èisg-sgiathach (finfish), agus slat-tomhais ùraichte airson sgudal organach, fhoillseachadh am-bliadhna, airson a’ toirt a-staigh sgrùdadh àrainneachdail leudaichte a thoirt a-steach agus gus aonad smachdachaidh ùr a stèidheachadh.

Page 29: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

27Plana Nàiseanta nan Eilean

Thuirt coimhearsnachdan eileanach sa phròiseas co-chomhairleachaidh gun robh gainnead de sholaraichean cùram-cloinne na chnap-starra airson teaghlaich òga a bha airson gluasad do na h-eileanan, agus, mar sin, a’ cur bacadh air leasachadh eaconamach seasmhach. Tha buaidh aig seo air daoine a tha a’ fuireach air na h-eileanan air sàilleibh gu bheil e a’ cur stad orra tilleadh a dh’obair.

Tha Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail air gealladh gun tèid an làn-chòir air Tràth-ionnsachadh is Cùram Chloinne cha mhòr a dhùblachadh bho 600 gu 1140 uairean an uaireadair gach bliadhna bhon Lùnastal 2020 airson gach pàiste aois 3 agus 4, agus cuid de phàistean aois 2. Tha gach ùghdarras ionadail air plana mionaideach a dhealbh, ag innse mar a lìbhrigeas iad 1140 uairean an uaireadair sna coimhearsnachdan aca. Tha na planaichean seo a’ freagairt air iarrtas ionadail bho theaghlaichean a thaobh an t-seòrsa solair a tha a dhìth orra. Tha dleastanas cuideachd air ùghdarrasan ionadail, fo Achd na Cloinne agus na h-Òigridh (Alba) 2014, co-chomhairleachadh a chumail le teaghlaichean san sgìre aca air mar a bheir iad seachad tràth-ionnsachadh agus cùram chloinne.

Amas Ro-innleachdail 2

Page 30: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan28

Gus leasachadh eaconamach seasmhach a chur air adhart agus a bhrosnachadh, nì sinn na leanas:

Ainmich prìomh ghnìomhan airson gum bi fàs ion-ghabhalta agus seasmhach anns na h-eileanan, mar ghnìomhachasan air an ruith le coimhearsnachdan, malairt air-loidhne agus gnìomhachasan ag obair gu didseatach ann an eileanan.

Rannsaich na dòighean as fheàrr gus feumalachdan nan eilean a choileanadh taobh a-staigh com-pàirtichean eaconamach ionadail mar eisimpleir Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Thoir seachad taic shònraichte airson gnìomhachasan agus coimhearsnachdan airson dèanamh cinnteach gu bheil toraidhean agus seirbheisean freagarrach, so-ruigsinneach agus èifeachdach. Gabhaidh seo a-steach rannsachadh air modailean ùra agus ùr-ghnàthach, agus obrachadh còmhla ri luchd-solarachaidh nàiseanta airson beachdachadh air mar as urrainn dha prògraman freagairt air feumalachdan coimhearsnachdan agus gnìomhachasan nan eilean ann an dòigh nas fheàrr.

Obraich còmhla airson taic a chur ri pròiseactan ro-innleachdail a lìbhrigeas fàs eaconamach seasmhach sna h-eileanan, m.e. Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnàthachais Arcaibh agus leasachaidhean caladh Steòrnabhaigh.

Adhartaich na cothroman sòiseo-eaconamach a thàinig bhon aithisg sgrùdaidh Saidheans agus Ùr-ghnàthachais 2019 “A’ Làn-mheudachadh Chothroman airson Eaconamaidh na Mara air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan” a bharrachd air an fheadhainn a thig bho chùmhnantan fàis.

Seall ceannas san raon phoblach le bhith a’ sealltainn gun urrainn dha obraichean agus dreuchdan a bhith soirbheachail ann an eileanan.

Brosnaich àrainneachd shoirbheachail airson gnothachais a leigeas le daoine fa-leth iomadh cothrom eaconamach fhaighinn ann an eileanan.

Cruthaich agus brosnaich preantasachdan agus cothroman obrach airson eileanaich òga.

Dèan cinnteach gu bheil solar sgilean sùbailte airson freagairt air iarrtas ri teachd airson leigeil le daoine fa leth cothroman a ghabhail.

Tog air Plana Nàiseanta na Mara airson dèanamh cinnteach gu bheil iasgach agus gnìomhachd eaconamach eile a tha a’ tighinn bhon mhuir a’ toirt barrachd chothroman do choimhearsnachdan eileanach, ach aig an aon àm gan sireadh ann an dòigh a tha seasmhach.

Dèan cinnteach gu bheil cleachdadh fearainn seasmhach, a’ gabhail a-steach àiteachas agus coilltearachd, a’ cumail air a bhith a’ tabhann obraichean agus cothroman do choimhearsnachdan eileanach.

Obraich còmhla ri com-pàirtichean agus luchd-ùidhe buntainneach airson turasachd a dhèanamh nas seasmhaiche an àite a bhith cho ràitheil, agus brosnaich tairgse a leasachadh airson na bliadhna air fad, thairis air iomadh eilean, a lìbhrigeas shochairean eaconamach, àrainneachdail agus sòisealta.

Amas Ro-innleachdail 2

Page 31: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

29Plana Nàiseanta nan Eilean

Gus leasachadh eaconamach seasmhach a chur air adhart agus a bhrosnachadh, nì sinn na leanas:

Dèan cinnteach gu bheil croitearachd fhathast a’ toirt obraichean agus chothroman do choimhearsnachdan eileanach.

Lìbhrig iomairt Cead-siubhail nan Eilean, a bhrosnaicheas an cothrom tadhal air barrachd de dh’eileanan na h-Alba far a bheil daoine a’ fuireach, anns gach ràithe agus a’ cleachdadh còmhdhail phoblach, a’ lìbhrigeadh cothroman eaconamach do choimhearsnachdan nan eilean.

Obraich còmhla ri gnìomhachasan ann am biadh is deoch airson cothroman eaconamach a chleachdadh agus airson beachdachadh air roghainnean airson nan sochairean seo do choimhearsnachdan eileanach.

Feuch air an roghainn a leudachadh de shochairean eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail a gheibh coimhearsnachdan eileanach bho choilltearachd.

Dèan ath-sgrùdadh air Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta na h-Alba airson gum bi sùbailteachd freagarrach ann airson ùidhean eileanach, a’ gabhail a-steach an dòigh as fheàrr gus feumalachdan taigheadais a choileanadh.

Thoir an aire dha Plana Nàiseanta nan Eilean agus beachdan ionadail buntainneach ann a bhith a’ dèanamh ath-sgrùdadh air an Fhrèam-obrach Planaidh Nàiseanta agus ag ullachadh Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 4.

Ann an ullachadh Plana Tasgaidh Bun-structair 2020, beachdaich air na buaidhean a bhios aig Plana Nàiseanta nan Eilean air feumalachdan bun-structair san àm ri teachd.

Ag aithneachadh nan seirbheisean a tha taighean-spadaidh eileanach a’ toirt dha na coimhearsnachdan, obraichidh sinn còmhla ri com-pàirtichean buntainneach airson gnìomhachasan seasmhach a ghabhas obrachadh gu h-eaconamach a lìbhrigeadh.

Dèan cinnteach gun tèid ‘dìon eileanach’ a dhèanamh airreachdas agus poileasaidh a thaobh tràth-bhliadhnaichean agus cùram chloinne airson eileanan mar a tha iomchaidh.

Dèan cinnteach gun tèid beachdachadh air cothroman airson soirbheas na Gàidhlig a leasachadh, agus airson na h-àireamhan de luchd-labhairt agus luchd-cleachdaidh àrdachadh, mar phàirt de leasachadh eaconamach seasmhach.

Cuir taic ri boireannaich ann an àiteachas ann an eileanan na h-Alba, le bhith gam brosnachadh pàirt a ghabhail sa phrògram leasachaidh ceannais, a’ cur aghaidh ri taobhachd gun fhiosta le buidhnean agus gnìomhachasan agus a’ briseadh bacaidhean cultarach.

Obraich còmhla ri ùghdarrasan ionadail buntainneach airson planaichean gnìomh ionadail a dhèanamh airson biadh agus deoch airson taic a chur ri fàs san raon seo ann an eileanan, a’ cur fòcas sònraichte air raon ro-chudromach an Uisge-beatha.

Obraich còmhla ri ùghdarrasan ionadail buntainneach airson an teisteanas Biadh airson Beatha a bhrosnachadh, airson cuideachadh le tùsan ionadail a bhrosnachadh ann an suidheachaidhean san raon phoblach.

Page 32: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan30

Tha còmhdhail (adhar, rathad, aiseag, bus agus còmhdhail co-roinnte eile, siubhal gnìomhach agus seirbheisean rèile air tìr-mòr) air leth cudromach do choimhearsnachdan eileanach agus tha e a’ cur gu mòr ri cho comasach ’s a tha e do luchd-còmhnaidh fa-leth, mar eisimpleir, seirbheisean fhaighinn agus còraichean daonna bunaiteach a chleachdadh. Thuirt luchd-freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh gu bheil iomadh dùbhlan aig coimhearsnachdan eileanach a thaobh còmhdhail nam beatha làitheil, an coimeas ri daoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean nach eil cho dùthchail air tìr-mòr agus sgìrean bailteil.

San t-Samhain 2019, thug Còmhdhail Alba – ann an com-pàirteachas le companaidhean còmhdhail, Young Scot agus Oifis Prògram na Cairt Airidheachd Nàiseanta – a-steach eadar-obrachadh airson cairtean-tapaidh gus an obraich iad le diofar solaraichean/modhan còmhdhail. Tha seo a’ ciallachadh gun urrainn do dhaoine air feadh Alba aon chairt-tapaidh a chleachdadh air iomadh seòrsa còmhdhail, seach a bhith feumach air diofar chairt airson gach companaidh còmhdhail – a’ gabhail a-steach, far a bheil tiocaidean tapaidh ri fhaighinn, seirbheisean coimhearsnachd eileanach agus dùthchail.

Sa Phrògram Riaghlaidh ann an 2018 gheall Riaghaltas na h-Alba gum biodh maoin tasgaidh £2 millean ann, a chuireadh taic ri Gluasadachd mar Sheirbheis (Mobility as a Service – MaaS) fheuchainn ann an Alba thairis air tri bliadhna. Tha MaaS ag amas gum bi fiosrachadh còmhdhail furasta ri fhaighinn ann an cruth didseatach. Dh’fhaodadh seo a bhith mar fhuasglaidhean teicneòlasach a bheir feumalachdan siubhail còmhla ann an aon app siubhail, no seirbheisean a leigeas le daoine iomadh companaidh siubhail a chleachdadh air aon phrìs gach mìos. Tha a’ chiad cuairt de thagraidhean maoineachaidh a-nis air dùnadh agus thèid na tagraidhean a shoirbhich innse san Dùbhlachd. Tha am fòcas sa chuairt seo air pròiseactan a bheir sochairean do dhaoine ann an coimhearsnachdan bailteil, dùthchail agus eileanach agus do thurasachd, agus cuideachadh gus aghaidh a chur air neo-ionannachd. An-dràsta, tha cosgaisean còmhdhail air eileanan gu math nas àirde, an coimeas ri teachd-a-steach, na sa chòrr de dh’Alba. Tha ùineachan-siubhail gu tric fada agus feumach air atharrachaidh eadar diofar mhodhan, no fuireach airson oidhche, a tha a’ dèanamh cosgaisean nas àirde buileach. A bharrachd air seo, chan eil tiocaidean aonaichte daonnan ri fhaotainn, a’ ciallachadh gu bheil feum air iomadh diofar thiocaid, gan dèanamh nas cosgaile agus nas toinnte.

Còmhdhail

Page 33: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

31Plana Nàiseanta nan Eilean

cheanglaichean còmhdhail freagarrach gu agus bho eilean agus eadar eileanan, bidh coimhearsnachd eileanach ann an suidheachadh ana-cothromach an coimeas ri coimhearsnachdan a tha coltach riutha air tìr-mòr. Tha ceanglaichean còmhdhail taobh a-staigh eilean cuideachd riatanach airson an cothrom a thoirt don choimhearsnachd eileanach siubhal mun cuairt san eilean. Tha ceanglaichean còmhdhail eadar na calachan air tìr-mòr a tha a’ frithealadh nan eileanan agus bailtean mòra na h-Alba cudromach cuideachd airson gum bi e comasach dha na h-eileanan an cothrom fhaighinn air seirbheisean agus margaidhean. Tha feum air siostam còmhdhail cothromach, le ìre carboin ìseal, airson gun urrainn dha coimhearsnachdan nan eilean a bhith co-ionann ri coimhearsnachdan air tìr-mòr na h-Alba, agus airson gun urrainn dha còmhdhail leigeil le an còraichean daonna bunaiteach a bhith air an coileanadh. Tha e cuideachd a’ brosnachadh fàs ann an turasachd seasmhach, a’ leigeil le duine sam bith a tha airson tadhal air ar n-eileanan seo a dhèanamh.

Cuiridh ceanglaichean còmhdhail nas fheàrr taic ri barrachd ghnìomhan ann an eilean, ag adhbharachadh barrachd chothroman airson leasachadh eaconamach seasmhach.18 ’S e prìomh phàirt a th’ ann an còmhdhail, ma-thà, de dhòigh-obrach cho-fhillte agus seasmhach a thaobh poileasaidh eileanach. Tha dreuchd cuideachd aig còmhdhail anns an làraich-coise àrainneachdail aig eilean. Bidh aig siostaman còmhdhail air eileanan san àm ri teachd ri obrachadh gu ruige neoni eimiseanan agus ri cur ris na dleastanasan aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde. Tha roghainnean siubhail seasmhach, leithid bhusaichean, air leth cudromach ann a bhith a’ coileanadh seo, agus cuideachd a’ brosnachadh siubhal gnìomhach (coiseachd agus cuibhleadh no rothaireachd) ma tha seo comasach. Ann an raon na còmhdhail tha coimhearsnachdan eileanach airson gum bi guth nas làidire aca airson gun urrainn dhaibh a bhith mar phàirt de cho-dhùnaidhean a bheir buaidh orra gach latha.

18  Ann an cuid de choimhearsnachdan eileanach tha dùbhlan mu choinneamh eileanaich air sàilleibh nach urrainn dhaibh siubhal gu agus bho bhailtean mòra na h-Alba air an aon latha obrach. Tha cosgaisean a bharrachd mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach, airson bathar fhaighinn gu margadh no a’ toirt a-steach cumhachd, stuthan togail agus luchd-obrach. Tha dùbhlan cuideachd ann a thaobh cosgaisean lìbhrigidh a bharrachd.

Page 34: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan32

’S e uallach mòr a th’ ann a bhith a’ fuireach ann an Sealtainn leis na cosgaisean agus duilgheadasan siubhail gu tìr-mòr agus air ais. Tha e a’ ciallachadh sgaradh bho charaidean agus teaghlach. Tha e a’ ciallachadh gu bheil cosgaisean airson làithean-saora doirbh airson daoine le teach-a-steach ìosal no meadhanach. (Neach-freagairt, Sealtainn)

Chaidh iomadh seirbhis còmhdhail coimhearsnachd ainmeachadh sa phròiseas co-chomhairleachaidh mar sheirbheisean a bha riatanach airson coimhearsnachdan eileanach. Bha cùisean còmhdhail, ge-tà, air an ainmeachadh gu tric mar dhùbhlan sònraichte ann am beatha eileanach. Bha seo a’ gabhail a-steach cion sheirbheisean còmhdhail a bharrachd air cosgaisean siubhail gu eilean agus air ais. Bha am feum air clàran-ama a cho-òrdanachadh nuair a tha barrachd na aon dòigh siubhail air turas, cion rùim air aiseagan, agus lùghdachadh ann an tursan-adhair ach cosgaisean a’ fàs, uile air an ainmeachadh cuideachd.

Bho 2007, tha Riaghaltas na h-Alba air còrr is £1.9 billean a thasgadh ann an seirbheisean aiseag, bàtaichean agus bun-structar a tha a’ toirt lìn-bheatha dha ar coimhearsnachdan eileanach. Tha seo a’ gabhail a-steach còrr is £113 millean air calachan agus £255 millean air bàtaichean airson lìonraidhean a’ Chluaidh, Innse Gall agus na h-Eileanan mu Thuath. Tha Cosgais Co-ionann ri Rathad (RET) air faraidhean ìsleachadh airson luchd-turais, càraichean, carbadan beaga coimeirsealta agus còidsichean. Tha an lùghdachadh seo air fàs de 11 sa cheud adhbharachadh ann an àireamhan de luchd-turais air seirbheisean a’ Chluaidh agus Innse Gall, a’ cur spionnadh ann an eaconamaidhean turasachd agus eileanach, agus ga dhèanamh nas fhasa airson eileanaich a dhol gu tìr-mòr. Tha sinn an dùil RET a leudachadh gu na h-Eileanan mu Thuath nuair a tha e comasach dhuinn seo a dhèanamh. Ann an 2012, dh’fhoillsich Còmhdhail Alba a’ chiad Phlana Aiseagan coileanta (2013-22) stèidhichte air feumalachdan choimhearsnachdan. Dh’innis seo na planaichean adhartach aig Riaghaltas na h-Alba suas gu 2022. Tha obair a-nis air tòiseachadh air an ath Plana Aiseagan, ann am pròiseas ion-ghabhalta agus ceangailte ri lìbhrigeadh àrd-amasan ro-innleachdail nas fharsainge mun cuairt air còmhdhail, co-ionannachd, gnàth-shìde, eileanan, eaconamaidh, bun-structar, slàinte agus sunnd. Tha Riaghaltas na h-Alba air na planaichean aca fhoillseachadh airson inbheisteadh ann an aiseagan tro Phlanaichean airson Bàtaichean Ath-sholarachadh agus a Chur an Gnìomh (Vessel Replacement and Deployment Plan), leis a’ phlana mu dheireadh air fhoillseachadh as t-fhoghair. Tha Còmhdhail Alba an-dràsta ag obair còmhla ri CMAL agus CalMac air prògraman inbheistidh airson bàtaichean agus calachan ag amas air barrachd cunbhalachd agus seasmhachd. Gus seo a dhèanamh, bidh feum air co-obrachadh le luchd-seilbh chalachan, nam measg ùghdarrasan ionadail, urrasan agus companaidhean prìobhaideach. Tha Ministearan na h-Alba air dearbhadh gum bi an ath aiseag, às dèidh dhan dà bhàta a thathar a’ togail an-dràsta aig gàrradh-shoithichean MhicFhearghais, airson slighe Ìle agus thathar a’ dealbhadh a’ bhàta seo an-dràsta. Tha Riaghaltas na h-Alba air gealladh an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis a dhèanamh na rathad dà-fhillteach. Bheir am program adhartach seo, fear de na pròiseactan bun-structar còmhdhail as motha ann an eachdraidh na h-Alba, mòran shochairean do luchd-cleachdaidh nan rathaidean, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan a tha a’ fuireach air an t-slighe bhunaitich seo eadar meadhan na h-Alba agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Page 35: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

33Plana Nàiseanta nan Eilean

Ach chan e còmhdhail airson daoine bho àite gu àite an aon dòigh airson fuasgladh fhaighinn air cion ruigsinneachd. Tha e soilleir ma thathar a’ cruthachadh barrachd bhun-structar, gun tèid a chleachdadh. Mar sin, tha dleastanas againn beachdachadh air mar a tha sinn a’ siubhal mun cuairt airson ar feumalachdan coimhearsnachd làitheil ann an dòigh a tha a’ cumail ìrean carboin ìosal agus a tha ag amas air neoni eimiseanan.19

Tha Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 320 a’ soillseachadh a’ chothruim a th’ aig eileanan togail air am meud mar stòras nuair a tha iad a’ coimhead air dòighean carboin a lùghdachadh, a bharrachd air cho cudromach ’s a tha ceangailteachd dhidseatach bann-leathann. Tha dòighean eile ann airson daoine agus seirbheisean a thoirt còmhla gun feum a bhith aca air siubhal. Bhiodh seo nas fhasa a dhèanamh ma tha àireamh-sluaigh nan eilean a’ fàs. Tha Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 3 soilleir gu bheil bailtean ann an sgìrean cladaich a dh’fhaodadh a bhith nan co-ionadan airson seirbheisean agus còmhdhail mar fhòcas airson leasachadh ùr.

Bidh am Plana seo agus an Clàr Buileachaidh a bhios a’ cur taic ris a’ brosnachadh dòigh-obrach chothromach, cho-fhillte, uaine agus ion-ghabhalta a thaobh còmhdhail, a dh’obraicheas còmhla ri ath-sgrùdadh Còmhdhail Alba air an Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta (National Transport Strategy – NTS) airson ro-innleachd na còmhdhail a stèidheachadh airson an ath 20 bliadhna.

19  Riaghaltas na h-Alba, Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta, Ògmhios 2014: https://www.gov.scot/publications/national-planning-framework-3/

20  Tha an dreachd NTS stèidhichte air frèam-obrach ro-innleachdail a mhìnicheas ar lèirsinn: Bidh siostam còmhdhail seasmhach, ion-ghabhalta agus ruigsinneach againn airson gum bi Alba na b’ fhallaine, na bu chothromaiche agus na bu shoirbheachaile airson coimhearsnachdan agus luchd-turais. Tha an lèirsinn seo stèidhichte air ceithir chuspairean: A’ brosnachadh Co-ionannachd, Gnìomhachd mun Gnàth-shìde, Eaconomaidh Shoirbheachail agus Slàinte is Sunnd. A’ togail air an dòigh-obrach cho-obrachail seo, chaidh 14 poileasaidhean a chruthachadh le co-chomhairleachadh le luchd-ùidhe. A’ leantail bhon cho-chomhairleachadh seo, bidh Còmhdhail Alba ag innse dhuinn mun fhianais a fhuair iad a thaobh coimhearsnachdan eileanach agus cleachdaidh sinn seo airson Plana Lìbhrigidh a dhèanamh a bheir aghaidh air na dùbhlain Còmhdhail a tha aig diofar sgìrean agus àiteachean ann an Alba. Thèid an NTS mu dheireadh fhoillseachadh san Fhaoilleach 2020 agus thèid am Plana Lìbhrigidh fhoillseachadh an aon bhliadhna.

Page 36: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan34

Airson seo a thoirt air adhart, tha Còmhdhail Alba air dòigh-obrach cho-obrachail a chleachdadh, ag obair còmhla ri com-pàirtichean, airson deagh bhunait fhianais a stèidheachadh, agus air bruidhinn ri luchd-ùidhe agus saoranaich air feadh Alba airson gum bi guth nas làidire aca ann an leasachadh poileasaidh còmhdhail. A bharrachd air co-chomhairleachadh poblach, tha Còmhdhail Alba air ceithir Pannalan Saoranaich a chumail ann an suidheachaidhean bailteil, dùthchail agus eileanach airson an dreachd NTS fheuchainn air a’ phoball. A’ togail air an NTS, bidh Ath-sgrùdadh Ro-innleachdail nam Pròiseactan Còmhdhail 2 (STPR2) ag innse nam prìomhachasan airson bun-structar còmhdhail airson an ath 20 bliadhna. Bidh Plana nan Aiseagan 2 ag innse ro-innleachd nan aiseagan san àm ri teachd le fòcas air lìbhrigeadh ro-innleachdan nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba – a’ gabhail a-steach an Fhrèam-obrach Planaidh Nàiseanta, Plana Nàiseanta nan Eilean, an dàrna Ath-sgrùdadh Ro-innleachdail air Pròiseactan Còmhdhail21 agus an Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta.

Tron NTS, tha sinn airson gum bi barrachd cunntachalachd agus com-pàirteachas tro Phannalan Saoranaich, a tha a rèir dòigh-obrach nas stèidhichte air còraichean daonna. Cuidichidh na pannalan seo Còmhdhail Alba gus beachdan fhaighinn bho dhaoine agus coimhearsnachdan mu dheidhinn buileachadh phoileasaidhean còmhdhail. Bidh e cuideachd cudromach beachdachadh air an dreuchd a th’ aig eileanan no a dh’fhaodadh a bhith aig eileanan mar cho-ionadan, stèidhichte air ceangailteachd. Tha Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 3 a’ sealltainn na dreuchd sònraichte a th’ aig eileanan airson puirt dhomhainn, mar eisimpleir.

21  Leanaidh STPR2 an Stiùireadh airson Measaidhean Còmhdhail na h-Alba (STAG). Bidh seo stèidhichte air fianais, agus bidh e a’ measadh nan dùbhlan a th’ ann a thaobh a bhith a’ coileanadh nan amasan aig an NTS agus a’ beachdachadh air na dh’fheumar dèanamh a thaobh còmhdhail airson an coileanadh. Measaidh iad na roghainnean as fheàrr a thaobh nan amasan agus slatan-tomhais measaidh. Tha co-chomhairleachadh le luchd-ùidhe cuideachd mar phàirt den fhianais. Tha am pròiseas seo a’ leantail prionnsabalan an Leabhar-làimhe airson Ionmhas Poblach na h-Alba agus an Leabhar Uaine aig HM Roinn an Ionmhais airson cosgaisean Riaghaltais. Ma-thà, ’s e STPR2 an dòigh as fheàrr airson tasgadh ro-innleachdail còmhdhail a dhearbhadh airson ar coimhearsnachdan eileanach. Thèid STPR2 a chleachdadh air an dàrna Phlana Aiseagan aig Riaghaltas na h-Alba cuideachd a thaobh tasgadh ro-innleachdail.

Page 37: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

35Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha Urras Leasachaidh Eilean Hoy a’ ruith an aon chòmhdhail poblach air an eilean, bus coimhearsnachd ‘Hail and Ride’. Tha Urras Leasachaidh Shapinsay (SDT) a’ ruith an aiseag taobh a-muigh uairean àbhaisteach, a’ leigeil le daoine a dhol gu tachartasan agus coinneamhan ann an Kirkwall no tighinn gu Shapinsay airson feasgar. Tha an aiseag seo cuideachd ri faighinn air màl prìobhaideach aig amannan eile. Tha SDT cuideachd a’ solarachadh siubhal carbad agus bus dealain air Shapinsay airson duine sam bith a tha airson faighinn mun cuairt san eilean aig nach eil carbad iad fhèin, no airson buidhnean. http://www.orkneycommunities.co.uk/iohdt/ http://www.orkneycommunities.co.uk/shapinsay/ ’S e an stèisean connaidh coimhearsnachd ann an Slèite san Eilean Sgitheanach fear de na ciad stèiseanan connaidh a tha fo sheilbh coimhearsnachd, agus tha e air a bhith aig Urras Coimhearsnachd Shlèite airson còrr is 10 bliadhna. Tha an stèisean connaidh air a ruith mar phàirt de bhùth agus Oifis a’ Phuist sa bhaile. An ath doras, tha a’ gharaids air màl gu gnothachas ionadail. http://www.sleat.org.uk/sleatcommunitytradingltd.asp

Tha còmhdhail adhair fhathast air aon de na dòighean-siubhail as luaithe agus as goireasaiche, airson ar coimhearsnachdan eileanach. Mar a thuirt sinn sa Phrògram Riaghlaidh, obraichidh sinn gus am bi tursan-adhair ann an Alba

neodrach a thaobh carboin ro 2040. Cuiridh sinn taic ri deuchainnean air itealain le eimiseanan ìosal no gun eimisean sam bith eadar phuirt-adhair sa Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan, leis na ciad deuchainnean den t-seòrsa a’ gabhail àite ann an 2021.

An co-bhonn ri Puirt-adhair na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Earr, bidh sinn ag amas gus a’ chiad sgìre còmhdhail adhair neoni eimiseanan tro phrògram de ghnìomhan airson gum bi gnìomhachas puirt-adhair, bun-structar agus tursan-adhair neodrach a thaobh carboin thairis air a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan.

Tha sinn fhathast a’ gealladh taic airson ceangailteachd eadar eileanan agus prìomh phuirt-adhair na h-Alba. Bha iomagain air cuid a fhreagair a’ cho-chomhairleachadh a thaobh cosgaisean siubhail agus am biodh rùm gu leòr air itealain. Tha an Sgeama Lasachaidh Adhair a’ leantail le bhith a’ lasachadh fharaidhean bunaiteach suas ri 50 sa cheud airson luchd-siubhail a tha so-roghnach. Tha sinn cuideachd a’ gealladh gun cur sinn taic ris na seirbheisean lìn-bheatha eadar Glaschu agus Barraigh agus Tiriodh.

Page 38: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan36

Amas Ro-innleachdail 3

Airson seirbheisean còmhdhail a leasachadh obraichidh sinn le ar buidhnean-gnìomh sna dòighean a leanas:

Dèan cinnteach gun tèid ‘dìon eileanach’ a dhèanamh air poileasaidhean a thaobh còmhdhail, an-dràsta agus san àm ri teachd, airson gum bi iad freagarrach airson feumalachdan choimhearsnachdan eileanach.

Obraich còmhla ri ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan eileanach agus companaidhean còmhdhail gus riaghailtean agus stiùireadh a chruthachadh mu na h-ullachaidhean mu sheirbheisean bus ann an Achd na Còmhdhail (Alba) 2019, a tha ag amas gum bi e nas comasaiche do dh’ùghdarrasan ionadail freagradh air feumalachdan ionadail.

Dèan plana agus prògram inbheistidh fad-ùine airson aiseagan ùra agus leasachadh chalachan airson gum bi barrachd seasmhachd, earbsa, agus comas ann, agus airson lùghdachadh ann an eimiseanan, airson misneachd a thoirt do choimhearsnachdan nan eilean a thaobh ar dleastanais leantainneach.

Cruthaich Plana Aiseagan ùr a chuireas ri lìbhrigeadh toraidhean nan ro-innleachdan nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba mar a tha air innse san Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta agus ann am Plana Nàiseanta nan Eilean.

Mar phàirt den ath Phlana Aiseagan, dèan ath-sgrùdadh air na buaidhean aig Cosgaisean Co-ionann ri Rathad agus beachdaich air poileasaidhean a thaobh faraidhean aiseig a tha freagarrach airson feumalachdan eileanaich agus a’ cur taic ri eaconamaidhean eileanach.

Cuideachd mar phàirt den Phlana Aiseagan, dean ath-sgrùdadh air agus brosnaich co-cheangailteachd eadar aiseagan agus dòighean-siubhail eile air tìr-mòr agus sna h-eileanan, airson gum bi e nas fhasa a bhith a’ cleachdadh còmhdhail gnìomhach, poblach no co-roinnte airson siubhal gu no bho eileanan ann an dòigh a tha ruigsinneach agus saor an dàrna cuid airson an turais air fad no airson pàirt dheth.

Airson seirbheisean aiseig Chluaidh agus Innse Gall, thoir a-steach siostam clàraidh agus tiocaididh ùr, le comas tiocaidean tapaidh, an àite an t-siostaim a th’ ann an-dràsta.

Page 39: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

37Plana Nàiseanta nan Eilean

Amas Ro-innleachdail 3

Airson seirbheisean còmhdhail a leasachadh obraichidh sinn le ar buidhnean-gnìomh sna dòighean a leanas:

A’ cleachdadh bheachdan bhon cho-chomhairleachadh air an NTS, dealbh Plana Lìbhrigidh an NTS airson aghaidh a thoirt air na diofar dhùbhlain còmhdhail a th’ ann thairis air diofar sgìrean agus roinnean ann an Alba, a’ gabhail a-steach nan eileanan.

Dearbhaich inbheisteadh ro-innleachdail ann an còmhdhail bho ar coimhearsnachdan eileanach tro STPR2 – a bheir buaidh air Plana nan Aiseagan 2 aig Còmhdhail Alba,

Obraich còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus coimhearsnachdan gus bun-structar airson coiseachd agus rothaireachd a leasachadh, cho math ri dealbhadh àite agus cothrom air baidhseagalan, goireasan, brosnachadh agus foghlam airson gum bi coiseachd agus rothaireachd gam meas mar an roghainn as fheàrr airson tursan goirid làitheil, a’ gabhail a-steach mar phàirt de thursan ioma-dòigheach.

Rannsaich an cothrom airson am feum a bhith a’ siubhal a lùghdachadh le bhith a’ cleachdadh an t-siostam planaidh airson àiteachean a bhrosnachadh a tha a’ toirt daoine agus seirbheisean còmhla.

A’ crochadh air na riatanasan a tha ann an cùmhnantan Seirbhis Aiseag Chluaidh agus Innse Gall agus Seirbhis Aiseag nan Eilean mu Thuath, bidh sinn a’ strì, far a bheil e comasach agus riatanach, gus an leasaich sinn cùisean a thaobh gluasad bathar agus gum beachdaich sinn air cùisean le luchd-obrach, coimhearsnachdan agus luchd-ùidhe nuair a tha e iomchaidh.

Page 40: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan38

Ged a tha deagh bhuaidh air a bhith aig ar poileasaidhean a bhith a’ brosnachadh taigheadas ùr agus nas fheàrr, sheall am pròiseas co-chomhairleachaidh gu bheil faotainneachd taigheadas a tha freagarrach agus air prìs reusanta air eileanan na h-Alba na dhùbhlan airson coimhearsnachdan eileanach. Gu sònraichte, tha buaidh aig cothroman taigheadais air lùghdachadh sluaigh agus tha seo a’ toirt buaidh air òigridh a tha a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu bhith a’ fàgail no a’ tilleadh gu coimhearsnachdan eileanach. Tha buaidh aig seo an uair sin air seasmhachd sheirbheisean ionadail, gu h-àraid air sgoiltean. Tha an gainnead de thaigheadas ruigsinneach air prìs reusanta na chnap-starra airson teaghlaichean a thàladh gu coimhearsnachdan eileanach. Tha seo cuideachd ceangailte ri diofar sheòrsaichean bochdainn dùthchail agus neo-ionannachd choitcheann, mar dìth-dachaigheachd agus dìth-dachaigheachd fhalaichte. Tha taigheadas freagarrach aithnichte gu h-eadar-nàiseanta mar chòir daonna, agus mar phàirt den chòir nas fharsainge air inbhe beatha reusanta.

Tha Maoin Taigheadais Dùthchail agus Eileanach aig Riaghaltas na h-Alba air naoi phròiseactan aontachadh gu ruige seo air eileanan airson 16 dachaighean a thogail, a’ cur ri àireamh gu math na bu mhotha a tha air an lìbhrigeadh tron phrògram solarachaidh airson taigheadas air prìs reusanta. Tha aon taigh a chaidh ath-nuadhachadh tron Mhaoin ann an Ronaldsay a Tuath air dachaigh a thoirt do neach-obrach riatanach a thàinig gu eilean far a bheil an àireamh sluaigh air a bhith a’ crìonadh. Tha eilean Rùm air tòiseachadh air ceithir taighean ùra air mhàl a thogail le taic bhon Mhaoin, a’ leantail bho dà thaigh prìobhaideach air an togail le tuathanachas uisge, Mowi, airson an luchd-obrach. Tha co-obrachadh air bun-structar airson seirbheisean a thoirt dhan làraich air cuideachadh le togail nan sia taighean seo.

Thuirt iomadh neach a fhreagair a’ cho-chomhairleachadh gu bheil togail thaighean anns na h-eileanan gu tric nas duilghe agus nas toinnte na ann an sgìrean air tìr-mòr air sàilleibh chosgaisean agus astaran giùlain (a’ cur barrachd na 30-40 sa cheud ri prìs togail). Tha riaghailteachd agus earbsachd aiseagan, an t-sìde, feachd-obrach, àitean-fuirich airson luchd-obrach agus mar sin air adhart a’ cur ris na duilgheadasan. Cuideachd, thuirt iad gun robh, air cuid de dh’eileanan, droch bhuaidh aig an àireamh de thaighean air màl goirid agus dàrna dachaighean air faotainneachd dachaighean airson muinntir an àite a tha a’ fuireach agus ag obair ann.

Mu dheireadh, thuirt luchd-freagairt nach robh an dòigh anns a bheil feumalachdan taigheadais air a mheasadh tro Mheasaidhean Feum agus Iarrtas Thaigheadas a’ togail air cùisean ionadail sònraichte. Airson gum bi barrachd tuigse ann mu dheidhinn feumalachdan ionadail, bu chòir gum bi coimhearsnachdan an sàs ann agus bu chòir am beachdan a shireadh. Tha iomagain cuideachd air coimhearsnachdan eileanach a thaobh droch chàileachd ann an taigheadas a tha a’ cur ri neo-ionannachd; ’s e eisimpleir a tha seo a thaobh iomagain air am feumar beachdachadh airson measadh a dhèanamh air feumalachdan ionadail.

Taigheadas agus Bochdainn Connaidh

Page 41: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

39Plana Nàiseanta nan Eilean

Mar fhear de na h-àiteachan as gainne sluaigh anns an Roinn Eòrpa, tha ìoranas ann gu bheil cho beag fearainn ri fhaotainn airson taighean a thogail/leasachadh gnìomhachais. ’S e cùis rianachd fearainn a tha seo ach cuideachd cùis planaidh gu ìre. Neach-freagairt, Diùra

Tha Riaghaltas na h-Alba air gealladh ro-innleachd a dhealbh airson ar dachaighean agus coimhearsnachdan airson 2040 agus clàr a’ sealltainn mar a ruigeas sinn seo. ’S e ro-innleachd a bhios ann an seo airson Alba air fad, agus bidh coimhearsnachdan eileanach beòthail mar phàirt chudromach de seo. Cuidichidh beachdan bho choimhearsnachdan eileanach ann a bhith a’ deisealachadh a’ Phlana seo leis an obair sin. Tha ar dòigh-obrach airson taigheadas gu 2040, a’ togail air a’ Phlana seo, a’ toirt dhuinn an cothrom ath-bheachdachadh air solar thaigheadais nar n-eileanan le bhith a’ cleachdadh dòigh-obrach chothromach agus seasmhach. Tha seo a’ gabhail a-steach fuasglaidhean taigheadais sònraichte ionadail air prìs reusanta a tha a’ freagairt air feumalachdan choimhearsnachdan eileanach, a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha ag obair air na h-eileanan gu tràthail airson taic a chur ri turasachd. Tha sinn soilleir gum feum Alba freagairt ris an staid èiginneach chruinneil a thaobh na gnàth-shìde, le bhith a’ leasachadh èifeachdas cumhachd ar dachaighean agus a’ cur taic ris an fheadhainn ann am bochdainn connaidh gus an cosgaisean connaidh a lùghdachadh agus gus am bi iad a’ fuireach ann an taighean blàth, cofhurtail. Tha sinn cuideachd a’ dèanamh cinnteach gu bheil dachaighean ùra air an dealbh ann an dòigh airson buaidh air an àrainneachd a lùghdachadh agus air an togail a’ cleachdadh stuthan agus teicneòlas a lùghdaicheas an làrach carboin agus feumalachdan cumhachd.

Togaidh an dòigh-obrach taigheadais gu 2040 agus buileachadh a’ Phlana air iomairtean, poileasaidhean, ro-innleachdan agus gnìomhan a thaobh taigheadais a bh’ ann roimhe. An-dràsta, tha an dòigh-obrach Barrachd Taighean Alba22 a’ cur taic ri dachaighean freagarrach ann an àiteachan freagarrach, agus stèidhichte air prìomhachasan an ùghdarrais ionadail. Tha seo ag amas air solarachadh àrdachadh thairis air a h-uile seòrsa gabhaltas, agus a’ cur taic ri taigheadas dùthchail, am pàirt tro earrann de phrògraman nàiseanta, mar eisimpleir Prògram Solarachaidh Taigheadas air Prìs Reusanta; Maoin Bun-structar Taigheadais; agus Maoin Iasaid airson Fèin-thogail.

22 www.gov.scot/policies/more-homes/housing-and-planning-delivery-framework/

Page 42: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan40

Tha Urras Coimhearsnachd Mhuile is Ì air a bhith mar bhuidhinn-acrach gus am pròiseact taigheadais soirbheachail aig Aiseag Ulbha a lìbhrigeadh. Le bhith a’ togail thaighean a tha tèarainte, air prìs reusanta, neo-ghnìomhach (passive houses) le cosgaisean teasachaidh ìosal, thig sochairean sòisealta agus eaconamach nas fharsainge airson na coimhearsnachd seo a th’ ann an cunnart, a’ leigeil le muinntir an àite cumail orra a bhith a’ fuireach, ag obair agus a’ dol dhan sgoil san sgìre. https://www.mict.co.uk/projects-services/ulva-ferry-housing-project/

Tha lìbhrigeadh thaigheadas air eileanan a’ faighinn taic tro eadar-theachdan sònraichte, air an cruthachadh a rèir feumalachdan ionadail, mar eisimpleir Maoinean Taigheadais Dùthchail agus Eileanach agus an Sgeama de Thabhartasan airson Taighean-croite. Tha dreuchd shònraichte aig croitearachd ann a bhith a’ cumail suas an àireamh sluaigh ann an sgìrean iomallach dùthchail mar eileanan. Leis gu bheil croitearachd sònraichte mar seòrsa gabhaltas fearainn, agus leis gu bheil fèin-thogail air leth cumanta airson taigheadas, tha e uaireannan doirbh do chroitearan maoineachadh taigheadais àbhaisteach fhaighinn.

Tha an Sgeama de Thabhartasan airson Taighean-croite a’ toirt seachad maoineachadh airson taighean ùra agus leasachaidhean dachaigh, airson gum bi prìs reusanta air taighean-croite. Tha an dòigh-obrach Barrachd Taighean Alba cuideachd a’ gabhail a-steach iomairtean airson an cothrom fhaighinn air seilbheadaireachd dachaigh tro sgeamaichean co-roinn luach, mar eisimpleir an Sgeama Margaidh Fhosgailte airson Co-roinn Luach (OMSE) agus Taic airson Ceannach (Alba).

Tha am Frèam-obrach Lìbhrigidh Taigheadais agus Planaidh ag innse mar a dh’obraicheas Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail còmhla gus iarrtas airson taigheadas a thuigsinn agus gus dèiligeadh ris. Mar phàirt de seo, tha aig ùghdarrasan ionadail ri Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail ullachadh, ag innse mar a thèid poileasaidhean agus prìomhachasan nàiseanta agus ionadail a chur an gnìomh. Tha seo a’ gabhail a-steach coileanadh an taigheadas a thaobh na h-àrainneachd agus cumhachd, mar eisimpleir, buileachadh prògram Alba Èifeachdach a thaobh Cumhachd, a’ gabhail a-steach bun-ìrean airson èifeachdas cumhachd ann an taigheadas air màl prìobhaideach. Ann an cruthachadh an Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail, feumaidh ùghdarrasan ionadail gèilleadh ri feumalachdan Achd nan Eilean (Alba) 2018 agus bu chòir dhaibh obrachadh còmhla ri luchd-ùidhe coilltearachd, fearainn, thaigheadais agus coimhearsnachd airson aghaidh a chur ris na dùbhlain a th’ ann an lìbhrigeadh thaighean agus seirbheisean co-cheangailte ri taigheadas ann an coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach.

Page 43: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

41Plana Nàiseanta nan Eilean

Ged a tha an ath Fhrèam-obrach Planaidh Nàiseanta ag amas air targaidean a chruthachadh a thaobh cleachdadh fearainn airson taigheadas, tha sinn a’ toirt fa-near dhan mholadh bho Bhuidheann Ro-innleachd nan Eilean gum bu chòir cuid de sgìrean mar eileanan an targaidean fhèin a chruthachadh gu h-ionadail a rèir an diofar co-theacsa leasachaidh agus diofar fheumalachdan.

Ged a tha deagh bhuaidh aig taighean air màl goirid air an eaconamaidh a thaobh turasachd air feadh Alba, tha fios againn cuideachd gu bheil dùbhlain ann. Tha sinn airson a bhith cinnteach gu bheil màl goirid air a riaghladh gu freagarrach agus tha sinn airson nan cumhachdan iomchaidh a thoirt do dh’ùghdarrasan ionadail.

Mar phàirt den phasgan nas fharsainge airson an ath-leasachadh bho Achd a’ Phlanaidh 2019 a chur an gnìomh, chaidh prògram a mholadh airson beachdachadh air atharrachaidhean ri Còraichean Leasachaidh Ceadaichte (PDR) airson diofar sheòrsaichean leasachaidhean, a rèir nam prìomhachasan ann am Prògram Riaghlaidh 2019-20 ‘A’ Dìon Alba ri Teachd’. Dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Measadh Seasmhachd agus prògram obrach a chaidh a mholadh air 5 Samhain 2019 agus tha sinn a’ sireadh bheachdan ro 28 Faoilleach 2020. Tha prìomhachas aig na seòrsaichean leasachaidhean a tha a’ cur aghaidh ris a’ chùis èiginneach a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde, an eaconamaidh dùthchail, conaltradh didseatach agus slighean beinne.

Bidh cuideachd cothroman ann airson luchd-ùidhe agus am poball a bhith a’ beachdachadh air na h-atharrachaidhean a tha air am moladh tron phrògram obrach seo.

Tha sinn air beachdan a shireadh air feumalachdan airson siostam clàraidh airson màil goirid, mar phàirt de dhòigh-obrach stèidhichte air fianais a lìbhrigeas na fuasglaidhean as fheàrr airson Alba, a’ gabhail a-steach ar coimhearsnachdan eileanach. Tha Achd a’ Phlanaidh (Alba) 201923 a’ leigeil le ùghdarrasan ionadail sgìrean ainmeachadh le smachd air màil goirid, le cead planaidh a dhìth ma tha uachdarain airson an taigh a chur a-mach air màl goirid. Bheir sinn air adhart molaidhean riaghlaidh airson an raoin seo am-bliadhna.

Tha e dùbhlanach a bhith a’ leasachadh faotainneachd agus càileachd dhachaighean airson coimhearsnachdan eileanach. Le gealladh de £3.3 billean sa Phàrlamaid seo, tha Riaghaltas na h-Alba air an tasgadh as motha a dhèanamh ann an lìbhrigeadh thaigheadais air prìs reusanta bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh. Tha sinn air eadar-theachdan sònraichte a chruthachadh airson coimhearsnachdan dùthchail agus eileanach a chuideachadh. Tha sinn air a bhith ag èisteachd ris na tha coimhearsnachdan eileanach air innse dhuinn agus tha am Plana seo mar chiad cheum ann am pròiseas atharrachaidh agus leasachaidh.

23  Pàrlamaid na h-Alba. Achd a’ Phlanaidh (Alba) 2019: http://www.legislation.gov.uk/asp/2019/13/contents/enacted

Page 44: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan42

Tha dùbhlain agus cothroman sònraichte ann airson aghaidh a chur ri bochdainn connaidh ann an coimhearsnachdan eileanach agus ag aithneachadh seo, ged nach e dleastanas reachdail a th’ ann fhathast, tha Riaghaltas na h-Alba air Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach a dhèanamh airson Bile Bochdainn Connaidh (Targaidean, Mìneachadh agus Ro-innleachd) (Alba).

Tha an ìre de bhochdainn connaidh nas àirde airson a’ mhòr-chuid de na h-ùghdarrasan eileanach (bho 18 sa cheud ann an Sealtainn gu 25 sa cheud ann an Comhairle nan Eilean Siar thairis air 2015-17) na airson Alba air fad (12 sa cheud). Tha fios againn gu bheil droch bhochdainn connaidh air leth doirbh a chur às ann an coimhearsnachdan eileanach far a bheil e nas duilghe togalaichean a leasachadh gu inbhean èifeachdas cumhachd agus far nach eil an uiread de chothrom ann cosgaisean connaidh a lùghdachadh. A bharrachd air seo, tha na seòrsaichean taigheadais eadar-dhealaichte thairis air diofar eileanan. Tha na cùisean seo a’ ciallachadh gu bheil an teasachadh air ann an cuid de na thaighean seo fad na bliadhna. Tha cosgaisean-beatha nas àirde air eileanan, còmhla ri cosgaisean connaidh nas àirde, airson dachaighean le teachd-a-steach ìosal, agus tha seo ag adhbharachadh droch bhochdainn connaidh.

Page 45: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

43Plana Nàiseanta nan Eilean

Amas Ro-innleachdail 4

Airson taigheadas a leasachadh nì sinn na leanas:

Dèan cinnteach gu bheil Taigheadas gu 2040 freagarrach airson nam feumalachdan sònraichte aig coimhearsnachdan eileanach.

Dèan cinnteach gu bheil riaghladh màl goirid ag aithneachadh an t-suidheachaidh shònraichte aig coimhearsnachdan eileanach agus gun dèanar solar sònraichte dhaibh nuair a tha seo riatanach.

Rannsaich mar a dh’fhaodadh a’ mhaoin airson taigheadas dùthchail agus eileanach atharrachadh san àm ri teachd airson na roghainnean a leudachadh airson taic a chur ri leasachadh taigheadais ann an coimhearsnachdan iomallach agus eileanach.

Cùm air a’ toirt thabhartasan do chroitearan airson taighean-croite a thogail agus a leasachadh.

Cleachd an taigheadas uile san dòigh as fheàrr, a’ gabhail a-steach togalaichean trèigte agus cothroman airson ceannachd riatanach.

Leasaich cothrom air dachaighean airson daoine a tha airson fuireach ann an, no tilleadh gu, coimhearsnachdan eileanach. Ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus luchd-ùidhe buntainneach, rannsaichidh sinn na diofar dhòighean a th’ ann airson seo a dhèanamh, a’ cleachdadh nan taighean a th’ againn agus feadhainn ùra.

Dèan cinnteach gun tèid beachdachadh air a’ bhuaidh a bhios aig poileasaidhean taigheadais air coimhearsnachdan far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn nuair a thathar a’ cruthachadh nam poileasaidhean sin.

Amas Ro-innleachdail 5

Airson an ìre de bhochdainn connaidh a lùghdachadh, nì sinn na leanas:

Dèan ath-sgrùdadh air mar a dh’fhaodadh sgeamaichean lìbhrigidh obrachadh nas fheàrr gu h-ionadail agus air maoineachadh airson coimhearsnachdan eileanach.

Thoir a-steach togail suas ann an Teachd-a-steach as Ìsle airson sgìrean dùthchail, iomallach, bailtean beaga agus eileanach, leis an togail airson sgìrean eileanach air a dhearbhadh a dh’aona ghnothaich.

Dèan Measadh Buaidh air Coimhearsnachdan Eileanach (ICIA) air an Ro-innleachd dheireannaich air Bochdainn Connaidh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil riochdairean bho ùghdarrasan ionadail nan eilean an sàs ann an ullachadh a’ mheasaidh.

Dèan rannsachadh agus anailis air na feumalachdan aig Achd a’ Bhochdainn Connaidh (Targaidean, Mìneachadh agus Ro-innleachd) (Alba) 2019 a leasaicheas ar tuigse mu na cosgaisean a tha mu choinneamh theaghlaichean a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan eileanach.

Page 46: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan44

Tha ceangailteachd dhidseatach mar phrìomh chùl-taic airson fàs eaconamach, gu h-àraid anns na sgìrean as iomallaiche agus dùthchaile ann an Alba. Tha deagh bhun-structar didseatach riatanach airson a’ mhòr-chuid de raointean eile sna h-eileanan a leasachadh, mar eisimpleir leasachadh eaconamach seasmhach, dì-dhaoineachadh agus slàinte is sunnd. Sa cho-chomhairleachadh, thuirt coimhearsnachdan eileanach gun robh adhartas le ceangailteachd bann-leathann na dheagh rud, ach gun robh barrachd adhartais a dhìth air sàilleibh cho eadar-dhealaichte ‘s a tha ceanglaichean fòn-làimhe agus bann-leathann eadar, agus taobh a-staigh, eileanan na h-Alba. Airson dèanamh cinnteach gu bheil am Plana cothromach agus ion-ghabhalta, feumar gnìomhan a dhèanamh airson gun urrainn dhan h-uile duine an cothrom fhaighinn air ceangailteachd dhidseatach a tha luath agus seasmhach.

Tha bann-leathann fibre air a bhith gu math soirbheachail, ach tha fhathast tòrr ri dhèanamh an seo. Bu chòir do phlana nan eilean a bhith ag amas gu bheil seo cho math ri ceanglaichean dealain. (Neach-freagairt, Uibhist a Tuath)

Tha gainnead cheangailteachd dhidseatach ann an sgìrean iomallach a’ cur cnap-starra air leasachadh eaconamach seasmhach, airson gnìomhachasan a th’ ann mu thràth agus airson daoine a tha airson gluasad gu eilean agus a bhith ag obair air astar. Tha conaltradh seasmhach cudromach airson seirbheisean-èiginn anns na h-eileanan agus tha deagh cheangailteachd dhidseatach nas fheumaile a-nis airson foghlam. Cuideachd, dh’fhaodadh seirbheisean slàinte aig astar a leasachadh nam biodh ceangailteachd dhidseatach nas fheàrr a’ leigeil le daoine coinneamhan a dhèanamh aig astar. Ged a tha reachdas conaltraidh glèidhte, tha Riaghaltas na h-Alba a’ dol air adhart le iomairtean airson faighinn seachad air fàilligeadh mhargaidhean sna h-eileanan, a’ dùnadh na bèairn dhidseataich agus a’ leigeil le coimhearsnachdan na sochairean fhaighinn bho dheagh cheangailteachd dhidseatach.

Tha Hebnet a’ toirt bann-leathann fìor-luath do na h-Eileanan Tarsainn (Canaigh, Rùm, Eige agus Eilean nam Muc), a bharrachd air Sòdhaigh agus coimhearsnachdan iomallach air tìr-mòr Chnòideart agus Ealaghol tro theicneòlas meanbh-thonn agus gun uèir. Tha am freumh didseatach a’ tighinn air meanbh-thuinn bho thìr-mòr (Malaig) agus a’ cleachdadh eadar-phuingean gun uèir agus fibre ris na togalaichean (FTTP) airson ceangal a bhith aig a h-uile dachaigh agus gnothachas, a’ toirt seachad seirbheis dheatamach airson nan coimhearsnachdan seo. https://www.hebnet.co.uk

Ceangailteachd Dhidseatach

Page 47: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

45Plana Nàiseanta nan Eilean

Togaidh am Plana seo air ro-innleachdan didseatach leantainneach, gu sònraichte Ro-innleachd Dhidseatach na h-Alba, cur-an-gnìomh bann-leathann fibre tron phrògram £463 millean Bann-leathann Fìor-luath Alba Didseatach (DSSB), agus prògram A’ Ruighinn 100% (R100) aig Riaghaltas na h-Alba.24 Chaidh sia ceud millean not a ghealladh airson R100 airson dèanamh cinnteach gu bheil an cothrom aig a h-uile dachaigh agus gnothachas air bann-leathann fìor-luath aig astaran 30 meagabit gach diog. Choilean DSSB an targaid gus am bi bann-leathann fibre aig 95 sa cheud ann an Alba ro dheireadh 2017, a’ toirt bann-leathann gu mu 100,000 togalach a bharrachd air na bha an dùil an toiseach. Nuair a thòisich DSSB cha robh planaichean airson bann-leathann coimeirsealta ann an Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan Siar. A-nis tha an cothrom aig barrachd na 80 sa cheud de thogalaichean sna sgìrean sin air bann-leathann, air sàilleibh cuideachadh DSSB.

Ceudad de thogalaichtean le cothrom air bann-leathann

ÙI Ceudad de thogalaichean le cothrom air bann-leathann fìor-luath (2014)

Ceudad de thogalaichean le cothrom air bann-leathann fìor-luath (2019)

Ceudad de thogalaichean le cothrom air bann-leathann fibre (2014)

Ceudad de thogalaichean le cothrom air bann-leathann fibre (2019)

Arcaibh1 11.1 65.7 12.0 82.5

Sealtainn2 28.9 74.2 35.1 86.3

Comhairle nan Eilean Siar

1.3 76.5 1.6 89.8

Earra-Ghàidheal is Bòd

0.9 83.3 0.9 92.5

A’ Ghàidhealtachd 20.3 80.1 21.8 93.6

Siorrachd Àir a Tuath 40.9 96.3 43.3 99.3

1 Dàta ri fhaotainn bhon Dùbhlachd 2014.

2 Dàta ri fhaotainn bhon t-Sultain 2014.

24  Tha am prògram A’ Ruighinn 100% airson gum bi faotainneachd bun-structar bann-leathann Cothrom Don Ath Ghinealach air a leudachadh airson dleastanas Riaghaltas na h-Alba gum bi bann-leathann fìor-luath aig 100% de thogalaichean ann an Alba ro 2021: https://www.gov.scot/publications/reaching-100-superfast-broadband/

Page 48: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan46

‘S e am prògram Ruighinn 100%, no R100, am prògram aig Riaghaltas na h-Alba airson ar n-amas a choileanadh gum bi cothrom aig 100 sa cheud air bann-leathann fìor-luath thairis air Alba, a’ togail air leasachadh Bann-leathann Fìor-luath Alba Dhidseatach. Tha an ro-innleachd solarachaidh airson R100 a’ fàgail às sgìrean bailteil, a’ sealltainn ar beachd gum bu chòir inbheisteadh poblach a bhith ann an sgìrean dùthchail far a bheil feum nas motha air. Tha seo ann an trì sgìrean – Tuath, Meadhan agus Deas – le bun-structar gigabit ann an sgìrean dùbhlanach dùthchail mar dhleastanas sa cheann a Tuath. Le seo, nì sinn cinnteach gu bheil fibre anns na coimhearsnachdan eileanach agus dùthchail as iomallaiche, a’ cruthachadh lìonra fibre nàiseanta, agus bun-stèidh airson co-cheangailteachd dhidseatach, a’ gabhail a-steach 4G agus bann-leathann fìor-luath an-diugh, agus 5G agus ultra-luath a-màireach.

Chan eil ceangailteachd a-mhàin mu dheidhinn bann-leathann; tha e cudromach cuideachd an cothrom fhaighinn air 4G. Leanaidh sinn oirnn le lìbhrigeadh Prògram Lìonaidh 4G na h-Alba, agus sinn ag inbheisteadh £25 millean airson bun-structar agus seirbheisean 4G a thoirt seachad ann an sgìrean a chaidh a thaghadh, cuid sna h-eileanan, agus tha ar ro-innleachd 5G ag innse nan geallaidhean agus nan ceumannan a tha a dhìth airson dèanamh cinnteach gu bheil Alba a’ coimhead air adhart mar dhùthaich 5G. Tha sinn cuideachd air Ionad 5G na h-Alba a stèidheachadh, airson a bhith mar àite nàiseanta airson co-obrachadh, innleachd agus co-roinn eòlais thairis air a h-uile pàirt de 5G, bho rannsachadh gu lìbhrigeadh agus cleachdadh. Am measg obair an Ionaid thèid barrachd leasachadh a dhèanamh air na deuchainnean 5G a tha a’ gabhail àite ann an Arcaibh.

Tha teicneòlasan ùra didseatach mar Eadar-lìon nan Rudan (IoT) air leth buntainneach do na h-eileanan. Tha IoT a’ ceangal diofar rudan fiosaigeach, mar sensoran agus actuatoran, ris an t-saoghal dhidseatach. Le Iomairt na h-Alba (Scottish Enterprise – SE), Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (Highlands and Islands Enterprise – HIE) agus Lìonraidhean Bostan (Boston Networks), tha ar Prògram IoT na h-Alba air bun-structar a stèidheachadh airson seirbheisean IoT a chuideachadh thairis air Alba. A’ cur ris an obair seo, tha ar Pròiseact Taic IoT, air a lìbhrigeadh tron Ionad airson Siostaman Mothachaidh agus Dealbhaidh (CENSIS) ag amas air foghlam agus eòlas a sgaoileadh mu dheidhinn cothroman an teicneòlais seo. Tha sinn ag amas air raointean eaconamach le ceanglaichean ris na h-Eileanan mar Thurasachd, Còmhdhail, Biadh is Deoch (a’ gabhail a-steach tuathanachas-uisge) agus Slàinte.

Tha e cudromach gu bheil na sgilean didseatach aig ar saoranaich, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan airson pàirt a ghabhail ann an cothroman na h-eaconamaidh didseataich adhartach. Bu chòir gum bi na cothroman seo air an riarachadh ann an dòigh chothromach agus feumaidh sinn ar raointean-obrach as fheàrr, ar luchd-innleachd agus luchd-iomairt a cheangal còmhla airson an comhairle agus maoineachadh ceart fhaighinn airson fàs agus obraichean a chruthachadh.

Tha sinn air £23 millean a thoirt seachad thairis air 5 bliadhna do ghnìomhachasan agus do dhaoine fa-leth gus sgilean didseatach a leasachadh. Chaidh còrr is £11 millean dhe seo a thoirt seachad tro Phlana Inbheistidh Sgilean Didseatach. Airson taic a bharrachd a thoirt do ar gnìomhachasan SME tha sinn air £7 millean a thoirt seachad do phrògram “Spionnadh Didseatach” agus thèid ar n-Iasad Leasachaidh Didseatach a leudachadh, a tha a’ toirt airgead air iasad do chompanaidhean a tha airson an comasan didseatach a leudachadh. 

Page 49: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

47Plana Nàiseanta nan Eilean

Eilean Fibre Luath ’S e eilean beag bìodach a th’ ann an Griomasaigh mu thrì mile de dh’fhaid agus lethach sin ann an leud, anns na h-Eileanan Siar. Ceangailte ri Uibhist a Tuath agus Beinn na Faoghla le cabhsair, tha aon rathad singilte a’ ceangal nam bailtean croitearachd agus iasgach ri chèile. Bha a’ choimhearsnachd sna naidheachdan as t-samhradh air sàilleibh leasachaidhean sòisealta agus eaconamach. ’S e seo a’ chiad choimhearsnachd eileanach ultra-luath sa Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan. Faodaidh na 113 taighean ann an Griomasaigh seirbheisean òrdachadh airson 1Gbps a lìbhrigeadh – mu 18.5 uiread cuibheas-meadhain na RA de 54 Mbps. Chaidh seo a thoirt a-steach tron phròiseact Bann-leathann Fìor-luath Alba Dhidseatach (DSSB). Mus robh am prògram fibre seo ann cha robh an cothrom aig Griomasaigh, no an sgìre nas fharsainge far a bheil Beinn na Faoghla, Uibhist a Deas agus Uibhist a Tuath, air bann-leathann àbhaisteach agus bha iad air an ceangal tro lìonra rèidio no saideal.

Page 50: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan48

Amas Ro-innleachdail 6

Airson ceangailteachd dhidseatach a leasachadh nì sinn na leanas:

Lìbhrig cruth-atharrachadh ann an càileachd ceangailteachd dhidseatach thairis air na h-eileanan.

Dèan cinnteach gun tèid ceangailteachd gigabit a thabhann do dh’àiteachan sònraichte sna h-eileanan, tro R100, le iomadh coimhearsnachd eile a’ faighinn cothrom nuair a thèid cùmhnantan a dhearbhadh.

Iarr air Riaghaltas na RA prìomhachas a chur air inbheisteadh ann an eileanan na h-Alba mar phàirt de am planaichean airson sgaoileadh iomlan fibre ro 2025.

Iarr air Ofcom beachdachadh air na dùbhlain a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach ann a bhith a’ dealbh riaghladh agus poileasaidh conaltraidh didseatach. Cuir coinneamh air dòigh eadar Ofcom agus riochdairean nan eilean airson beachdachadh air mar a dh’fhaodadh luathain riaghlaidh (mar ròpan speactraim) cuideachadh le leasachadh fòn-làimhe agus bann-leathann sna na h-eileanan agus gus dèanamh cinnteach gu bheil feumalachdan nan eilean air an riochdachadh dhan Roinn airson Didseatach, Cultar, Meadhanan agus Spòrs (DCMS) ann am poileasaidh nàiseanta na RA.

Tro Ionad 5G na h-Alba, a’ togail air deuchainnean 5G Dùthchail a tha a’ gabhail àite ann an Arcaibh, agus ag obair còmhla ri com-pàirtichean mar Ofcom, cuiridh sinn argamaidean air adhart airson cleachdadh 5G ann an sgìrean dùthchail’ airson aghaidh a chur ris an sgaradh didseatach a’ cleachdadh teicneòlas 5G.

Obraich còmhla ri com-pàirteachasan seasmhachd agus companaidhean tele-conaltradh airson am brosnachadh gus fòcas a chur air ceanglaichean dàta gu agus bho na h-eileanan.

Cruthaich prògram sgilean air a dhealbh le coimhearsnachdan eileanach a rèir am feumalachdan.

Leudaich clubaichean còdaidh agus prògraman ion-ghabhalta didseatach sna h-eileanan.

Page 51: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

49Plana Nàiseanta nan Eilean

Bu chòir gum bi seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta a bhith cho ionadail ’s as urrainn airson muinntir na h-Alba air fad, ge brith càite a bheil iad a’ fuireach. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil an t-atharrachadh tha a’ tighinn air cùram agus toinnteachd fheumalachdan nan dùbhlain a dh’fheumar fhuasgladh airson gum bi cùram-slàinte cothromach agus ruigsinneach aig eileanaich. Le bhith a’ cur fòcas air modail a tha nas co-cheangailte agus ro-aithneachadh, stèidhichte sa choimhearsnachd, ag amas air cùram agus taic a leasachadh airson gum bi beatha dhaoine nas gnìomhaiche agus nas fhallaine sa choimhearsnachdan. Airson slàinte agus cùram sòisealta a bhith ag obair còmhla, feumar ath-dhealbhadh a dhèanamh airson gun urrainn dhuinn cumail oirnn a bhith ath-leasachadh chùisean a rèir feumalachdan agus roghainnean dhaoine agus choimhearsnachdan, stèidhichte air fìor thuigse mun choimhearsnachd.

Tha an cothrom air deagh sheirbheisean slàinte agus cùram sòisealta bunaiteach do dh’eileanan na h-Alba agus tha e cudromach airson àireamhan-sluaigh a chumail suas agus gus daoine ùra a thàladh. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil còir aig a h-uile duine ann an Alba, eileanaich nam measg, air an ìre as àirde de shlàinte fiosaigeach agus inntinn. Airson dèanamh cinnteach gu bheil seirbheisean slàinte agus cùram sòisealta ri fhaighinn agus aig àrd-ìre, feumaidh sinn togail air na frèaman-obrach poileasaidh a th’ againn an-dràsta airson slàinte agus cùram ann an Alba, airson gum bi seirbheisean seasmhach ann a tha sàbhailte, èifeachdach agus stèidhichte air daoine. Tha seo a’ gabhail a-steach Ro-innleachd Càileachd, Ro-innleachd Nàiseanta Clionaigeach, Plana Lìbhrigidh Slàinte is Cùram Sòisealta agus Slàinte is Cùram Didseatach.

Thuirt cuid sa cho-chomhairleachadh gun robh seirbheisean slàinte ionadail làidir, mar ospadalan ùra agus seirbhis phearsanta bho dhotairean teaghlaich an sgìre (GPs). Chaidh iomadh deagh iomairt aithneachadh mar eisimpleir, Grubby Huts ann an Sealtainn, a’ cur fòcas air stiogma slàinte inntinn, iomairtean caraidean ann an Leòdhas, Arainn agus Lios Mòr, agus cùram airson daoine nas sine ann am Westray, Barraigh, Bòd, Arainn, Lios Mòr agus Uibhist a Deas.

Dh’aithnich an co-chomhairleachadh cuideachd iomagainean bho eileanaich mu dheidhinn seirbheisean slàinte a’ gluasad dhan mheadhan; an dà chuid a thaobh cothrom air seirbheisean a tha air an gluasad gu tìr-mòr, no gu bailtean air eileanan nas motha. Thuirt cuid nach robh gu leòr de phroifeiseantaich slàinte agus cùraim sòisealta agus gum feumadh an sgilean a riarachadh nas fharsainge ma bha coimhearsnachdan airson gum biodh an cothrom aca air cùram farsaing. Mar eisimpleir, bha cothrom ionadail air seirbheisean cudromach do bhoireannaich a thuirt gun robh aca ri astar fhada a shiubhal airson coinneamh. Bha iad airson gum bi a’ chuid as motha de chùram ri fhaighinn gu h-ionadail, ged a bha iad ag aithneachadh gun robh feum orra a bhith sàbhailte agus seasmhach. Tha dùbhlain a thaobh siubhal ag adhbharachadh gun robh greisean fada air falbh bhon taigh doirbh airson teaghlaichean le clann eile no le dleastanasan a thaobh cùraim.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gealladh gum bi e nas fhasa airson luchd-fulaing bho eucoirean feise agus iad a’ dol tro shlàinte agus ceartas. Tha e cudromach gu bheil iad a’ faighinn cothrom air cùram-slàinte freagarrach agus seirbheisean foireansach meidigeach airson neach sam bith a tha nan luchd-fulaing bho èigneachaidh no ionnsaigh feise, no dìoladh feise chloinne. Tha sinn soilleir gum bu chòir cothrom a bhith aig a h-uile duine air deuchainn

Slàinte, Cùram Sòisealta agus Sunnd

Page 52: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan50

fhoireansach mheidigeach, agus taic nas fharsainge a thaobh cùram-slàinte, ge brith a bheil iad air eucoir a chlàradh. Chaidh Bile nan Seirbheisean Foireansach Meidigeach (Luchd-fulang Eucoirean Feise) (Alba) a thoirt a-steach gu Pàrlamaid na h-Alba san t-Samhain 2019. Tha seo a’ cur dleastanas soilleir air Bùird-slàinte gus seirbheisean foireansach meidigeach a thoirt do luchd-fulaing, agus airson cothrom cunbhalach air “fèin-iomradh” airson gun urrainn dha neach-fulaing cùram-slàinte fhaighinn agus deuchainn fhoireansach meidigeach iarraidh gun a bhith a’ dèanamh aithris do na phoileis an toiseach.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur maoineachadh sònraichte air dòigh airson taic a chur ri luchd-fulaing tro sheirbheisean ‘loidhne-aghaidh’ sònraichte. Tha a’ Mhaoin Shònraichte airson Èigneachadh a’ dèanamh cinnteach gun urrainn do sheirbheisean èigneachaidh ionadail a tha a’ faighinn maoineachadh aig an àm seo leantainn orra le bhith a’ toirt taic do luchd-mairsinn, le bhith a’ maoineachadh ionadan anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil seirbheisean tagraidh cudromach airson fiosrachadh agus taic a thoirt seachad do luchd-fulaing aig gach ìre, agus tha sinn a’ cur taic ri Pròiseact Tagraidh Nàiseanta aig Taic Èiginn Èigneachaidh (NAP). Ann an 2019/20 thug buidseat a’ Cheartais seachad mu £950,000 airson luchd-obrach a stèidheachadh ann an ionadan air feadh Alba, nam measg ann an Arcaibh agus Sealtainn. Faodaidh an luchd-obrach tagraidh seo taic a thoirt do luchd-fulang gus bruidhinn ris a’ phoileas, a dhol gu coinneamhan mu dheidhinn a’ phròiseis ceartais còmhla riutha, a’ dol dhan chùirt còmhla riutha agus taic a thoirt dhaibh tron phròiseas.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ beachdachadh air co-ionannachd chothroman airson seirbheisean agus taic airson luchd-mairsinn fòirneart a thaobh gnè air feadh na dùthcha, agus cumaidh sinn oirnn ag èisteachd ri luchd-fulaing agus an teaghlaichean agus a’ beachdachadh air leasachaidhean sam bith eile a dh’fhaodamaid dèanamh.

Tha comhairlichean-leighis agus ionadan leighis uile a-nis stèidhichte a ir tìr-mòr, a’ ciallachadh gu bheil mòran iomagain ann, gu h-àraidh airson teaghlaichean le clann òga agus na daoine nas sine. Chan eil càr aig a h-uile duine airson siubhal gu coinneamhan. (Neach-freagairt, Arainn)

Page 53: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

51Plana Nàiseanta nan Eilean

Feumaidh diofar sgilean a bhith aig dotairean-teaghlaich agus nursaichean coimhearsnachd air eileanan na an fheadhainn a tha ag obair ann an suidheachaidhean nas bailteil. Bidh an obair nas fharsainge agus bidh iad nas trice ag obair leotha fhèin. A bharrachd air seo, air eilean beag, dh’fhaodadh iad a bhith a’ fuireach a bhith air an ghairm 24/7 airson seachdainean aig aon àm. Tha an Cùmhnant Sheirbheisean Coitcheann Meidigeach 2018 a’ stèidheachadh dòigh-siubhail ùr airson dotaireachd teaghlaich ann an Alba, airson gum bi e nas fhasa do dh’euslaintich an t-seirbhis faighinn, airson aghaidh a chur ri neo-ionannachdan slàinte, a’ leasachadh slàinte a’ phobaill, agus a’ lùghdachadh meud-obrach aig na dotairean le bhith a’ leudachadh an sgioba ioma-chuspaireil airson prìomh-chùram. Ach tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil dùbhlain shònraichte mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach ann a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheisean cùraim, gu h-àraidh ann a bhith a’ fastadh agus a’ glèidheadh luchd-obrach clionaigeach, agus ann a bhith a’ lìbhrigeadh seirbhis seasmhach.

Stèidhich Riaghaltas na h-Alba Buidheann-obrach airson Dotaireachd Teaghlaich Iomallach agus Dùthchail, fo stiùir Sir Lewis Ritchie, san Ògmhios 2018 airson comhairle agus molaidhean a thoirt seachd air dòighean gus dèanamh cinnteach gu bheil beachdan luchd-obrach clionaigeach agus coimhearsnachdan eileanach air an aithneachadh nas fheàrr ann an leasachadh poileasaidh prìomh-chùraim. Tha a’ Bhuidheann a’ cur taic ri iomairtean mar “Golden Hellos” (airgead airson daoine a bhrosnachadh gus obair ann an coimhearsnachdan iomallach agus dùthchail), Ath-lorg an Sonas ann an Dotaireachd Teaghlaich (Rediscover the Joy in General Practice), prògram airson dotairean a thàladh a dh’obair ann an Arcaibh, Sealtainn, na h-Eileanan an Iar agus air a’ Ghàidhealtachd le bhith a’ cruthachadh dhreuchdan gu sònraichte airson an tagraiche, a bharrachd air a bhith a’ maoineachadh leasachaidhean didseatach mar Frithealaich an Àite sam Bith (NHS Faisg Orm), prògram a tha a’ cur taic ri stèidheachadh teicneòlas agus trèanadh airson gun urrainn dha coinneamhan meidigeach a bhith air bhideo air-loidhne gun a bhith a’ siubhal.

Sa chiad bliadhna, tha a’ Bhuidheann air bruidhinn ri iomadh coimhearsnachd thairis air Alba. Tha na beachdan air sealltainn gu bheil solaran slàinte dùthchail a’ toirt seachad fìor dheagh chùram a dh’aindeoin nan dùbhlan le bhith a’ gabhail ri fuasglaidhean adhartach, innleachdail agus ag atharrachadh dhreuchdan clionaigeach airson a dhèanamh nas fhasa daoine fhastadh is a chumail. Tha a’ Bhuidheann a’ beachdachadh air dòighean gus ionad nàiseanta airson sàr-mhathais a stèidheachadh airson slàinte agus cùram sòisealta iomallach, dùthchail agus eileanach, a thogas lìonraidhean agus a roinneas eòlas le dùthchannan eile far a bheil dùbhlain mu choinneamh lìbhrigeadh deagh chùram-slàinte airson daoine a tha a’ fuireach air eileanan na h-Alba.

Tha sluagh eileanan na h-Alba a’ fàs nas sine. Ann an 2011, bha 21 sa cheud (21,600) de mhuinntir nan eilean aois 65 no na bu sine, fàs de 2.5% bho 18 sa cheud a bh’ ann ann an 2001. Aig ìre nàiseanta, bha 17 sa cheud den phoball aois 65 no na bu sine ann an 2011. Tha fios againn gu bheil a’ chuid as motha de dhaoine na bu sine airson fuireach nan dachaighean fhèin, ach tha eileanaich air innse dhuinn gu bheil an gainnead de chùram-dachaigh agus taighean-cùraim a’ ciallachadh gu bheil aig cuid de luchd-còmhnaidh na bu sine ris an eilean fhàgail. Mar sin, tha dualchas agus cultar nan seann daoine a’ dol a chall bhon choimhearsnachd, agus tha sgaradh eadar teaghlaichean agus an càirdean na bu sine.

Page 54: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan52

Tha Tagsa Uibhist, buidheann shaor-thoileach anns na h-eileanan mu dheas de na h-Eileanan Siar, a’ toirt taic do luchd-cùraim, daoine a tha a’ fulang le dementia agus daoine so-leònte, a’ leigeil le eileanaich fuireach nan dachaighean fhèin cho fad ’s a tha iad ag iarraidh agus ’s a tha e comasach dhaibh. Tha a’ bhuidheann cuideachd a’ cruthachadh co-ionadan Fàs Coimhearsnachd thairis air na h-eileanan mar phàirt de Mhaoin Dùbhlan na Gnàth-shìde aig an Riaghaltas. https://www.tagsauibhist.co.uk

Chaidh slàinte-inntinn ainmeachadh gu tric sa cho-chomhairleachadh mar chuspair cudromach a tha gu tric air dhearmad agus nach bi a’ faighinn maoineachadh freagarrach a thaobh sunnd agus slàinte nan eilean. Ged a tha deagh eisimpleirean ann de sheirbheisean agus iomairtean mar HebAlpha ann an Leòdhas a tha a’ cuideachadh dhaoine a tha a’ fulang le ro-dhèidheileachd, tha am Plana ag aithneachadh gu bheil feum air cùram slàinte-inntinn freagarrach nar n-eileanan a tha a’ beachdachadh air cho eadar-dhealaichte ’s a tha gach coimhearsnachd.

Tha Mind Your Head a’ toirt seirbhis an-asgaidh do luchd-fastaidh ionadail ann an Sealtainn, leis an t-ainm Seiseanan Grubby Hut, far a bheil luchd-obrach a’ tadhal air àitean-obrach airson bruidhinn ri luchd-obrach mu dheidhinn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ coimhead às dèidh do shlàinte-inntinn fhèin, agus aig do cho-obraichean. https://www.mindyourhead.org.uk

Tha sunnd aig cridhe a’ Phlana agus tha sinn airson gum bi daoine sna h-eileanan comasach roghainnean a dhèanamh a tha gan cumail fallain, gu fiosaigeach agus san inntinn. Ged a tha an àrainneachd nàdarra air aithneachadh ann am Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 3, tha ar dòigh-obrach a thaobh leasachaidhean ùra fhathast a’ cur taic ri àiteachean airson clann a bhith a’ cluich gu sàbhailte, àiteachean airson spòrs agus àiteachean air an deagh dhealbhadh airson a bhith co-cheangailte le coiseachd, rothaireachd agus còmhdhail phoblach.

Fo Achd a’ Phlanaidh (Alba) 2019, nuair a thèid an earrann bhuntainneach a chur an gnìomh, bidh aig ùghdarrasan planaidh ri ro-innleachdan a thaobh àiteachan fosgailte ullachadh agus fhoillseachadh. Mìnichidh iad seo frèam-obrach airson poileasaidhean agus molaidhean airson leasachadh glèidheadh agus cleachdadh bun-structar uaine san sgìre. Bidh aca ri sgrùdadh a dhèanamh air àiteachan fosgailte a th’ aca mu thràth, agus measadh a dhèanamh air feumalachdan a th’ aca agus a bhios aca. Tha an Achd cuideachd a’ cur dleastanas ùr air ùghdarrasan planaidh measadh a dhèanamh air foghainteachd chothroman cluiche a th’ ann airson clann san sgìre, airson buaidh a thoirt air a’ phlana leasachaidh ionadail.

Page 55: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

53Plana Nàiseanta nan Eilean

Sa cho-chomhairleachadh, thuirt eileanaich dhuinn gun robh ionadan spòrs tric air an cleachdadh mar cho-ionadan coimhearsnachd, a’ leasachadh slàinte bodhaig agus inntinn eileanaich. Tha am prògram Co-Ionad Spòrs Coimhearsnachd a’ toirt còmhla clubaichean spòrs agus buidhnean coimhearsnachd airson spòrs a chur air adhart agus a bhrosnachadh aig ìre ionadail. Tha Co-ionadan Spòrs Coimhearsnachd ann an iomadh eilean mu thràth. Tha Riaghaltas na h-Alba den bheachd nach bu chòir cnapan-starra sam bith a bhith ann mu choinneamh a bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs agus gnìomhachd fiosaigeach – bu chòir don chothrom a bhith aig a h-uile duine a bhith gnìomhach, ge brith càite a bheil iad, cò iad, agus cò às a tha iad.

Tha ar Frèam-obrach Bhunaitean Alba Ghnìomhach ag innse na lèirsinn agus amasan a chaidh a dhealbh gus dòigh-obrach a stèidheachadh airson Riaghaltas na h-Alba agus iomadh buidheann eile, agus iad a’ brosnachadh dhaoine ann an Alba a bhith nas gnìomhach. Tha am Frèam-obrach seo a’ faighinn taic bho ar Plana Lìbhrigidh Alba Ghnìomhach a tha ag amas air lùghdachadh ann an neo-ghnìomhachd ann an inbhich is deugairean le 15 sa cheud ro 2030 tro dhòighean-obrach farsaing mar mhaoineachadh airson siubhal, taic airson spòrs foirmeil agus gnìomhachd fiosaigeach neo-fhoirmeil, agus co-obrachadh thairis air na raointean còmhdhail, foghlam, slàinte agus planadh.

Page 56: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan54

Amas Ro-innleachdail 7

Airson slàinte agus sunnd a leasachadh is a bhrosnachadh, nì sinn na leanas:

Obraich còmhla ri bùird NHS, ùghdarrasan ionadail agus com-pàirteachasan slàinte agus cùram sòisealta airson a bhith cinnteach gu bheil slàinte agus cùram sòisealta cothromach agus ruigsinneach airson eileanaich.

Aithnich agus brosnaich deagh chleachdaidhean, gu h-àraid ann an leasachadh sheirbheisean air eileanan agus ann an sgìrean iomallach eile.

Cuir taic ri leudachadh NHS Faisg Orm/Frithealaich an Àite sam Bith, agus iomairtean slàinte didseatach eile, airson siubhal gun fheum a lùghdachadh agus airson leigeil le barrachd cùraim a bhith air a lìbhrigeadh ann an eileanan.

Obraich còmhla ri luchd-ùidhe airson molaidhean a chruthachadh airson ionad nàiseanta airson sàr-mhathais ann an slàinte agus cùram sòisealta ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach.

Obraich còmhla ri luchd-ùidhe airson dèanamh cinnteach gun dèan sinn plana airson taic a chur ri muinntir choimhearsnachdan eileanach a tha a’ fàs nas sine airson an cuideachadh gus fuireach gnìomhach, ceangailte, an lùib chùisean agus le deagh chothroman freagarrach.

Cuir taic ri ùghdarrasan ionadail airson goireasan spòrs a leasachadh sna h-eileanan a tha freagarrach airson feumalachdan nan coimhearsnachdan.

Brosnaich pàirt a ghabhail ann an spòrs agus gnìomhachd fiosaigeach le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil prògraman nàiseanta mar Sgoiltean Gnìomhach agus Co-ionadan Spòrs Coimhearsnachd freagarrach airson coimhearsnachdan eileanach, agus a’ cumail a’ dol le Sgeama nan Duais Siubhail airson Luchd-spòrs Eileanach.

Obraich còmhla ri Comhairle Arcaibh agus com-pàirtichean eile airson Geamaichean nan Eilean 2023 ann an Arcaibh a chleachdadh airson leasachadh spòrs a neartachadh air an eilean.

Obraich còmhla ri ar com-pàirtichean airson cur às dha leth-bhreith mì-laghail, sàrachadh agus fulang agus gabh ceumannan airson cuideachadh le brosnachadh co-ionannachd agus freagairt air diofar fheumalachdan dhaoine.

Lìon beàrnan dàta sam bith a th’ ann co-cheangailte ri co-ionannachd, slàinte agus sunnd, mar eisimpleir, airson boireannaich agus nigheanan, màthaireachd, ath-bhuileachadh gnè agus taobhadh feise.

Beachdaich air ar co-chomhairleachadh mu dheidhinn cùram taobh a-muigh na sgoile, agus na beachdan bho phàrantan air na dùbhlain mu choinneamh cothroman cùram-chloinne agus na th’ ann airson clann aois sgoile ri dhèanamh ann an coimhearsnachdan eileanach. Thèid na beachdan seo a chleachdadh airson cur ri cruthachadh frèam-obrach ro-innleachdail san àm ri teachd a thèid fhoillseachadh ro dheireadh an t-seisein phàrlamaidich seo.

Page 57: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

55Plana Nàiseanta nan Eilean

Amas Ro-innleachdail 7

Airson slàinte agus sunnd a leasachadh is a bhrosnachadh, nì sinn na leanas:

Dèan cinnteach gu bheil seirbheisean slàinte, cùram sòisealta agus sunnd ri fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig airson taic a chur ri coimhearsnachdan eileanan far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn.

Dèan cinnteach gu bheil ar miann-adhartais airson cuir às dha bochdainn chloinne ag obair còmhla ris a’ Phlana le bhith ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail eileanach agus bùird slàinte airson togail air an tuigse mu dheidhinn bochdainn cloinne nan sgìrean – a’ cuideachadh oidhirpean airson teaghlaichean a thogail a-mach à bochdainn agus a’ toirt lasachadh air na droch bhuaidhean a tha air a bhith aice.

Obraich le com-pàirtichean nàiseanta, a’ co-roinn deagh chleachdaidhean bho air feadh Alba a dh’fhaodadh a bhith iomchaidh airson bochdainn cloinne nar coimhearsnachdan eileanach.

Obraich còmhla ri eileanaich, a’ cur far as urrainn dhuinn ri cruthachadh dùthaich a tha nas cothromaich, nas fhallaine, nas toilichte tro obair buidheann Riaghaltasan Eaconamaidh Sunnd (WEGo).

Obraich le ar com-pàirtichean airson beachdachadh air iomadh roghainn airson a bhith cinnteach gu bheil cùram slàinte-inntinn freagarrach ri fhaighinn, agus ag aithneachadh gu bheil gach coimhearsnachd eileanach eadar-dhealaichte.

Page 58: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan56

Tha èiceo-shiostaman cladaich, mara agus a-staigh san tìr a’ toirt stòrasan nàdarra luachmhor agus seirbheisean cultarach do dh’eileanaich agus sluagh na h-Alba air fad. Tha iad cuideachd cudromach airson luchd-turais a thàladh, le seallaidhean agus cruth-tìre am measg nan adhbharan as cumanta airson carson a thàinig iad.

Tha iomadh eilean ann an Alba stèidhichte gu traidiseanta air bith-thèarainteachd mara agus cladaich airson biadh, gnìomhachas agus còmhdhail. Le brùthadh àrainneachdail a’ fàs, tha siostaman eileanach a’ dol an aghaidh dùbhlain an-diugh agus san àm ri teachd. Tha eileanaich cuideachd ag aithneachadh gu bheil e cudromach na stòrasan nàdarra seo a dhìon. Bhruidhinn iomadh eileanach mu dheidhinn na h-àrainneachdan, cruthan-tìre agus seallaidhean sna h-eileanan sa cho-chomhairleachadh.

Tha Urras Grunnd na Mara Coimhearsnachd Arainn (COAST) ag obair air pròiseactan a tha a’ brosnachadh gnìomhachas-èisg agus tuathanachas-uisge a tha seasmhach. Tha iad airson gum bi àrainneachd mara lìonmhor agus àlainn ann airson a h-uile duine ann an Arainn, a’ Chluaidh agus Alba. https://www.arrancoast.com

Tha àrainneachd air eileanan gu tric ceangailte ri sochairean sòisealta agus cultarach, le luchd-freagairt gu tric a’ bruidhinn air cho sàmhach ’s a tha e, agus air an dòigh-beatha shaorsnail a th’ aca air an eilean. Sa cho-theacsa seo, ’s e deagh àiteachan a th’ anns na h-eileanan airson a bhith a’ togail chloinne.

Nuair a tha mi air falbh tha mi ag ionndrainn nàdar. Tha an tìr beò. Ma tha thu ag aithneachadh a sholas beòthail, tha thu a’ cur barrachd meas san àite às a bheil thu. (Neach-freagairt, Hoy)

Tha an àrainneachd mar phàirt chudromach de leas eaconamach choimhearsnachdan eileanach. Tha an co-theacsa àrainneachdail agus a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde cudromach ann a bhith ag atharrachadh na h-eaconamaidh agus a’ cruthachadh obraichean seasmhach. Togaidh buileachadh a’ Phlana air poileasaidhean uaine a th’ ann mu thràth, mar Dùbhlan 2020 airson Bith-Iomadachd na h-Alba a tha a’ toirt a-steach ro-innleachd airson glèidhteachas agus leasachadh bith-iomadachd ann an Alba, Plana Nàiseanta Talamh Mònach, Ro-innleachd na h-Alba airson Eaconamaidh Cuairteach agus ar targaidean àrd-amasach airson sgudal agus ath-chuairteachadh.

Leas Àrainneachdail agus Bith-thèarainteachd

Page 59: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

57Plana Nàiseanta nan Eilean

’S e Alba a’ chiad dùthaich san RA a tha air planaichean fhoillseachadh airson Sgeama Tasgaidh agus Tilleadh (DRS) airson soithichean òl aon-chleachdadh. Tha an sgeama a’ gabhail a-steach iomadh seòrsa stuth agus ag amas air ìre tillidh de 90 sa cheud. Tha sgudal agus dòighean ath-chuairteachaidh mar phàirt chudromach de chòmhraidhean mun àrainneachd.

Chan eil airgead gu leòr ann airson cuidhteachadh sgudail, agus tha seo a’ dol an aghaidh Riaghaltas a tha airson a ràdh gu bheil iad air thoiseach a thaobh cùisean àrainneachdail. (Neach-freagairt, Tiriodh)

Bidh sinn cuideachd a’ dìon agus ag adhartachadh gach làrach ainmichte. Faodar milleadh a dhèanamh air sunnd àrainneachdail mura tèid aire a thoirt do bhith-thèarainteachd. Tha eileanan na h-Alba nan èiceo-shiostaman cugallach a tha air leth cudromach a thaobh fiadh-bheatha ann an co-theacsa na RA agus na Roinn Eòrpa, a tha gu math buailteach do ghnèithean neo-dhùthchasach ionnsaigheach. Bho shealladh mara, bidh am Plana a’ togail air, agus a’ co-thaobhadh ris, far a bheil e comasach, am Plana Mara Nàiseanta a tha ag iarraidh cuantan glan, fallain, sàbhailte, torach agus eadar-mheasgte air an riaghladh gus na feumalachdan fad-ùine aig nàdar agus aig dhaoine a choileanadh. Ann an sgìrean eile, tha Dualchas Nàdair na h-Alba air pròiseactan soirbheachail a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhith a’ cur às do radain dhubha air na h-Eileanan Seunta agus gus neasan a thoirt air falbh bho eileanan Arcaibh gus àireamhan fiadh-bheatha dùthchasach a dhìon. Tha a’ Bhuidheann Gnìomh Gnèithean Neo-dhùthchasach aig Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba air beagan obrach a dhèanamh gus gnèithean a tha nan cunnart mòr do choimhearsnachdan eileanach a chomharrachadh agus cumaidh iad orra ag obair gus fiosrachadh poblach àrdachadh mu bhith a’ lughdachadh gluasadan gnèithean ionnsaigheach air na slighean sin.

Tha e cuideachd riatanach gun tèid na h-eadar-eisimeileachdan eadar leasachadh sòisealta agus eaconamach agus sunnd àrainneachd a choileanadh gus dèanamh cinnteach à dìon àrainneachd seasmhach. Tha àrainneachd fhallain deatamach cuideachd airson sunnd agus airson urram a thoirt do dhìon agus coileanadh chòraichean daonna.25 Ged a tha coltas ann gu bheil cruth-atharrachadh nas làidire aig còmhdhail, ceangal didseatach agus taigheadas, mura h-urrainn do dh’eilean dèiligeadh ris an sgudal aige ann an dòigh sheasmhach, no ma bhios na h-uisgeachan aice air an truailleadh, bidh nas lugha de dhaoine airson a bhith a’ fuireach, a’ gluasad no a’ tadhal air an eilean. A bharrachd air an sin, feumaidh na cùisean sin uile beachdan bhon choimhearsnachd airson a bhith cinnteach gu bheil ion-ghabhail ann, agus co-cheangailte ris na raointean gu h-àrd airson gum bi seasmhachd ann.

25  Ann an aithisg san Dùbhlachd 2018, dh’aithnich Buidheann Comhairleachaidh a’ Phrìomh Mhinistear air Ceannas Còraichean Daonna gu sònraichte cho cudromach ’s a tha còraichean àrainneachdail, maille ri còraichean sìobhalta, poilitigeach, sòisealta agus cultarach. Thèid molaidhean na buidhne a thoirt air adhart le Buidheann-gnìomh Nàiseanta: https://humanrightsleadership.scot/wp-content/uploads/2018/12/First-Ministers-Advisory-Group-on-Human-Rights-Leadership-Final-report-for-publication.pdf

Page 60: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan58

Amas Ro-innleachdail 8

Airson leas àrainneachdail a chur air adhart agus a bhrosnachadh, agus airson dèiligeadh ri bith-thèarainteachd, nì sinn na leanas:

Dìon bith-thèarainteachd nan eilean.

Beachdaich air bith-thèarainteachd ann an dòigh iomlanach, chan ann a-mhàin airson cur ri leas àrainneachdail, ach cuideachd ri leasachadh eaconamach seasmhach air eileanan na h-Alba.

Stèidhich fòram eileanach, tro Neoni Sgudal Alba, mar phàirt de bhuileachadh an Sgeama Tasgadh is Tilleadh, airson dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh air cùisean eileanach (agus coimhearsnachdan dùthchail). Bidh am Fòram seo a’ cur taic ri ar planaichean reachdail airson an sgeama agus nì iad cinnteach gu bheil na prìomh chuspairean airson coimhearsnachdan eileanach mar phàirt den phròiseas planaidh.

Obraich còmhla ri coimhearsnachdan eileanach air mar a chuireas iad ris an eaconamaidh chuairteach tro sgeamaichean pìleat beaga gus taic a chur ri obair bìdhe ionadail.

Cum a-dol leis a’ Mhaoin Bunstructar Turasachd Dùthchail, a tha air cuideachadh a thoirt do choimhearsnachdan eileanach tro stèidheachadh bhun-structar airson lasachadh a thoirt do bhuaidhean turasachd, a’ cuideachadh coimhearsnachdan agus àrainneachd nan eilean.

Obraich còmhla ri Buidheann-gnìomh Gnèithean Neo-dhùthchasach aig Ro-innleachd Bith-iomadachd na h-Alba airson fiosrachadh a sgaoileadh mu dheidhinn a bhith a’ lùghdachadh ghnèithean neo-dhùthchasach bho bhith a’ gluasad air eileanan.

Obraich còmhla ri com-pàirtichean airson fuasglaidhean a dhealbh an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde tro nàdar agus le iomadh sochair, mar eisimpleir dìon agus ath-nuadhachadh talamh monadh agus boglaich salainn.

Page 61: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

59Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha cùis-èiginn cruinneil ann a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde. Tha Riaghaltas na h-Alba air thoiseach ann a bhith a’ freagairt ris an dùbhlan seo. Tha Achd Atharrachadh na Gnàth-shìde (Targaidean Lùghdachaidh Eimiseanan) (Alba) 2019 a’ suidheachadh targaid gum bi eimiseanan aig ìre neoni ro 2045, còig bliadhna air thoiseach air a’ chòrr den RA. Tha seo an urra ris a’ chomhairle a thaobh na h-ìre “as àirde” a chaidh ainmeachadh fo aonta Paris. Tha ar targaid de 2030 airson lùghdachadh 75 sa cheud a’ dol nas fhaide na tha Aithisg Shònraichte 2018 aig an IPCC ag ràdh a tha riatanach thairis air an ath deichead airson stad a chur air blàthachadh nas motha na 1.5°C. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ath-sgrùdadh a Phlana Atharrachadh na Gnàth-shìde airson gum bi e a rèir nan targaidean ùra agus thèid seo fhoillseachadh ro dheireadh a’ Ghiblein 2020.

Ged a tha lughdachadh sgaoilidhean riatanach, feumaidh sinn cuideachd ullachadh airson na h-atharrachaidhean clìomaid a tha glaiste a-cheana. Tha sinn mu thràth a’ faicinn blàthachadh ann an Alba, le tachartasan sìde nas miosa agus ìrean mara ag èirigh. Mar dhùthaich, feumaidh sinn gabhail ris na h-atharrachaidhean sin. San t-suidheachadh seo, agus gus a bhith seasmhach dha-rìribh, togaidh cur an gnìomh a’ Phlana air, agus co-thaobhaidh e ri, far a bheil sin comasach, geallaidhean, poileasaidhean agus ro-innleachdan atharrachadh clìomaid nas fharsainge na h-Alba, a bharrachd air na sgeamaichean co-cheangailte ri lùth a th’ ann mu thràth.

San t-Sultain am-bliadhna, dh’ fhoillsich Riaghaltas na h-Alba Dàrna Prògram Atharrachadh Clìomaid na h-Alba, a’ toirt cunntas air mar as urrainn do dh’Alba a bhith na dùthaich a tha deiseil a thaobh na gnàth-shìde anns an èiginn gnàth-shìde seo. Tha am Plana seo a’ toirt a-steach grunn mholaidhean a dh’obraicheas gus seasmhachd choimhearsnachdan eileanach àrdachadh ann an atharrachadh clìomaid. Mar eisimpleir, a’ toirt mion-fhiosrachadh air poileasaidhean agus co-obrachaidhean a bheir taic do bhith ag atharrachadh gnìomhachas tuathanachas-uisge agus iasgach na h-Alba; ag obair le raon de luchd-ùidh gus plana gnìomh a chruthachadh gus sùbailteachd thogalaichean a tha ann an cunnart tuile a leasachadh; agus a’ coimhead airson dòighean gus taic agus neartachadh a thoirt air seirbheisean ath-chuairteachaidh agus sgudal bìdh ann an coimhearsnachdan eileanach. Bho shealladh lùth, bidh buileachadh a’ Phlana a’ beachdachadh air sgeamaichean maoineachaidh leithid a’ Mhaoin Tasgadh Cumhachd, Maoin-Dùbhlain Cumhachd Làn-mara Saltire (Saltire Tidal Energy Challenge Fund) agus a’ dol an sàs, far a bheil sin comasach, leis a’ Phrògram Eadar-ghluasaid Bun-structair Beag-charboin.

Gus a’ phàirt a nochdadh a dh’ fhaodadh a bhith aig gnìomh coimhearsnachd air an t-slighe gu sgaoilidhean lom-neoni, dh’ainmich Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Àrainneachd, Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Ath-leasachadh Fearainn san t-Samhain gu bheil sinn an dùil lìonra de mhòr-ionadan gnìomh gnàth-shìde coimhearsnachd a stèidheachadh, a’ toirt a-steach fear gu sònraichte airson ar n-eileanan. Cuidichidh mòr-aonadan nan eilean, airson am bi am pròiseas solarachaidh a’ tòiseachadh sa gheamhradh seo, lìonrachadh nas fheàrr eadar buidhnean coimhearsnachd agus cuiridh e dòigh-obrach aonaichte an comas a thaobh gnìomh gnàth-shìde coimhearsnachd a tha a’ nochdadh nan suidheachaidhean, nan dùbhlan agus nan cothroman coitcheann ann an coimhearsnachdan eileanach.

Atharrachadh na Gnàth-shìde agus Cumhachd

Page 62: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan60

Tha sinn dòchasach gun obraich am Plana seo an cois oidhirpean an dà chuid ann an atharrachadh agus lasachadh atharrachadh gnàth-shìde, gus coimhearsnachdan eileanach seasmhach agus deiseil airson gnàth-shìde a chruthachadh agus gus dèanamh cinnteach gu bheil pàirt iomlan aig na coimhearsnachdan sin ann an turas na h-Alba gu sgaoilidhean lom-neoni taobh a-staigh aon ghinealach. Nuair a bhios sinn a’ dealbhadh ar Clàr Buileachaidh, nì sinn cinnteach gu bheil a h-uile gnìomh a thaobh Plana nan Eilean, thar gach amas ro-innleachdail, a rèir geallaidhean atharrachadh gnàth-shìde Riaghaltas na h-Alba.

Obraichidh sinn gu dlùth le prìomh luchd-ùidh gus dèanamh cinnteach gu bheil làn ghuthan nan eileanach air an cluinntinn, a’ gabhail a-steach mar phàirt de ghnìomhachd Riaghaltas na h-Alba anns an ùine suas gu agus aig na còmhraidhean gnàth-shìde eadar-nàiseanta ann an Glaschu ann an 2020; a ’coileanadh eadar-ghluasad dìreach gu neoni-neoni, agus gu bheil eileanan a’ faighinn buannachd bhon iomadh cothrom a tha co-cheangailte ri eaconamaidh uaine agus seasmhach.

Tha Ro-innleachd Coilltearachd Riaghaltas na h-Alba (2019-2029) a’mìneachadh sealladh 50 bliadhna airson barrachd chraobhan agus choilltean a bhith air feadh Alba. Tha an ro-innleachd a’ toirt seachad frèam gnìomh 10-bliadhna gus taic a thoirt do lìbhrigeadh grunn de phrìomhachasan an Riaghaltais a’ gabhail a-steach dèiligeadh ri èiginn gnàth-shìde na cruinne, fàs ar eaconamaidh dùthchail agus cur ri bith-iomadachd. Gus cuideachadh le bhith a’ toirt an sealladh seo gu buil foillsichidh an Riaghaltas plana buileachaidh nas mionaidiche ro 1 Giblean 2020.

Tha coilltean nam maoinean cudromach agus luachmhor anns na h-Eileanan. Tha iad a’ toirt a-steach raon de dhiofar sheòrsaichean coille, leithid na criomagan a tha air fhàgail de choilltean dùthchasach, coilltean coimhearsnachd agus croitean agus coilltean torrach nas motha. Obraichidh Riaghaltas na h-Alba le coimhearsnachdan, croitearan, tuathanaich, sealbhadairean fearainn agus roinn na coilltearachd gus an raon de bhuannachdan eaconamach, sòisealta agus àrainneachd a tha coimhearsnachdan eileanach a’ faighinn bho choilltean agus choilltean a mheudachadh, a’ gabhail a-steach le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad air an riaghladh gu seasmhach agus ann an dòighean iomchaidh agus àiteachan.

Chuala sinn iomadh uair sa cho-chomhairleachadh gu bheil eileanaich san t-suidheachadh as fheàrr gus ar cuideachadh le bhith a’ stiùireadh ar n-obair timcheall air Atharrachadh na Gnàth-shìde agus mar sin obraichidh sinn gu dlùth leotha gus dèanamh cinnteach gu bheil na guthan aca air an cluinntinn gu h-iomlan, a’ coileanadh eadar-ghluasad dìreach gu neoni-lom, agus gum bi eileanan buannachd fhaighinn bhon iomadh cothrom a tha co-cheangailte ri eaconamaidh uaine agus seasmhach.

Bidh eileanan beaga ìosal gu h-àraid fo bhuaidh atharrachadh na gnàth-shìde agus àrdachadh na mara. Le atharrachadh na gnàth-shìde, thig barrachd thuiltean agus bleith-chladach, le droch bhuaidh air solar uisge, cruthachadh bìdh, slàinte, turasachd agus teireachdainn àrainnean bheathaichean. A bharrachd air seo, tha eaconamaidhean a’ mhòr-chuid de dh’eileanan an eisimil ri tùsan bhon taobh a-muigh airson biadh, connadh, agus fiù ’s cosnadh, a’ cur ri so-leòntachd eaconamach iomadh eilean. Dh’innis luchd-freagairt dhuinn gu tric gun robh gnìomh a dhìth a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde.

Tha cothroman ann, ge-tà, airson coimhearsnachdan eileanach ceannas a shealltainn ann a bhith a’ coileanadh ar miannan-adhartais a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde. Mar eisimpleir, tha Ionad Cumhachd Mara na h-Eòrpa (European Marine Energy Centre – EMEC) na ionad ainmeil air feadh an t-saoghail stèidhichte air Arcaibh airson innealan cumhachd-tonn agus cumhachd-làn a mheasadh. Tha seo a’ sealltainn mar a tha eileanan air thoiseach a thaobh teicneòlasan ùra agus tùsail. Tha buaidh aig dòighean-obrach airson

Page 63: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

61Plana Nàiseanta nan Eilean

lasachadh agus freagarrachadh ri buaidhean atharrachadh na gnàth-shìde, le barrachd airgead a’ tighinn gu coimhearsnachdan eileanach tro phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail, neo tro dhìon, faighinn air ais, leigheas neo leasachadh stòrasan nàdarra carboin (air fearann neo aig muir), neo le bhith a’ toirt a-steach fuasglaidhean (a’ taghadh fuasglaidhean nàdarrach ma tha roghainn ann) a thaobh bleith-chladach, air an eaconamaidh agus àrainneachd ionadail. A’ leantail bho seo, nam b’ urrainn dhuinn an comas a th’ aig eileanan a thaobh cumhachd le ìre carboin ìosal a ghlacadh air fad, agus dòighean-obrach a leasachadh airson ath-thasgadh sa choimhearsnachd, air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd airson ion-ghabhaltas a bhrosnachadh, dh’fhaodadh buaidh a bhith aig seo a bheir atharrachaidhean mòra air eaconamaidh, goireasan agus sunnd nan coimhearsnachdan.

Tha cùisean làidir ann an-dràsta, agus bidh san àm ri teachd, airson ceanglaichean eadar eileanan agus tìr-mòr a leasachadh neo airson ceanglaichean ùra a chruthachadh airson gun cuidich an cumhachd a thèid a ghineadh air na h-eileanan gus iarrtas nas fharsainge na h-Alba agus na RA a choileanadh, agus airson gun urrainn dha na h-eileanan na prothaidean ath-thasgadh ann an dòigh freagarrach. Tha am Plana a’ moladh cothrom airson deasbad leantainneach le com-pàirtichean ann an Alba agus san RA air mar a dh’fhaodadh do dh’eileanan air feadh Alba a bhith mar ionadan cumhachd ùr-ghnàthach agus air thoiseach a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde, ann an dòighean a tha a’ tachairt mu thràth air cuid de dh’eileanan ann an Alba agus air feadh na Roinn Eòrpa.

Surf ’n’ Turf, Arcaibh – Tha Cumhachd Coimhearsnachd Alba a’ tionndadh cumhachd a bharrachd bho thùsan lain agus gaoithe air Arcaibh gu haidhdreaidean. Tha an haidhdreaidean air a stòradh agus air a ghiùlan air rathad is muir gu bhith air a chleachdadh air Arcaibh nuair a tha feum air. Tha Surf ‘n Turf air maoineachadh fhaighinn bho Mhaoin Dùbhlain Cumhachd Ionadail (Local Energy Challenge Fund – LECF) aig Riaghaltas na h-Alba, a tha na phàird den Sgeama Coimhearsnachd Cumhachd Ath-nuadhachail (Community and Renewable Energy Scheme (CARES) air a lìbhrigeadh le Cumhachd Ionadail Alba (Local Energy Scotland). Tha am pròiseact seo na dheagh eisimpleir de thaic tràth airson iomairtean haidhdreaidean a tha air buaidh a thoirt air mar a tha Arcaibh a’ tàladh barrachd leasachadh air na pròiseactan agus gnìomhachdan cumhachd ùr-ghnàthach. http://www.surfnturf.org.uk

Ged a tha cumhachd ath-nuadhachail air a bhrosnachadh, tha Alba agus iomadh eilean Albannach fhathast nam pàirt den raon ola agus gas. Tha fhathast cothroman san raon seo a tha còir aig eileanan agus coimhearsnachdan eileanach a chleachdadh. Ach, an urra ris na dleastanasan nas fharsainge a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde, feumar brosnachadh siostaman le ìre carboin ìosal mar cumhachd grèine, gaoth, talamh agus adhar. Feumaidh siostaman ola agus gas a bhith cho èifeachdach a thaobh cumhachd ’s a ghabhas, agus feumaidh pàirtean den ghnìomhachas mar dì-choimiseanadh a bhith air am brosnachadh airson gum bi atharrachadh còmhnard ann gu cumhachd ath-nuadhachail. Chaidh aithneachadh sa cho-chomhairleachadh gun robh deagh shochair bho sgeamaichean ath-nuadhachail coimhearsnachd, mar eisimpleir air Tiriodh, Eige, Giogha agus Leòdhas, a bharrachd air na maoinean coimhearsnachd a tha a’ tighinn bho sgeamaichean prìobhaideach ath-nuadhachail.

Page 64: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan62

Mapa a’ sealltainn maoinean cumhachd ath-nuadhachail air eileanan na h-Alba26

Airson a bhith seasmhach, togaidh am Plana air na dleastanasan nas fharsainge aig Alba a thaobh atharrachadh na gnàth-thìde, poileasaidhean agus ro-innleachdan, a bharrachd air sgeamaichean leantainneach a thaobh cumhachd. Mar eisimpleir, bidh pàirt aig eileanan ann a bhith a’ coileanadh Plana Atharrachadh na Gnàth-shìde aig Riaghaltas na h-Alba gum bi ìre neoni eimiseanan ann ro 2045, a’ beachdachadh air Program Freagarrachadh na h-Alba airson Atharrachadh na Gnàth-shìde, agus ionnsaichidh sinn leasanan bho obrachadh Maoin Dùbhlain na Gnàth-shìde. Bho thaobh cumhachd, bidh buileachadh a’ Phlana a’ beachdachadh air sgeamaichean maoineachaidh mar Mhaoin Inbheisteadh Cumhachd, Maoin Dùbhlain Cumhachd-Làin Saltire agus obrachadh còmhla ri Prògram Eadar-ghluasad Bun-structar Ìre Carboin Ìosal (Low Carbon Infrastructure Transition Programme – LCITP).

26 Mapa air a thoirt bho stòr-dàta Urras Caomhnadh Cumhachd (Energy Saving Trust)

Teicneòlas• Cumhachd-grèine PV• Cumhachd-grèine Teasach• Cumhachd bho sgudal• Biomass (fiodh)• Pumpa Teas• Cumhachd-uisge• Cumhachd-gaoithe• Stòradh Cumhachd (Dealan)Comas-stòraidh Suas gu 0.5 MW 0.5 – 2 MW 2 – 5 MW Barrachd na 5 MW

Page 65: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

63Plana Nàiseanta nan Eilean

Amas Ro-innleachdail 9

Gus cuir ri lasachadh buaidhean atharrachadh na gnàth-shìde agus gus cumhachd glan, tèarainte air prìs reusanta a bhrosnachadh, nì sinn na leanas:

Obraich còmhla ri coimhearsnachdan eileanach air am miannan a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde

Obraich còmhla ri coimhearsnachdan eileanach air dòighean eile airson rian a chumail air sgudal, mar phàirt de Ro-innleachd Eaconomaidh Cuairteach na h-Alba.

Obraich còmhla ri ùghdarrasan ionadail airson an cuideachadh gu ruige an targaidean reachdail.

Obraich gu ruige eileanan a tha aig ìre neoni a thaobh eimiseanan agus a tha a’ sealltainn ceannais cruinneil a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde.

Cur an gnìomh planaichean atharrachaidh seasmhach ann an eileanan a tha an cunnart nas motha bho atharrachadh na gnàth-shìde, gan ceangal gu làidir ri planaichean leasachaidh airson nan eileanan sin.

Obraich còmhla ri com-pàirtichean, agus luchd-ùidhe air fad gus molaidhean a lìbhrigeadh a thaobh ceanglaichean dealain ri tìr-mòr na h-Alba.

Obraich còmhla ri Com-pàirteachasan Seasmhachd agus luchd-solarachaidh cumhachd airson am brosnachadh gus fòcas a chur air lìonraidhean solarachaidh cumhachd nan eilean.

Obraich còmhla ri luchd-ùidhe còmhdhail airson gum bi na seirbheisean còmhdhail as èifeachdaiche a thaobh cumhachd agus sàbhailte airson na h-àrainneachd ’s as urrainn thairis air na h-eileanan.

Obraich gus na cothroman a thig le cumhachd ath-nuadhachail a chleachdadh airson lasachadh buaidhean atharrachadh na gnàth-shìde agus airson fàs eaconamach seasmhach agus ion-ghabhalta a bhrosnachadh.

Obraich còmhla ri coimhearsnachdan, croitearan, tuathanaich agus uachdarain airson leasachadh a dhèanamh air coilltean air na h-eileanan, ag aithneachadh amasan nas fharsainge a thaobh cleachdadh fearainn.

Cuir na tèamaichean a thaobh targaidean eimiseanan agus atharrachadh an cois buaidhean atharrachadh na gnàth-shìde aig cridhe ullachadh Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 4.

Cuir taic ri atharrachaidhean ann an gnìomhachas tuathanachas-uisge agus iasgach.

Obraich còmhla ri luchd-ùidhe airson plana gnìomh a chruthachadh airson seasmhachd a leasachadh airson togalaichean a tha an cunnart bho thuiltean.

Obraich còmhla ri ùghdarrasan ionadail airson seirbheisean ath-chuairteachaidh agus sgudal bìdhe a leudachadh ann an coimhearsnachdan eileanach.

Obraich gu dlùth ri prìomh luchd-ùidhe airson dèanamh cinnteach gu bheil guthan eileanaich air an cluinntinn, a’ gluasad gu eimiseanan aig ìre neoni, agus gu bheil eileanan a’ faighinn shochairean bho na cothroman a tha a’ tighinn còmhla ri eaconamaidh a tha uaine agus seasmhach. 

Page 66: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan64

Coimhearsnachdan Eileanach Cumhachdach agus Com-pàirteachasan Ionadail LàidirDh’aithnich am pròiseas co-chomhairleachaidh airson a’ Phlana gu bheil feum air cumhachdachadh coimhearsnachd agus airson measadh a dhèanamh air dòighean-riaghlaidh choimhearsnachdan eileanach. Bha coimhearsnachd mar chuspair cudromach sa cho-chomhairleachadh agus thug luchd-freagairt seachad eisimpleirean a sheall cho eadar-dhealaichte ’s a tha gach eilean agus na feartan a th’ aca ann a bhith a’ brosnachadh iomairtean innleachdail agus pròiseactan aig ìre nas lugha. Chaidh an treas roinn ainmeachadh mar neart ann an coimhearsnachdan eileanach – uaireannan a’ lìonadh beàrn a thaobh seirbheisean.

Tha an roinn shaor-thoileach san eilean uabhasach fhèin math agus leantainneach, le daoine bhon choimhearsnachd a’ cur obair mhòr ann. Tha e ag obair air sàilleibh nan daoine a tha a’ fuireach agus ag obair san eilean a tha deònach rud sam bith a dhèanamh airson an coimhearsnachdan agus nàbaidhean. (Neach-freagairt, Arainn)

Thuirt iomadh eileanach gun robh iad a’ faireachdainn air an iomall bho far an robh co-dhùnaidhean air an ruighinn agus bha iad airson gum biodh an cothrom aca a bhith an sàs ann an co-dhùnaidhean.

Tha a’ chomhairle coimhearsnachd cuideachail agus èifeachdach. Ach chan eil an cumhachd aca buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean aig ìre comhairle no nàiseanta. (Neach-freagairt, Ì agus Muile)

’S e toiseach tòiseachaidh a th’ ann an Achd nan Eilean, leis an dìon-eileanach agus atharrachadh ann an riochdachadh thaghaidhean, air turas gus deamocrasaidh ionadail a neartachadh ann an Alba. Tha coimhearsnachdan air an cumhachdachadh ma tha iad a’ faireachdainn gu bheil am Plana leotha agus ma tha iad a’ faighinn fios mu adhartas. Tha poileasaidhean agus ro-innleachdan ann mu thràth airson taic a chur ri coimhearsnachdan cumhachdaichte.

Page 67: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

65Plana Nàiseanta nan Eilean

Dh’fhoillsich Oighreachd a’ Chrùin Alba an Sgeama Rianachd Pìleatan Ionadail ann an 2018 airson cothroman a chruthachadh airson coimhearsnachdan pàirt a ghabhail ann an rianachd Oighreachd a’ Chrùin Alba. Tha e mar phàirt de dh’atharrachadh nas fharsainge ceum-air-cheum air mar a tha an Oighreachd air a ruith, a’ dèanamh cinnteach gu bheil guth nas làidire aig coimhearsnachdan agus ùghdarrasan ionadail. Tha buidhnean ionadail a tha airson a bhith an sàs ann an rianachd fearainn agus grunnd na mara a-nis aig an ìre mu dheireadh de sgeama a tha a’ toirt guth nas làidire do choimhearsnachdan air na tha tachairt san sgìre. Tha na molaidhean a’ gabhail a-steach na trì ùghdarrasan eileanach – Sealtainn, Arcaibh agus Comhairle nan Eilean Siar (còmhla ri Urras Oighreachd Ghabhsann) agus chì sin tagraichean a’ dèanamh co-dhùnaidhean mu dheidhinn grunnd na mara, cladaichean agus fearann eile. Cuidichidh an Sgeama le ullachaidhean airson rianachd ionadail de dh’Oighreachd a’ Chrùin Alba tro chumhachdan Achd Oighreachd a’ Chrùin (Alba) 2019.

Tha buileachadh a’ Phlana a’ toirt cothrom togail air Achd Comasachaidh Coimhearsnachd (Alba) 2015, a bheir cumhachd do choimhearsnachdan cumadh a thoirt air na h-amannan ri teachd aca, ge brith càite a bheil iad a’ fuireach. Tha an Achd a’ toirt barrachd smachd do dhaoine air co-dhùnaidhean a tha a’ toirt buaidh orra, ga dhèanamh nas fhasa do dhaoine na h-eaconamaidhean, sunnd agus àrainneachdan aca fhèin a leasachadh. Tha an Achd cuideachd ga dhèanamh nas fhasa do choimhearsnachdan fearann agus togalaichean san roinn phoblach a ghabhail os làimh agus tha e na dhòigh air buidhnean coimhearsnachd conaltradh a shireadh le solaraichean seirbheis poblach gus toraidhean a leasachadh. Tha reachdas gluasad stòrasan air a dhealbhadh gus seilbh agus smachd maoin a bhrosnachadh agus taic a thoirt do choimhearsnachdan, agus bu chòir do bhuidhnean coimhearsnachd agus ùghdarrasan beachdachadh air ann an suidheachaidhean a tha ag aithneachadh nam buannachdan poblach a thig an cois cleachdadh coimhearsnachd.

Thug Achd 2015 cuideachd a-steach dleastanasan air prìomh sheirbheisean poblach ionadail gus obrachadh còmhla agus le coimhearsnachdan gus toraidhean a leasachadh air cuspairean a tha nam prìomhachasan do dhaoine san sgìre aca. Tha dealbhadh coimhearsnachd a’ solarachadh an àite tron tachair seo. Tha uallach air Com-pàirteachasan Dealbhadh Coimhearsnachd a bhith ag obair còmhla gus dèiligeadh ri prìomh fheumalachdan agus mòr-mhiannan coimhearsnachdan eileanach, gu sònraichte an fheadhainn a tha fo ana-cothrom sòisio-eaconamach, agus tha an cumhachd aca sin a dhèanamh anns na dòighean as fheàrr a choinnicheas ri suidheachaidhean ionadail.

Page 68: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan66

San Ògmhios 2018 chaidh Eilean Ulbha a thoirt a-steach fo shealbh coimhearsnachd. Fhuair Companaidh Coille Coimhearsnachd Muile an Iar-thuath tabhartas de £4.341 millean bho Mhaoin Fearainn na h-Alba. Lean seo an t-aonta na bu thràithe air a’ bhliadhna gus tagradh Còir Coimhearsnachd airson Ceannaich a cheadachadh bhon bhuidhinn. Bho chaidh an ceannach, tha a’ bhuidheann air a bhith a’ toirt air adhart raon de dh’iomairtean geàrr-ùine, meadhan-ùine agus fad-ùine a tha ag amas air an eilean ath-nuadhachadh, ag amas air àiteachas agus turasachd. Tha seo a’ toirt a-steach a bhith a’ faighinn maoineachadh airson ùrachadh Taigh Ulbha, ath-nuadhachadh grunn dhachaighean briste air an eilean, agus plana bunaiteach airson an eilein air fad. Tha iad cuideachd air treud de chrodh Gàidhealach a cheannach, tha iad a’ ceannach bàirdse, agus a dh’aithghearr bidh iad a’ toirt a-steach manaidsearan ùra gus ostail/bunc-thaigh fhosgladh aig Taigh Ardalum.

Page 69: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

67Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha Buidseatadh Com-pàirteachail (PB) aithnichte gu h-eadar-nàiseanta mar dhòigh airson muinntir an àite a ràdh mar a bu chòir airgead poblach a chosg. Ann an Alba tha PB air a lìbhrigeadh còmhla ri ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan agus buidhnean bhon treas roinn, agus air a choileanadh thairis air raointean poileasaidh bho obair poileis gu slàinte agus cùram sòisealta, còmhdhail agus foghlam. Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair còmhla ri COSLA airson comhairlean a chuideachadh gus an targaid a ruighinn gum bi 1% den bhuidseat aca fo PB ro 2020. Chaidh Cairt PB airson Alba fhoillseachadh san Iuchar 2019 agus tha e ag innse seachd feartan mu dheidhinn deagh phròiseas PB airson gum bi guth aca air a chluinntinn mu dheidhinn na co-dhùnaidhean a bheir buaidh orra. Chaidh PB a chleachdadh gu soirbheachail ann an cuid de dh’eileanan, mar eisimpleir air na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

’S e prionnsabalan airson deagh chleachdadh a th’ anns na h-Ìrean Nàiseanta airson Com-pàirteachadh Coimhearsnachd a chaidh an cruthachadh gus taic a chur ri pròiseas com-pàirteachaidh coimhearsnachd, agus airson na thachras mar thoradh air a leasachadh. Chaidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air na h-Ìrean ann an 2016 agus thathar fhathast gan cleachdadh airson taic a chur ri com-pàirteachadh coimhearsnachd agus gabhail a-steach luchd-cleachdaidh air feadh Alba ann an sgìrean dùthchail agus bailteil mu dheidhinn cùisean mar planadh coimhearsnachd, slàinte agus cùram sòisealta.

Tha an t-Ath-sgrùdadh Riaghlaidh Ionadail cuideachd na raon-obrach cudromach a tha Riaghaltas na h-Alba agus COSLA a’ toirt air adhart còmhla airson beachdachadh air mar a thèid cumhachd, dleastanasan agus goireasan an riarachadh eadar riaghaltas nàiseanta agus ionadail, agus le coimhearsnachdan. Cruthaichidh pàirt de dh’Achd nan Eilean (Alba) 2018 cothroman airson na sia ùghdarrasan ionadail ann an Alba barrachd chumhachdan iarraidh bho Mhinistearan airson an cuideachadh gus toraidhean a leasachadh airson coimhearsnachdan eileanach.

Tha dleastanas cuideachd aig Riaghaltas na h-Alba gus reachdas a thoirt a-steach a leigeas le ùghdarrasan ionadail Cìs Luchd-tadhail Sealaich a thoirt a-steach – no “Cìs Luchd-turais”, ma tha seo freagarrach do shuidheachaidhean ionadail. Tha seo mar eisimpleir eile den dleastanas aig Riaghaltas na h-Alba airson gum bi cumhachdan freagarrach aig comhairlean gus toraidhean a leasachadh airson muinntir nan àiteachan far a bheil uallach aca. Tha an t-Ath-sgrùdadh Riaghlaidh Ionadail cuideachd a’ beachdachadh air dòighean eile gus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan. An-uiridh, ghabh daoine air feadh Alba pàirt ann an Democracy Matters – còmhradh mu dheidhinn deamocrasaidh ionadail san àm ri teachd. Sa mhòr-chuid, bha daoine airson gum biodh barrachd smachd aca air co-dhùnaidhean a bheir buaidh air an coimhearsnachd. Tha an t-Ath-sgrùdadh Riaghlaidh Ionadail a’ beachdachadh air molaidhean airson dòighean-riaghlaidh eadar-dhealaichte aig ìrean coimhearsnachd, ùghdarras ionadail neo sgìreil a bhrosnaicheas daoine gus pàirt nas motha a ghabhail ann an deamocrasaidh iondail agus gus toraidhean a leasachadh dhaibh. Tòisichidh barrachd chom-pàirteachadh le seirbheisean poblach agus coimhearsnachdan ann an 2019. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri eileanaich a’ cuideachadh le co-dhùnaidhean a ruighinn, a dh’obraicheas ann an suidheachaidhean eileanach agus a bheir na cothroman as motha airson na cùisean as cudromaiche dhaibh a leasachadh, mar leasachadh eaconamach, taigheadas no ath-dhaoineachadh. Aithnichidh buileachadh a’ Phlana atharrachaidhean sam bith ri dòighean-riaghlaidh agus barrachd cumhachd air a thiomnadh gu ìrean nas ionadaile. 

Page 70: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan68

Togaidh buileachadh a’ Phlana cuideachd air reachdas a chaidh a chur an gnìomh tro Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016, a bha mar chlach-mìle sònraichte ann am prògram farsaing aig Riaghaltas na h-Alba airson dèanamh cinnteach gu bheil barrachd dhaoine a’ faighinn sochairean bho fearann na h-Alba. ’S e a’ phrìomh phàirt Aithris Chòraichean agus Dleastanasan Fearainn na h-Alba, a tha ag ainmeachadh sia prionnsabalan a dh’fheumas Ministearan na h-Alba brosnachadh. Feumaidh buileachadh a’ Phlana a bhith a rèir nan sia prionnsabalan seo. Gu h-àraidh, ann a bhith a’ buileachadh a’ Phlana, feumar aire a ghabhail den Stiùireadh aig Riaghaltas na h-Alba air Com-pàirteachadh Choimhearsnachdan ann an Co-dhùnaidhean a thaobh Fearainn. Mar phàirt de seo, bu chòir beachdachadh air miannan coimhearsnachd fearann a cheannach far a bheil seo iomchaidh.

Tha na cumhachdan agus dleastanasan bho Achd Oighreachd a’ Chrùin Alba 2019 a’ toirt barrachd chothroman do choimhearsnachdan eileanach sochairean nas fheàrr fhaighinn bho stòrasan na sgìre aca. Tha Oighreachd a’ Chrùin Alba a’ gabhail a-steach pàirtean riatanach de ar stòrasan bailteil, dùthchail, cladaich agus mara, a’ gabhail a-steach an dàrna leth den chladach mun cuairt air Alba agus còraichean grunnd na mara a-mach gu 200 mìle mara. Tha prògram ath-leasachaidh rianachd Oighreachd a’ Chrùin Alba air a bhith a’ feuchainn ri bhith cinnteach gu bheil coimhearsnachdan ionadail, nam measg coimhearsnachdan eileanach, a’ faighinn sochairean bho na stòrasan seo agus a’ dìon teachd-a-steach san àm ri teachd, agus an luach calpa air fad a tha mu £400 millean airson Alba air fad. Tha an teachd-a-steach agus calpa a-nis air a ghlèidheadh ann an Alba an àite a bhith air a ghlèidheadh le Riaghaltas na RA no Coimiseanairean Oighreachd a’ Chrùin.

Am measg nan sochairean coimhearsnachd a dh’fhaodadh tighinn bhon frèam-obrach ùr aig Ministearan na h-Alba airson rianachd Oighreachd a’ Chrùin Alba, tha leasachadh air na sochairean eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail a dh’èireas bho na maoinean, cothroman agus rianachd iondail de phàirtean den oighreachd no dleastanas Ministearan na h-Alba gus sochairean ionmhasail a thoirt do choimhearsnachdan cladaich tro riarachadh an teachd a-steach bho mhaoinean mara Oighreachd a’ Chrùin Alba a-mach gu 12 mìltean mara airson mathas coimhearsnachd. Tha iomadachd nam maoinean, còraichean agus com-pàirtean a th’ aig Oighreachd a’ Chrùin Alba, mun cuairt air ar n-eileanan, a’ ciallachadh gun urrainn buaidh a bhith aig co-dhùnaidhean a thaobh mar a thèid na maoinean a chleachdadh ann an Alba, stèidhichte air prìomhachasan na h-Alba ann an dòigh follaiseach agus ion-ghabhalta, air mar a thèid sochairean agus cothroman sònraichte eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail an lìbhrigeadh airson coimhearsnachdan eileanach air feadh Alba an-dràsta agus san àm ri teachd.

Tha e cudromach gu bheil sinn a’ cluinntinn guthan eileanach, agus mar sin tha sinn air seo aithneachadh nar dòigh-obrach airson ath-leasachadh a dhèanamh air an siostam planaidh le Achd a’ Phlanaidh (Alba) 2019, fo bhuaidh measadh buaidh air coimhearsnachdan eileanach saor-thoileach fhad ’s a bha e air a chruthachadh. Tha am measadh seo air dèanamh cinnteach gu bheil sùbailteachd ann atharrachadh airson a bhith freagarrach airson suidheachaidhean eileanach agus a’ gabhail a-steach molaidhean airson ath-sgrùdadh de phoileasaidhean planaidh nàiseanta ann an Alba, ’s e sin Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 3 agus Poileasaidh Planaidh na h-Alba.

Page 71: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

69Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha plana leasachaidh aig a h-uile eilean, a tha ag aithneachadh cothroman atharrachaidh agus far a bheil iad feumach air dìon bho atharrachaidhean airson miannan coimhearsnachdan a thoirt air adhart ann an dòigh chunntachail, a’ beachdachadh air mar a tha atharrachaidhean a’ toirt buaidh air leasachadh sòisealta, àrainneachdail agus eaconamach. Tha sinn a’ dèanamh ath-sgrùdadh air Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 3 agus Poileasaidh Planaidh na h-Alba,27 ag amas air aon sgrìobhainn poileasaidh leis an ainm Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 4. Feumaidh còmhraidhean farsaing a bhith againn air an ath-sgrùdadh seo agus feumaidh Frèam-obrach Planaidh Nàiseanta 4 cur ris na sia bunaitean seo:

1. A’ freagairt feumalachdan muinntir na h-Alba, gu h-àraid feumalachdan taigheadais airson daoine nas sine agus daoine ciorramach.

2. Leasachadh slàinte agus sunnd airson muinntir na h-Alba.

3. Àrdachadh ann an àireamh-sluaigh airson sgìrean dùthchail na h-Alba.

4. Leasachadh co-ionannachd agus cur às do leth-bhreith

5. Coinneachadh ri targaidean a thaobh lùghdachadh ann an eimiseanan gasaichean an taigh-ghlainne.

6. A’ cumail tèarainte deagh bhuaidhean air bith-thèarainteachd

27  Riaghaltas na h-Alba, Poileasaidh Planaidh na h-Alba, 2014: https://www.gov.scot/publications/scottish-planning-policy/

Page 72: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan70

Amas Ro-innleachdail 10

Gus cumhachd a thoirt dha coimhearsnachdan agus àiteachan eadar-dhealaichte nì sinn na leanas:

Thoir air adhart Ath-sgrùdadh Riaghlaidh Ionadail le COSLA airson siostam deamocrasaidh ionadail a dhèanamh a tha ion-ghabhalta agus a nì beathannan dhaoine nas fheàrr.

Cuir taic ri pròiseasan com-pàirteachaidh a tha ag amas air guth làidir a thoirt dha coimhearsnachdan eileanach ann a bhith a’ coileanadh a’ Phlana.

Rannsaich dòighean gus guthan coimhearsnachdan nan eilean a dhèanamh nas làidire agus a tha aithneachadh na rudan a tha eadar-dhealaichte eadar eileanan ann an co-dhùnaidhean ionadail agus nàiseanta.

Obraich còmhla ri coimhearsnachdan eileanach agus com-pàirtichean ùghdarrasan ionadail ann an cruthachadh agus ullachadh Bile airson Cìs Luchd-tadhail Sealaich.

Rannsaich dòighean gus taic a thoirt do choimhearsnachdan eileanach airson an seasmhachd àrdachadh le bhith a’ leasachadh iomairtean agus planaichean ionadail an co-bhonn ri buidhnean Èiginn na h-Alba.

Thoir a-steach riaghailtean a leigeas le ùghdarrasan ionadail eileanach, an co-chomhairle le an coimhearsnachdan, iarraidh air Ministearan na h-Alba reachdas a bhrosnachadh a’ toirt gnìomh no dleastanas air choireigin dhaibh. Tha na Riaghailtean seo ag aideachadh gu bheil a h-uile coimhearsnachd eadar-dhealaichte.

Dèan cinnteach gu bheil poileasaidhean agus planaichean co-cheangailte ri Oighreachd a’ Chrùin Alba air an dìon airson nan eileanan ann an dòigh iomchaidh agus gu bheil manaidsear air maoin sam bith fo Oighreachd a’ Chrùin Alba a’ cur taic ri buileachadh Plana Nàiseanta nan Eilean ann an dòigh iomchaidh.

Dèan cinnteach gum bi luchd-labhairt na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach air am brosnachadh agus air an cuideachadh gus an riochdachadh fhèin tro mheadhan na Gàidhlig.

Page 73: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

71Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha cliù eadar-nàiseanta aig Alba mar àite airson beachdan, ionnsachadh, foghlam, cruthachaileachd agus innleachd. Tha cultar a’ meòrachadh air na dh’fhalbh, a’ toirt dùbhlan don latha an-diugh agus a’ dealbhadh an àm ri teachd. A bharrachd air an crìochan mara, ’s e cultar a tha a’ mìneachadh fèin-aithne eileanach. Tha eileanaich tric nan luchd-glèidhidh aig an àrainneachd nàdarra ionadail a bharrachd air an cultar fhèin agus a’ cuideachadh gus seo a dhìon mar phàirt den dualchas eadar-nàiseanta againn. Chaidh aithneachadh sa cho-chomhairleachadh gun robh deagh bhuaidhean air tighinn bho inbheisteadh anns an Gàidhlig agus a cultar. Dh’aithnich eileanaich gun robh feum air dòigh-obrach choileanta a ghabhadh a-steach a h-uile pàirt de chultar diofar choimhearsnachdan eileanach, mar eisimpleir cànain ionadail.

Tha coimhearsnachdan eileanach dealasach mu bhith a’ glacadh, comharrachadh agus co-roinn cho eadar-dhealaichte ’s a tha a’ bheatha eileanach. Tha eileanaich cuideachd a’ faireachdainn làidir mu dheidhinn a bhith a’ glèidheadh dualchas togte agus a’ glèidheadh na h – àrainneachd nàdarra, chan ann a-mhàin airson luach eaconamach tro thurasachd, ach airson na càileachd beatha aca agus mar dhìleab airson ginealaich ri thighinn. Tha beairteas de chultar aig eileanan na h-Alba agus tha seo ri fhaicinn agus air a ghineadh le coimhearsnachdan eileanach an-diugh. Airson mòran eileanaich a ghabh pàirt sa cho-chomhairleachadh, tha am “fèin-aithne” agus “aithne coimhearsnachd” stèidhichte air cultar agus dualchas an eilein air a bheil iad a’ fuireach. Tha e riatanach gu bheil cothrom co-ionann aig a h-uile eileanach air cultar agus ealan airson gun urrainn dhaibh pàirt a ghabhail ann am beatha cultarach na h-Alba san dòigh a tha iad ag iarraidh.

Tha fèisean ciùil de gach seòrsa anns na h-eileanan, bho HebCelt ann an Eilean Leòdhais, Fèis Naomh Magnus ann an Arcaibh gach bliadhna, gu Fèis a’ Bhogsa agus Fidheall ann an Sealtainn agus Fèis Ciùil Thiriodh. Tha iomadh fèis eile a’ gabhail àite thairis air na h-eileanan gach bliadhna a tha a’ tàladh àireamhan mòra de luchd-tadhail agus a tha a’ comharrachadh a’ chultar agus dualchas eadar-dhealaichte aig gach eilean.

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a tha a’ taisbeanadh cànan, ceòl agus cultar na Gàidhlig, air a chur air dòigh leis A’ Chomunn Ghàidhealach. Tha an fhèis a’ leigeil le co-fharpaisich bho air feadh Alba agus air feadh an t-saoghail pàirt a ghabhail ann an seinn, ceòl, pìobaireachd, dannsa, litreachas agus dràma na Gàidhlig. Tha dreuchd shònraichte aig a’ Mhòd ann a bhith a’ glèidheadh cultar na Gàidhlig ann an Alba. Le ceangail làidir ri coimhearsnachdan a tha a’ bruidhinn Gàidhlig anns na h-eileanan, tha am Mòd a-nis a’ tilleadh gu na h-Eileanan Siar gu tric, far a bheil e a cur ris a’ choimhearsnachd gu cultarach agus gu h-eaconamach.

A bharrachd air seo, bho thaobh eaconamach, tha gnìomhachasan cruthachail agus cultarach a’ cur gu mòr ri gnìomhachd eaconamach nan eilean agus a’ cruthachadh cothroman airson fàs agus iomadachd eaconamach. Air a bhrosnachadh leis an àrainneachd nàdarra, coimhearsnachd, cànan agus dualchas cultarach, tha na h-eileanan a’ cruthachadh iomadh neach-dreuchd ann an ceòl traidiseanta agus co-aimsireil, litreachas, ealan, fasan agus ciùird. Chaidh iomairt nam Fèisean, a tha a’ brosnachadh ealan agus ceòl na Gàidhlig ann an Alba, ainmeachadh sa cho-chomhairleachadh airson na tha iad air cur ri glèidheadh obraichean agus òigridh le sgilean sòisealta tro cheòl. Tha craoladh, obair-aodaich agus dualchas a’ tabhann chothroman gnothachais agus fastaidh. Tha iomadh tachartas, fèis agus gailearaidh air na h-eileanan a tha a’ togail air a’ bhunait chultarach agus cruthachail aca.

Na h-Ealain, Cultar agus Cànan

Page 74: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan72

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur tabhartas farsaing (foghlam, eaconamach, cultarach agus cànanach) ri sgìre eileanach le àireamh-sluaigh ìosal. Tha e a’ cumail suas sàr-mhathas mar Ionad Nàiseanta airson na Gàidhlig agus a Cultar, a’ tabhann chùrsaichean goirid a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, foghlam adhartach, foghlam àrd-ìre, agus comas rannsachaidh agus taic a tha drùidhteach. Tha dreuchd shònraichte aig SMO ann an ath-bheòthachadh an Eilein Sgiathanaich, leis an diofar seòrsaichean taigheadais agus cothroman coimeirsealta airson cur ris na goireasan air campus, airson modail ùr-ghnàthach, seasmhach a chruthachadh airson coimhearsnachd san 21mh linn aig a bheil a’ Ghàidhlig agus a cultar na chridhe. http://www.smo.uhi.ac.uk/en/

Tha Turasachd Bìdhe a’ toirt a-steach ionnsachadh mu dheidhinn, a’ cur luach air, agus ag ithe is ag òl biadh agus deoch le ceangal ri eachdraidh, dualchas agus cultar àite. Tha e a’ cur taic ri siostaman bìdhe seasmhach a tha a’ cur ri buaidhean eaconamach, àrainneachdail, sòisealta agus cultarach tron t-slighe solarachaidh. Fhuair coimhearsnachdan eileanach an cothrom cur ri cruthachadh Turasachd Bìdhe Alba – a’ chiad Plana Gnìomh airson Turasachd Bìdhe – agus tha iad ann an deagh àite airson sochairean fhaighinn bho obair Bòrd Turasachd Bìdhe Nàiseanta ann a bhith a’ coileanadh nan gnìomhan a tha sa Phlana.

Bidh buileachadh a’ Phlana a’ togail air poileasaidhean agus ro-innleachdan a th’ ann mu thràth, far an gabh seo a dhèanamh, mar Iomairt Ciùil na h-Òigridh a tha a’ toirt seachad bliadhna de dh’oideachadh ciùil do na mìltean de sgoilearan sa bhun-sgoil thairis air coimhearsnachdan eileanach, an Ro-innleachd Chultarach airson Alba a chaidh fhoillseachadh ann an 2019, Ar n-Àite ann an Àm: Ro-innleachd Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba agus na h-ullachaidhean a thaobh Gàidhlig a th’ ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016.

Tha sinn ag aithneachadh gu bheil Gàidhlig cudromach do dh’eileanan na h-Alba agus nì am Plana seo cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig air a cumail suas agus air a neartachadh mar chànan beò sa choimhearsnachd. Tha càirdeas dà-thaobhach a’ dol eadar cànan agus coimhearsnachd – tha a’ Ghàidhlig cudromach do na coimhearsnachdan eileanach far a bheil i air a bruidhinn, ach cuideachd tha na coimhearsnachdan eileanach cudromach do shlàinte agus àm ri teachd na Gàidhlig. Leis na ceanglaichean seo, tha cànan nas fharsainge na cùis chultarach agus tha i anns gach pàirt de bheatha coimhearsnachd. Thuirt luchd-freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh gun robh a’ Ghàidhlig cudromach mar phàirt bhunaiteach de dh’iomadh cultar eileanach, agus thuirt cuid eile gun robh feum ann a bhith a’ brosnachadh cànain ionadail eile a tha air am bruidhinn ann an eileanan.

‘S i Gàidhlig a’ bunait às am bi cultar, ceòl, sgeulachd agus dannsa nan eilean seo a’ fàs. Tha i na glaodh a’ cumail daoine còmhla, lìonra nan càirdeas coimhearsnachd a leigeas leotha maireachdainn beò agus soirbheachail an urra ri cruadal agus iomallachadh. (Neach-freagairt sa cho-comhairleachadh, tìr-mòr le ceanglaichean ris na h-Eileanan Siar)

Page 75: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

73Plana Nàiseanta nan Eilean

Amas Ro-innleachdail 11

Gus taic a chur ris na h-ealain, cultar agus cànan, nì sinn na leanas:

Tasgadh ann an goireasan cultarach agus eachdraidheil, airson dèanamh cinnteach gu bheil eileanaich air am brosnachadh gus pàirt a ghabhail ann an ealan agus cultar.

Cuir taic ri tàlantan cruthachail nan eileanach, agus leasaich agus brosnaich iad gus am bi luchd-èisteachd mòr aig cultar eileanach na h-Alba gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

Cuir taic ri a h-uile cànan agus dualchainnt dùthchasach ann an Alba ann an dòigh a tha freagarrach dha na coimhearsnachdan far a bheil iad seo air am bruidhinn.

Dèan cinnteach gu bheil na dleastanasan sa Phlana seo fiosraichte le agus co-thaobhach ris na dleastanasan ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig, ag obair gu dlùth còmhla ri Bòrd na Gàidhlig.

Dèan cinnteach gun tèid beachdachadh air a’ bhuaidh a bhios air leasachadh na Gàidhlig bhon toiseach ann am poileasaidhean agus iomairtean eileanach agus gu bheil ceangal aca seo ri planaichean Gàidhlig reachdail.

Obraich còmhla ri ùghdarrasan poblach agus buidhnean coimhearsnachd airson gun tig àrdachadh ann an cleachdadh agus faicsinneachd na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan eileanach far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn.

Obraich còmhla ri ùghdarrasan buntainneach airson solar Gàidhlig a leasachadh airson coimhearsnachdan eileanach far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn ann a bhith a’ lìbhrigeadh an seirbheisean agus gnìomhan.

Cuir taic ri dòighean-obrach a tha a’ brosnachadh rianachd seasmhach den àrainneachd eachdraidheil.

Page 76: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan74

Tha deagh fhoghlam ag adhbharachadh leasachadh sòiseio-eaconamach, chan ann a-mhàin air na h-eileanan. Bidh teaghlaich tric a’ ruighinn co-dhùnaidhean air far a bheil iad a’ dol a dh’fhuireach a rèir far a bheil deagh sgoiltean.

Thuirt eileanaich dhuinn gu bheil sgoil shoirbheachail a’ cur mòran ri eilean agus a’ choimhearsnachd ann an iomadh dòigh, bho bhith a’ tàladh luchd-teagaisg agus luchd-obrach eile a dh’fhuireach san eilean, gu cleachdadh sgoiltean mar cho-ionad airson gnìomhachd coimhearsnachd taobh a-muigh na sgoile.

Ged a tha seo freagarrach airson bun-sgoiltean, chan eil àrd-sgoil air a h-uile eilean. Nuair a tha iad ann, bu chòir àrd-sgoiltean eileanach a bhith air an uidheamachadh airson sgoilearan anns na h-eileanan a dheisealachadh san aon dòigh ri air tìr-mòr. Tha àiteachan-fuirich (ostailean-sgoile) cuideachd cudromach, agus còmhdhail airson siubhal dhan sgoil airson sgoilearan a tha a’ fuireach air eileanan beaga eile a tha a’ fuireach air falbh bhon dachaigh aig ùine teirm.

Tron phrògram Leasachadh Luchd-obrach Òga, tha sinn a’ neartachadh cheanglaichean eadar sgoiltean, colaistean agus gnìomhachas airson curraicealam san ìre as àirde le sgilean dreuchdail, a’ gabhail a-steach Preantasachdan Bunaiteach le ceangal ri slighean adhartais a’ cleachdadh eòlas air feumalachdan sgilean an àite. Tha an obair seo ag adhbharachadh co-obrachadh thairis air sgoiltean agus colaistean airson an àireamh de chothroman a leudachadh, gu h-àraid ann an sgìrean far a bheil cnapan-starra ann a thaobh cruinn-eòlas.

Tha dreuchd shònraichte aig Foghlam tron Ghàidhlig ann an àrdachadh na h-àireimh de dhaoine a tha a’ bruidhinn, ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh Gàidhlig. Tha Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 a’ cur dleastanas air ùghdarrasan ionadail gus taic a chur ri foghlam Gàidhlig agus a chur air adhart, agus tha i a’ cur an gnìomh pròiseas airson pàrantan foghlam tron Ghàidhlig iarraidh airson an cuid cloinne. Feumaidh ùghdarrasan aire a thoirt dhan Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh fo Achd 2016 ann a bhith a’ coileanadh an dleastanais seo agus a’ lìbhrigeadh foghlam Gàidhlig nan sgoiltean.

Chan eil foghlam ann an eileanan a’ crìochnachadh le bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean. Bu chòir do dh’eileanaich an cothrom fhaighinn air roghainnean airson foghlam adhartach agus foghlam àrd-ìre, ge brith dè an aois a tha iad. Bu chòir do dh’ionadan foghlaim adhartach agus àrd-ìre a bhith a’ brosnachadh trèanadh sgilean, gu h-àraid an fheadhainn a tha co-cheangailte ri cothroman sòiseo-eaconamach air na h-eileanan.

Mu dheireadh, bu chòir do dh’fhoghlam a bhith mothachail de dh’ionnsachadh fad-bheatha, mar phàirt de Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach (CPD) agus clasaichean agus cùrsaichean airson daoine nas sine. Tha cuid de sgoiltean agus institiudan ag obair gu ruige ionnsachadh air astar airson oileanaich a’ fuireach air falbh. Mar sin, togaidh am Plana air poileasaidhean buntainneach aig Riaghaltas na h-Alba air foghlam agus sgilean.

Foghlam

Page 77: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

75Plana Nàiseanta nan Eilean

Tha sinn a’ cumail oirnn a’ maoineachadh deagh àrainneachdan ionnsachaidh ùr-nodha tron phrògram togail sgoiltean aig Riaghaltas na h-Alba, Sgoiltean na h-Alba san Àm ri Teachd. Gu ruige seo, tha sinn air cha mhòr £195 millean a thoirt seachad airson 18 sgoiltean a thogail no ùrachadh ann an sgìrean nan sia ùghdarrasan ionadail far a bheil eileanan.

A bharrachd air an deagh obair a tha Prògram Sgoiltean na h-Alba san Àm ri Teachd a’ dèanamh, tha fhathast tuilleadh ri dhèanamh. Air 9 Sultain, dh’fhoillsich am Prìomh Mhinistear, an Leas Phrìomh Mhinistear agus Neach-labhairt airson Goireasan aig COSLA, Cllr Gail MacGregor a’ chiad earrann de phròiseactan a gheibh buannachdan bhon Phrògram Inbheistidh ùr airson Oighreachdan Ionnsachaidh, tha seo a’ gabhail a-steach Campas Bhàgh a’ Chaisteil ann am Barraigh.

Tha sinn ag inbheisteadh £750 millean sa Phàrlamaid seo airson aghaidh a chur ri beàrn a’ bhuileachaidh agus airson dèanamh cinnteach gu bheil an aon chothrom aig a h-uile pàiste soirbheachadh. Mar a chaidh fhoillseachadh nar Prògram Riaghlaidh 2019-20 mar dhleastanas tràth air a’ phrìomhachas seo, cumaidh sinn oirnn a’ maoineachadh Dùbhlan Buileachaidh na h-Alba, a’ gabhail a-steach Maoineachadh Ionannachd Sgoilearan aig an ìre làithreach, nas fhaide na an teirm phàrlamaideach seo airson bliadhna eile gu 2021-22. Cumaidh sinn oirnn taic a chur ri ùghdarrasan ionadail agus sgoiltean sna h-eileanan mun cuairt air na ceithir prìomhachasan ann am Frèam-obrach Leasachaidh Nàiseanta – ag àrdachadh buileachadh airson a h-uile duine, a’ dùnadh beàrn a’ bhuileachaidh, a’ leasachadh slàinte agus sunnd òigridh, agus a’ leasachadh sgilean cosnaidh agus deagh chinn-uidhe seasmhach airson òigridh air fad.

Page 78: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan76

Amas Ro-innleachdail 12

Gus foghlam a bhrosnachadh agus a leasachadh airson a h-uile duine tro bheatha nì sinn na leanas:

Obraich còmhla ri UHI, Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Heriot-Watt, Oilthigh Robert Gordon agus solaraichean foghlaim eile airson dèanamh cinnteach gu bheil iomadh cothrom eadar-dhealaichte ri fhaighinn do dh’òigridh.

Cuir taic ri UHI ann a bhith a’ leudachadh co-obrachadh le com-pàirtichean eileanach airson slighean ionnsachaidh, innleachd agus gus co-obrachadh le gnìomhachas/luchd-fastaidh a bhrosnachadh.

Dèan cinnteach gum faigh òigridh na h-aon chothroman air foghlam ’s a tha aig òigridh air tìr-mòr na h-Alba.

Obraich còmhla ri òigridh air feadh eileanan na h-Alba airson dèanamh cinnteach gu bheil an cothrom aca cuir ri buileachadh a’ Phlana seo bho thaobh foghlaim agus airson dèanamh cinnteach gu bheil an guthan air an cluinntinn.

Thoir taic agus brosnachadh do dh’Fhoghlam tron Ghàidhlig aig a h-uile ìre.

Obraichidh sinn le ùghdarrasan eileanach airson pròiseactan a phlanadh a gheibheadh buannachd bho ìrean den Phrògram Inbheisteadh ùr airson Oighreachdan Ionnsachaidh le luach £1 billean a tha a’ ruith gu 2026.

Leudaichidh sinn ar n-oidhirpean airson toraidhean foghlaim a leasachadh airson clann ann am bochdainn le bhith a’ cumail oirnn le taic airson ùghdarrasan eileanach agus sgoiltean agus am planaichean airson buileachadh àrdachadh tro phrògraman Dùbhlan Buileachaidh na h-Alba, mar eisimpleir Maoineachadh Ionnanachd Sgoilearan.

Beachdaich air feumalachdan luchd-ionnsachaidh inbheach nar coimhearsnachdan eileanach agus sinn a’ cruthachadh ar ro-innleachd ionnsachaidh inbheach airson Alba.

Page 79: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

77Plana Nàiseanta nan Eilean

Airson gum bi am Plana ag adhbharachadh atharrachaidhean a tha susbainteach agus seasmhach, feumaidh pròiseas a bhith ann far a bheil adhartas, sgrùdadh agus cunntachalachd a’ tighinn beag air bheag. Feumaidh coimhearsnachdan eileanach a bhith a’ faireachdainn gu bheil an guthan agus an lèirsinn sa Phlana. Tha seo a’ ciallachadh a bhith a’ togail mothachadh mun Phlana agus a amasan, agus a’ toirt taic dhaibh seilbh a ghabhail air.

Airson gum bi am Plana ion-ghabhalta, bu chòir gum bi coimhearsnachdan eileanach a’ faighinn fiosrachadh mu adhartas a thaobh buileachadh. Tha na h-ullachaidhean reachdail ann an Achd nan Eilean (Alba) 2018 a’ dèanamh ullachadh airson aithisgean bliadhnail air adhartas le Ministearan na h-Alba, agus ath-sgrùdadh gach còig bliadhna, a dh’fhaodadh atharrachaidhean adhbharachadh.

Tha cunntachalachd cuideachd cudromach. Feumaidh an cothrom a bhith aig coimhearsnachdan eileanach dùbhlan a thoirt an aghaidh Riaghaltas na h-Alba ann an dòigh chuideachail ma tha iad a’ faireachdainn nach eil buileachadh a’ Phlana a’ tachairt ann an dòigh a tha freagarrach no mura bheil gnìomhachd sam bith a’ tachairt.

Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach gun tachair seo uile.

Ullaichidh sinn cuideachd Clàr Buileachaidh a bheir iomradh air na 13 Amasan Ro-innleachdail agus na dleastanasan a tha air an liostadh sa Phlana. Innsidh an Clàr mar a tha sinn an dùil adhartas a sgrùdadh, a’ gabhail a-steach tro chomharran stèidhichte air toraidhean an Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta agus nan Amasan Leasachaidh Seasmhach.

Thèid cuid de na dleastanasan a choileanadh san ùine ghoirid no sa mheadhan-ùine; bidh feum aig cuid air ùine nas fhaide airson lìbhrigeadh – cuid nas fhaide na am Plana seo fhèin. Bidh slatan-tomhais còmhla ris na gnìomhan a thèid ainmeachadh airson nan dleastanasan sa Phlana – le clàran-ama agus buidseatan soilleir agus com-pàirtichean air an ainmeachadh.

Tha sinn faiceallach gum bi slatan-tomhais againn a sheallas ma tha deagh thoraidhean a’ tighinn airson coimhearsnachdan eileanach. Bidh sinn a’ co-chomhairleachadh air leth air a’ Chlàr Buileachaidh agus slatan-tomhais.

Tha ar dòigh-obrach a’ feuchainn gu bheil co-dhùnaidhean agus poileasaidh air an dèanamh stèidhichte air fianais. Feumaidh sin deagh dhàta. An-dràsta, tha gainnead de dhàta sòiseo-eaconamach làidir neo-sgaraichte aig ìre eileanach, gu h-àraid dàta a ghabhas fhoillseachadh.

Seachain sgrùdadh tiog-bogsa, nach eil a’ cuideachadh ach muinntir an tiogaidh. (Neach-freagairt, Arainn)

Buileachadh agus Sgrùdadh Plana Nàiseanta nan Eilean

Page 80: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan78

Tha dàta nas fheàrr aig ìre ionadail cudromach airson na dùbhlain shònraichte a thuigsinn a tha mu choinneamh choimhearsnachdan eileanach, an dà chuid a thaobh àireamhan-sluaigh agus leasachadh eaconamach. Tha seo cudromach ann a bhith a’ measadh èifeachdas phoileasaidhean a chaidh a dhèanamh gu ruige seo; ag innse far a bheil eadar-theachdan nas sònraichte a dhìth; agus a’ freagairt air na feumalachdan a tha a’ tighinn air adhart aig coimhearsnachdan eileanach.

Chan eil Riaghaltas na h-Alba leis fhèin ann an suidheachadh far as urrainn dhuinn a h-uile dleastanas a choileanadh a leasaicheas toraidhean airson ar coimhearsnachdan eileanach. Cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri luchd-ceannais nan eilean agus iomadh luchd-ùidhe eile ann an leasachadh a’ Chlàr Buileachaidh, le aire sònraichte air ùghdarrasan ionadail agus air na seirbheisean poblach ionadail.

Tòisichidh ullachadh a’ Chlàr Buileachaidh nuair a thèid am Plana aontachadh le Pàrlamaid. Sa chiad ìre, nì sinn eacarsaich mapaidh airson gach raon den Phlana, dleastanas agus amas. San darna ìre, cuiridh sinn air dòigh bùthan-obrach, far as urrainn dhuinn, airson beachdachadh air na gnìomhan a ghabhas dèanamh airson gach amas, agus obair shònraichte air cruthachadh slatan-tomhais airson adhartas a mheasadh ann an dòigh a tha freagarrach. San treas ìre, thèid sinn gu coimhearsnachdan eileanach a bhios mar bhuidhnean fòcais airson nan gnìomhan agus slatan-tomhais a tha air am moladh. Bidh riochdairean bho choimhearsnachdan eileanach an sàs aig gach ìre agus air a’ Bhuidhinn Riaghlaidh ùir airson Plana Nàiseanta nan Eilean. ’S e an ceathramh ìre gun tèid an Clàr Buileachaidh fhoillseachadh san earrach 2020 airson suidhe còmhla ri Plana Nàiseanta nan Eilean a chaidh aontachadh leis a’ Phàrlamaid.

Èist ri muinntir GACH coimhearsnachd. Chan eil dà choimhearsnachd eileanach sam bith coltach ri chèile, fiù ’s san aon bhuidheann de dh’eileanan. Tha an freagairt as fheàrr againn gu tric airson ar dùbhlain shònraichte, ach FEUMAIDH sinn reachdas agus maoineachadh airson gun urrainn dhuinn sinn fhìn a chuideachadh. (Neach-freagairt, Sanday, Arcaibh)

Page 81: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

79Plana Nàiseanta nan Eilean

Amas Ro-innleachdail 13

Gus taic a chur ri buileachadh èifeachdach Plana Nàiseanta nan Eilean nì sinn na leanas:

Stèidhich pròiseas làidir airson dèanamh cinnteach gun tèid Clàr Buileachaidh mionaideach fhoillseachadh gu luath, ag innse ghnìomhan soilleir le dleastanasan air am mìneachadh agus clàran-ama airson taic a chur ri lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean.

Stèidhich slatan-tomhais airson gach Amas Ro-innleachdail còmhla ri buidhnean-gnìomh Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail, coimhearsnachdan eileanach agus sòiseo-eaconamach, stèidhichte air slatan-tomhais SMART agus a’ togail air an Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta agus air na h-Amasan Leasachaidh Seasmhach.

Cùm bùthan-obrach fòcais anns na h-eileanan, airson na gnìomhan a bhios ceangailte ris na 13 Amasan Ro-Innleachdail sa Phlana aontachadh.

Dèan sgrùdadh air faotainneachd, feumalachd, agus na cnapan-starra, a th’ ann a thaobh dàta eileanach aig ìre eileanach, buidhnean eileanan agus beachdaich air ìre dàta “Eileanan na h-Alba” airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air na dùbhlain a tha mu choinneamh coimhearsnachdan nan eilean.

Stèidhich Lìonra de dh’Eileanaich Òga le riochdairean bho eileanan na h-Alba air fad, a bhios mar phàirt de bhuileachadh Plana Nàiseanta nan Eilean airson dèanamh cinnteach gu bheil lìbhrigeadh a’ Phlana a’ beachdachadh air ùidhean agus prìomhachasan òigridh.

Stèidhich Buidheann Riaghlaidh Plana Nàiseanta nan Eilean airson dèanamh cinnteach gum bi sgrùdadh mionaidean air a dhèanamh air a’ Chlàr Buileachaidh. Cumaidh a’ bhuidheann seo sùil air lìbhrigeadh Plana Nàiseanta nan Eilean agus bheir i fiosrachadh air ais mu adhartas gu Buidheann Ro-innleachdail nan Eilean agus luchd-ùidhe eile.

Obraich còmhla ri coimhearsnachdan eileanach airson dèanamh cinnteach gu bheil am Plana air a chur air adhart gu farsaing agus air a thuigsinn le gach raon den chomann-sòisealta.

Page 82: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan80

Bu chòir dhuinn foillseachadh Plana Nàiseanta nan Eilean a chomharrachadh mar thachartas eachdraidheil ann an riaghladh eileanach, chan ann a-mhàin ann an Alba, ach gu h-eadar-nàiseanta. Gu dearbh chan eil ach beagan phìosan reachdas co-cheangailte ri àite mar Achd nan Eilean (Alba) 2018 san t-saoghal. Tha na h-ullachaidhean a tha na cois, mar mheasaidhean buaidh air coimhearsnachdan eileanach agus an comas aig Ùghdarrasan Ionadail barrachd chumhachdan iarraidh, adhartach agus bu chòir fàilte a chur orra.

Tha am Plana agus Achd nan Eilean (Alba) 2018 gu sònraichte cudromach anns a’ cho-theacsa Eòrpach. Tha eileanan air a bhith aig cridhe poileasaidh an Aonaidh Eòrpaich a thaobh co-leantaileachd agus tha artaigil 174 de Co-chòrdadh Lisbon a’ bruidhinn air eileanan mar sgìrean far am bu chòir feumalachdan leasachaidh a bhrosnachadh airson gum bi co-ionannachd le sgìrean eile.28 Tha Alba agus a coimhearsnachdan eileanach a’ sealltainn deagh chleachdaidhean a dh’fheumas Alba a bhith a’ roinneadh gu farsaing le coimhearsnachdan eileanach eile air feadh na Roinn Eòrpa airson ceanglaichean a neartachadh agus feadhainn ùra a chruthachadh.

Tha am Plana a’ fosgladh chothroman eile airson co-roinneadh poileasaidh agus eòlas le com-pàirtichean eadar-nàiseanta aig a bheil an aon mhiann-adhartais airson cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan eileanach. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ gealltainn gus ionnsachadh le chèile a bhrosnachadh airson seasmhachd dùthchail a leasachadh, agus tha seo mar bhunait airson Alba a bhith mar phàirt de dh’àrd-ùrlaran Artaigeach. Tha “Ceanglaichean Artaigeach”, a’ chiad fhrèam-obrach poileasaidh Artaigeach aig Alba,29 a’ meòrachadh air na dùbhlain a tha coltach ri ar nàbaidhean mu thuath, ag innse mu cheanglaichean a th’ ann an-dràsta agus a’ rannsachadh dhòighean airson co-obrachadh na bu dlùithe buileach. Cuidichidh am Plana seo agus na leasanan a tha sinn air ionnsachadh tron phròiseas co-chomhairleachaidh gus na tha sinn a’ cur ri còmhraidhean Artaigeach a neartachadh.

Ach, chan eil Achd nan Eilean (Alba) 2018 agus am Plana dìreach a’ taisbeanadh ceannas roinneil agus Eòrpach, ach tha iad a’ toirt ceannas do dh’Alba aig ìre chruinneil, anns gach prionnsabal a tha bunaiteach dhan Phlana:

• Bidh Plana cothromach stèidhichte air sunnd a’ strì gum bi coimhearsnachdan nas cothromaiche, nas fhallaine agus nas toilichte air feadh Alba. Cuidichidh an dòigh-obrach chòraichean daonna le cunntasalachd nas fheàrr airson a bhith cinnteach gu bheil sinn mothachail air còraichean choimhearsnachdan eileanach, agus gan dìon.

• Bidh plana co-fhillte a’ brosnachadh sheirbheisean co-cheangailte a tha stèidhichte air dòigh-obrach iomlanach a thaobh àite, agus a’ togail chuspairean eaconomach, sòisealta agus àrainneachdail ann an dòigh-obrach cho-fhillte a thaobh poileasaidh eileanach.

28  Cùmhnant Lisbon, alt 174: “Airson a leasachadh co-sheirmeach iomlan a bhrosnachadh, leasaichidh agus leanaidh an t-Aonadh gnìomhan airson a thoirt nas dlùithe gu h-eaconamach, gu sòisealta agus a thaobh ranntair. Gu h-àraid, bidh an t-Aonadh ag amas gus neo-ionnanachd a lùghdachadh eadar ìrean leasachaidh de na sgìrean agus dùbhlain nan sgìrean as lugha fàbhar. Am measg nan sgìrean seo, thèid aire sònraichte a thoirt do sgìrean dùthchail, sgìrean fo bhuaidh atharrachaidhean gnìomhachais, agus sgìream a tha fo bhuaidh droch ana-cothroman maireannach mar na sgìrean as fhaide tuath le dùmhlachd-sluaigh ìosal agus sgìrean, eileanach, tar-chrìochail agus beanntach.”

29  Ro-shealladh airson co-obrachadh, co-roinn eòlais agus com-pàirteachasan poileasaidhean eadar Alba agus an Artaig: https://www.gov.scot/publications/arctic-connections-scotlands-arctic-policy-framework/

Ceannas Eadar-nàiseanta

Page 83: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

• Bidh Plana uaine a’ glacadh nan cothroman a tha a’ tighinn le eaconamaidh nas uaine, nas cothromaiche agus sinn ag obair gu ruige crìoch a chur air na tha Alba a’ cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.

• Bidh Plana ion-ghabhalta a’ brosnachadh fìor chumhachdachadh coimhearsnachd aig ìre ionadail, a’ dèanamh cinnteach gun tèid co-dhùnaidhean an ruighinn cho faisg ’s as urrainn ri far an tèid buaidhean nan co-dhùnaidhean fhaireachdainn.

Le bhith a’ co-thaobhadh gu soilleir le gnìomhan a tha air an dealbh gus còraichean daonna a bhrosnachadh ann an Alba, agus leis an Toradh Nàiseanta ùr a thaobh còraichean daonna, tha am Plana a’ sealltainn ceannas a thaobh chòraichean daonna. Thèid barrachd obrach a thoirt air adhart leis a’ Bhuidhinn-obrach Nàiseanta airson Ceannas Còraichean Daonna co-shìnte leis a’ Phlana seo, ag amas air còraichean daonna a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta a thoirt a-steach gu reachdas dachaigheil. Le bhith ag ullachadh Plana le dòigh-obrach làidir a thaobh chòraichean daonna thathar an dùil taic a chur ri dleastanas ro-innleachdail nas làidire, a’ dèanamh cinnteach gu bheil na gnìomhan practaigeach airson taic a chur ri barrachd cunntachalachd agus lìbhrigeadh a rèir dleastanasan na h-Alba a thaobh còraichean daonna eadar-nàiseanta.

B’ i Alba tè de na ciad dùthchannan a tha air gèilleadh gu foirmeil ri Amasan Leasachaidh Seasmhach aig an UN. Tha Achd nan Eilean (Alba) 2018 agus am Plana nan dòigh airson gun urrainn dhuinn sealltainn co-thaobhadh agus dealas aig Riaghaltas na h-Alba ris na h-Amasan Leasachaidh Seasmhach. Tha seo aig cridhe nan slatan-tomhais a tha sinn a’ cruthachadh airson ar n-adhartas a thomhais ann a bhith a’ buileachadh a’ Phlana. Tha na h-Amasan Leasachaidh Seasmhach air an dealbh gus a bhith co-thaobhach ris an Fhrèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta, a thèid a chleachdadh san dòigh seo cuideachd.

Tha Alba air cùis-èiginn a ghairm a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde agus tha i air na gnìomhan agus dleastanasan aice àrdachadh a thaobh na gnàth-shìde.30 Tha iad seo am measg an fheadhainn as miannaich san t-saoghal, ag iarraidh gum bi eimiseanan de ghasaichean an taigh-ghlainne aig ìre neoni ro 2045. Tha am Plana uaine, agus cluichidh e pàirt ann a bhith a’ lìbhrigeadh a’ cheannais chruinneil aig Alba air atharrachadh na gnàth-shìde. Tha buileachadh a’ Phlana cuideachd mar chothrom airson eileanan na h-Alba a bhrosnachadh mar cho-ionadan innleachdach ann an eaconamaidh a tha uaine agus gorm.

Tha Achd nan Eilean (Alba) 2018 agus am Plana a’ toirt barrachd aithneachadh do dh’Alba gu h-eadar-nàiseanta a thaobh cumhachdachadh coimhearsnachdan. Tha am Plana na sgrìobhainn ion-ghabhalta a tha a’ brosnachadh cumhachdachadh coimhearsnachd aig ìre ionadail, a’ leigeil le co-dhùnaidhean a bhith air an ruighinn cho faisg ’s as urrainn ri far am bi buaidhean nan co-dhùnaidhean air am faireachdainn. Còmhla ri buileachadh Achd Cumhachdachadh Coimhearsnachdan agus Ath-sgrùdadh Riaghlaidh Ionadail, agus an co-bhonn ris an dòigh-obrach a thaobh còraichean daonna, tha am Plana a’ toirt cothrom do dh’eileanan agus coimhearsnachdan eileanach leasanan ionnsachadh agus deagh chleachdaidhean a mhìneachadh airson coimhearsnachdan eileanach eile.

Le cruthachadh, cur air bhog agus buileachadh a’ Phlana, tha Alba a’ sealltainn dhan t-saoghal agus do choimhearsnachdan eileanach, ge brith càite a bheil iad, gu bheil eileanan cudromach agus gu bheil an guthan làidir.

30  https://www.gov.scot/publications/global-climate-emergency-scotlands-response-climate-change-secretary-roseanna-cunninghams-statement/

Page 84: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan82

Leas-phàipear A

Dleastanasan a thaobh Coimhearsnachdan sna h-Eileanan: Ùghdarrasan Buntainneach (air a thoirt a-steach le earrann 7(2) de dh’Achd nan Eilean (Alba) 2018)Riaghaltas na h-Alba (Scottish Administration)

1. Ministearan na h-Alba

2. Neach-glèidhidh Chlàran na h-Alba

3. Neach-glèidhidh Leabhraichean-clàraidh na h-Alba

4. Àrd-neach-clàraidh air Breith, Pòsadh is Bàs airson Alba

Ùghdarrasan poblach na h-Alba le dleastanasan measgaichte neo gun dleastanasan glèidhte sam bith

5. Coimisean nan Cunntasan airson Alba

6. Buidheann-sgrùdaidh na h-Alba

7. Bòrd na Gàidhlig

8. Stòras Mara Cailleannach Earranta (àireamh companaidh SC001854)

9. Èisteachdan Chloinne Alba

10. Alba Chruthachail

11. Coimisean a’ Chroitearachd

12. Oighreachd a’ Chrùin Alba (Riaghladh eadar-amail)

13. Dàibhidh Mac a’ Bhruthainn Earranta (àireamh companaidh SC015304)

14. Puirt-adhair na Gàidhealtachd ’s nan Eilean Earranta (àireamh companaidh SC097647)

15. Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean

Page 85: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

83Plana Nàiseanta nan Eilean

16. Àrainneachd Eachdraidheil Alba

17. Coimisean nan Crìochan airson Riaghaltas Ionadail na h-Alba

18. Coimisean Leas-inntinn airson Alba

19. Comataidh Gluasadachd agus Inntrigidh airson Alba

20. Rianachd Buidheann Chloinne na h-Alba

21. Seirbhis Chùirtean agus Tribiùnalan na h-Alba

22. Iomairt na h-Alba

23. Buidheann Dìon Àrainneachdail na h-Alba

24. Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba

25. Comhairle Maoineachaidh Foghlam Adhartach agus Àrd-ìre na h-Alba

26. Riaghlaiche Taigheadais na h-Alba

27. Coimisean Fearainn na h-Alba

28. Bòrd Taic Laghail na h-Alba

29. Dualchas Nàdar na h-Alba

30. Ùghdarras Poilis na h-Alba

31. Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba

32. Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba

33. Comhairle Spòrs na h-Alba

34. Uisge na h-Alba

35. Leasachadh Sgilean Alba Earranta (àireamh companaidh SC202659)

36. Leasachadh Cùram Sòisealta agus Obair Shòisealta na h-Alba

37. VisitScotland/Alba

Page 86: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

The National Islands Plan84

Bùird Slàinte (a’ gabhail a-steach Bùird Slàinte Sònraichte)

38. Buidheann nan Seirbheisean Coitcheann airson Seirbheis Slàinte na h-Alba

39. Leasachadh Cùram Slàinte Alba

40. NHS 24

41. NHS Siorrachd Àir agus Arainn

42. NHS Crìochan

43. NHS Dùn Phrìs is Gall-Ghàidhealaibh

44. NHS Foghlam airson Alba

45. NHS Fìobha

46. NHS Srath Foirthe

47. NHS Monadh Liath

48. NHS Mòr-roinn Ghlaschu agus Chluaidh

49. NHS Slàinte Alba

50. NHS Gàidhealtachd

51. NHS Siorrachd Lannraig

52. NHS Lodainn

53. NHS Ionad Nàiseanta nan Ùineachan Feitheimh

54. NHS Arcaibh

55. NHS Sealtainn

56. NHS Taobh Tatha

57. NHS Eileanan Siar

58. Seirbheis Ambaileans na h-Alba

59. Bòrd Ospadalan na Stàite airson Alba

Page 87: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

85Plana Nàiseanta nan Eilean

Co-bhùird Amalachaidh

60. Co-bhòrd amalachaidh air a stèidheachadh fo bhuaidh earrann 9 de dh’Achd nam Buidhnean Poblach (Co-obrachadh) (Alba) 2014

Riaghaltas Ionadail

61. Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid

62. Comhairle nan Eilean Siar

63. Comhairle na Gàidhealtachd

64. Comhairle Siorrachd Àir a Tuath

65. Comhairle Arcaibh

66. Comhairle Shealtainn

Colaistean Sgìreil

67. Colaiste Sgìreil Siorrachd Àir

68. Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Com-pàirteachasan Còmhdhail Sgìreil

69. Com-pàirteachas Còmhdhail Sgìreil na Gàidhealtachd agus nan Eilean

70. Com-pàirteachas Còmhdhail Sgìreil Shealtainn

71. Com-pàirteachas Còmhdhail Sgìreil Shrath Chluaidh

Page 88: Plana Nàiseanta nan Eilean - gov.scot€¦ · Eilean a’ sealltainn gu bheil am miann-adhartais agus na h-innealan againn seo a dhèanamh. Paul Wheelhouse BPA Ministear airson Cumhachd,

© Dlighe-sgrìobhaidh a’ Chrùin 2020

ISBN: 978-1-83960-426-3

Tha an sgrìobhainn seo ri fhaotainn air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba:www.gov.scot

Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu sgioba nan eilean aig [email protected]

Air a dheasachadh airson Riaghaltas na h-Alba le APS Group Alba, 21 Sràid Tennant, Dùn Èideann EH6 5NAPPDAS620530 (01/20)

w w w . g o v . s c o t